A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
Tar-shealladh dhen mhalairt thriantanaich
Buaidh na malairt thriantanaich air puirt Bhreatainn agus a' chomann-sòisealta Afraganach, agus cùisean ann am factaraidhean nan daoine fo thràilleachd agus a' chùrsa mheadhain.
Dè bh' anns a' mhalairt thriantanaich?
Faigh a-mach mar a leudaich a' mhalairt thriantanach stèidhichte air Afraganaich fo thràilleachd agus mar a bha e air a ruith.
Dè rinn a' mhalairt thriantanach do phuirt Bhreatainn?
Dh'fhàs puirt Bhreatainn gu luath agus chruthaich iad beairteas mòr bhon mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, agus bho bhathar air a dhèanamh air planntachasan.
Ciamar a thug a' mhalairt buaidh air comainn-shòisealta Afraganach?
Faigh a-mach mar a rinn a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd call air sluagh agus cultar Afraga, agus mar a chuir e ri cogadh agus neo-stèidhealachd.
Dè bh' ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd an Afraga an Iar?
Faigh a-mach mar a dh'fhàs ionadan-malairt Eòrpach gu bhith nan daingneachan dhaoine fo thràilleachd far an robh daoine glacte air an cumail ann an suidheachaidhean gràineil.
Dè bh' anns a' Chùrsa Mheadhain?
Faigh a-mach mun ìre dhen mhalairt thriantanaich aig an robh daoine glacte Afraganach air an giùlan dhan Charibbean.
Tar-shealladh air Breatainn agus an Caribbean
Dèan ath-sgrùdadh air cho cudromach 's a bha barran planntachais, buaidh Bhreatainn sa Charibbean, is buaidh na malairt air eaconamaidh Bhreatainn agus air eileanan a' Charibbean.
Carson a thòisich planntachasan siùcair anns a' Charibbean?
Faigh a-mach mar a dh'fhàs siùcar gu bhith na phrìomh bhàrr planntachais anns a' Charibbean, agus carson a bha e cho prothaideach do Bhreatainn.
Dè a' bhuaidh a bha aig Breatainn air a' Charibbean?
Faigh a-mach mun bhuaidh a bha aig tuineachadh leis na Breatannaich, agus leasachadh nam planntachasan, air a' Charibbean.
Ciamar a thug a' mhalairt buaidh air eaconamaidh Bhreatainn?
Faigh a-mach mar a rinn a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd feum do dh'eaconamaidh Bhreatainn, a' toirt obair agus prothaidean gu puirt mar Bristol, Glaschu is Lunnainn.
Dè a' bhuaidh a bha aig a' mhalairt air a' Charibbean?
Rannsaich a' bhuaidh a bha aig a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd air comann-sòisealta agus cultar, eaconamaidh agus àrainneachd a' Charibbean.
Tar-shealladh air na thachair dha daoine glacte agus oidhirpean saorsa
Dèan ath-sgrùdadh is thoir sùil eile air obair, làimhseachadh agus cor-obrach nan daoine fo thràilleachd anns a' Charibbean agus mar a dh'fheuch iad ri cur an aghaidh tràilleachd.
Dè an obair a bhiodh daoine fo thràilleachd a' dèanamh sa Charibbean?
Faigh a-mach mu obair an luchd-obrach fo thràilleachd air planntachasan siùcair agus ann am factaraidhean siùcair, agus an obair eile a bh' air a sparradh orra anns a' Charibbean.
Ciamar a dhèiligeadh ri Afraganaich fo thràilleachd sa Charibbean?
Faigh a-mach mar a bhathar a' dèiligeadh ri daoine fo thràilleachd agus an cor-beatha a bh' aca anns a' Charibbean.
Ciamar a bha daoine fo thràilleachd a' cur na aghaidh?
Faigh a-mach mu na dòighean gnìomhach agus neo-ghnìomhach a bha aig daoine Afraganach fo thràilleachd airson seasamh an aghaidh a bhith glacte, nam measg ar-a-mach.
Tar-shealladh air na h-iomairtean airson cur às do thràilleachd
Dèan ath-sgrùdadh agus thoir sùil eile air tùsan, dòighean-obrach agus argamaidean nan iomairtean gus cur às do thràilleachd agus carson a bha iad soirbheachail.
Ciamar a thòisich an gluasad airson cur às do thràilleachd?
Faigh a-mach mu thùsan a' ghluasaid gus cur às do thràilleachd, agus na h-argamaidean cràbhach, daonnachdail agus eaconamach an aghaidh tràilleachd.
Ciamar a chaidh air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a stad?
Mar a chleachd daoine a bha airson cur às do thràilleachd cruinneachadh fianais, coinneamhan poblach, athchuingean is gnìomhachd laghail airson stad a chur air a' mhalairt.
Dè na h-argamaidean a bha an aghaidh cur às do thràilleachd?
Mar a chur ùidhean ionmhasail, beairteas catharra, coiteachadh poilitigeach is buaidh Mòr-chaochladh na Frainge uile dàil ann an cur às do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
Carson a bha iomairt 1807 airson cur às do thràilleachd soirbheachail?
Thoir sùil air a' phàirt a bh' aig beachd a' phobaill, atharrachadh eaconamach agus gnìomhan sa Phàrlamaid ann a bhith a' cur às dhan mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.