Tha Fin agus Snoot a' coimhead air cumaidhean 2sh agus cruthan 3sh le taic bho inneal annasach

Dè th' ann an cumadh 2sh?
Tha cumadh 2sh flat. Tha 2sh a' ciallachadh gu bheil dà thomhas aige:
- faid agus leud
no
- faid agus àirde
Tha cearcall, triantan, ceàrnag, ceart-cheàrnach, còig-cheàrnach agus sia-cheàrnach nan cumaidhean 2sh.


Dè th' ann an cruth 3sh?
Tha trì toimhsean aig cruth 3sh:
- faid, leud agus àirde
Tha cruinne, ciùb, ciùbaid, pioramaid, còn, priosam agus siolandair nan cruthan 3sh.

More on Cumadh, suidheachadh agus gluasad
Find out more by working through a topic