Tha Fin, Snoot agus Plimble a' cleachdadh clàr-shràcan, graf-cholbhan agus clàr-cearcaill airson mìoban a chunntadh

Ciamar a chunntas agus a thaisbeanas mi dàta?
Tha sràcan luath airson clàradh nuair a tha thu a' cunntadh:
- tarraing loidhne coltach ri 1 airson gach àireamh a tha thu airson a chunntadh
- nuair a thig thu gu 5, tarraing loidhne thrastanach tarsainn a' chiad ceithir loidhneachan
- nuair a bhios tu deiseil, bidh e nas fhasa na sràcan a chunntadh ann am buidhnean de 5


Ciamar a sheallas mi dè chunnt mi?
Seallaidh clàr:
- an rud a chunnt thu air an taobh chlì
- cia mheud air an taobh dheas mar àireamh


Seallaidh graf-cholbhan:
- an rud a chunnt thu a-null am bonn agus àireamhan suas an taobh clì
- bidh àireamh gach rud air a shealltainn le colbh
- bidh àirde gach colbh a' sealltainn cia mheud a th' ann de gach rud


Bidh clàr-cearcaill a' sealltainn àireamh iomlan ann an cearcall:
- bidh an cearcall air a roinn ann an diofar earrannan airson diofar rudan
- mar as motha an earrann 's ann as motha an àireamh de rudan
