Turas a' bhìdh
Mus tòisich thu ag ithe na dinneir as fheàrr leat, an do smaoinich thu riamh… cò às an tàinig am biadh seo?
Nam bruidhneadh biadh, dh'innseadh e sgeulachdan inntinneach dhut mun turas iongantach a ghabh e gu do thruinnsear. Tha sgeulachd eadar-dhealaichte aig gach seòrsa bìdh.
Faclan feumail
- paistiuraich – teasaich aig teòthachd glè àrd airson bitheagan a mharbhadh
- bhat – tanca mhòr dham bi bainne ga dhòrtadh
- cruithneachd – gràn a bhios ga fhàs ann an uireadan mòra ann an achannan agus a ghabhas a dhèanamh na fhlùr
- fogharadh/buain – nuair a bhios an tuathanach a' cruinneachadh a' bhàrr às na h-achannan. Bidh tuathanaich a' cleachdadh inneal ris an canar inneal-fogharaidh airson an gràn a chruinneachadh bhon chruithneachd
- taois – measgachadh bog de fhlùr, uisge agus beirm. Faodar taois a chumadh agus a bhruich na aran
Feuch air na ceistean seo agus faic dè cho eòlach 's a tha thu air turasan bìdh.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count7 of 10
- count8 of 10
- count9 of 10
- count10 of 10