Ann an Alba, bidh sinn a' caitheamh mu 988,000 tunna biadh is deoch gach bliadhna. Carson a tha sin agus ciamar a chuireas sinn stad air?
Carson a bhios sinn a' caitheamh biadh?
Bidh mòran againn a' ceannach barrachd bìdh na dh'fheumas sinn, a' còcaireachd barrachd na dh'itheas sinn agus cha bhi sinn ga chleachdadh mus bi an deit aige seachad.
Dè tha cho dona mu chaitheamh bìdh?
- Nuair a bhios biadh ga fhàs no ga dhèanamh, bidh e a' cosg stòrasan nàdarra mar uisge agus lùth. Tha buaidh aig an seo air atharrachadh na gnàth-shìde.
- Ann an cuid de dhùthchannan, tha daoine leis an acras seach nach eil biadh gu leòr aca.
- Bidh sinn a' cosg tòrr ùine a' dol a cheannach biadh agus ga dheasachadh.
- Tha caitheamh bìdh a' cosg airgead dhuinn.
- Glè thric, bidh sgudal bìdh ga chur dhan talamh. Chan eil sin math dhan phlanaid.
Beachdan airson sgur a chaitheamh biadh
- Dèan plana – bruidhinn mu na dinnearan a bu toigh leat fad na seachdain agus na ceannaich ach na stuthan a dh'fheumas tu.
- Liosta airson na bùtha – thoir leat liosta dhan mhòr-bhùth agus cùm rithe. Na ceannaich càil ach na dh'fheumas tu.
- Ceannaich measan is lusan le cruthan neònach – glè thric bidh stuth le cruth neònach air fhàgail sa mhòr-bhùth. 'S dòcha gu bheil coltas beagan eadar-dhealaichte air, ach tha am blas aige a cheart cho math!
- Ceannaich biadh gun mòran ùine air fhàgail aige – feumaidh bùithtean biadh a shadail às nuair a thèid an deit aige seachad. Bidh iad uaireannan a' leagail na prìs aige airson a reic luath. Cuiridh e stad air caitheamh, agus caomhnaidh tu airgead, ma dh'itheas tu e mus bi an deit seachad.
- Stòr biadh san dòigh cheart – còmhdaich càise agus cùm fionnar e. Cùm aran ann an àite fionnar, dorcha gus nach tig clòimh-liath air. Na cùm biadh sa bheil tòrr gas, mar abhocadothan agus bananathan còmhla ri measan eile oir bheir iad orra a dhol a dhìth nas luaithe.
- Frìos – cùm biadh sa frìosair airson a chumail ùr agus cleachd e uaireigin eile.
- Cleachd a h-uile sgath bìdh – cleachd a h-uile càil a th' agad mus tèid thu a cheannach a-rithist. Faodaidh tu corran a ghabhail airson lòn, no aran banana a dhèanamh le bananathan a tha ro abaich, gus nach tèid iad dhan sgudal.
- Todhar gàrraidh – cuir corran mheasan is lusan ann am biona todhar gàrraidh mas urrainn dhut.
Image caption, Dèan planaichean
Bidh daoine tric a' ceannach cus bìdh agus bidh pàirt dheth a' dol dhan sgudal. Ma nì thu plana ro-làimh, cha cheannaich thu ach na dh'fheumas tu.
1 of 8
Dè th' ann an todhar gàrraidh?
Tha todhar gàrraidh air a dhèanamh bho stuth organaig (sgudal lusan) a bhriseas sìos gu nàdarra agus a thèid na ùir làn mathachaidh. Tachraidh seo ann an dùn todhar gàrraidh, no ann am biona, fhad 's a gheibh an èadhar air cuairteachadh agus gun drèan uisge air falbh.
Na chuireas tu dhan bhiona todhar gàrraidh
- measan is lusan a tha a' lobhadh
- feur air a ghearradh
- stuth às a' ghàrradh, mar biorain agus duilleagan tioram
- plaosgan uighean
- pocannan-teatha agus pònair cofaidh air am bleith
Thar ùine, lobhaidh am measgachadh seo, agus bidh todhar gàrraidh agad. Faodaidh tu an uair sin an ùir bheairteach seo a chleachdadh airson biadh fhàs dhut fhèin. Airson tòiseachadh, tha leiteas, currain agus uinneanan furasta.
Cha bu chòir sgudal bathar bheathaichean mar feòil, geir no bathar bainne a chur ann am biona todhar gàrraidh oir bidh na biadhan sin a' briseadh sìos ann an dòigh eadar-dhealaichte.
Feuch na ceistean seo agus faigh a-mach nas aithne dhut mu chaitheamh bìdh.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count10 of 10
- count1 of 10
- count2 of 10
- count3 of 10