Ciamar a dh'obraicheas mi a-mach an fhaid a th' ann an rud?

Part of Àireamhachd agus MatamataigTomhas

Tha Fin agus Snoot ag obrachadh a-mach na faid anns na càraichean ùra aca, le ceumannan, ceudameatairean agus meatairean

Ciamar a nì thu tuairmse air an fhaid a th' ann an rud?

Ma bhios tu a' dèanamh tuairmse, bidh thu ag obrachadh rud a-mach gu bhith faisg air a bhith ceart.

'S e dòigh mhath air faid a thuairmse a thomhas le pàirt dhed bhodhaig:

  • airson faidean goirid cleachd rèis do làimhe
  • airson rud a tha beagan nas fhaide feuch faid do chasan
  • airson rud a tha fiù 's nas fhaide feuch rèis do ghàirdein no ceumannan

Ciamar a thomhaiseas tu faid gu mionaideach?

Airson rud a thomhas gu mionaideach cleachd aonadan àbhaisteach.

Bu chòir dhut diofar aonadan a chleachdadh airson diofar fhaidean:

  • tha milemeatairean (mm) math airson faidean beaga – mar leud peansail no do chorrag
  • tha ceudameatairean (cm) math airson rudan beagan nas fhaide – mar faid peansail no leabhar
  • tha meatairean (m) math airson rudan fiù 's nas fhaide – mar leud rùm no faid togalaich
  • tha cilemeatairean (km) math airson astaran nas fhaide – mar an t-astar eadar do dhachaigh agus an sgoil, no eadar diofar bhailtean

Bu chòir dhut innealan iomchaidh a chleachdadh airson tomhas gu mionaideach, mar rùilear, teip-tomhais, maide meatair no roth-tomhais.

More on Tomhas

Find out more by working through a topic