Tha Fin, Snoot agus Plimble a' roinn piotsa pulsar a' cleachdadh bhloighean
Dè th' ann am bloigh?
Tha bloigh a' ciallachadh pàirt de rud no grunn phàirtean de rudeigin.
Tha dà phàirt ann am bloigh:
- Tha an àireamh air a' mhullach ag innse cia mheud pàirt a th' ann
- Tha an àireamh air a' bhonn a' sealltainn cia mheud pìos dhan deach rud a roinn

Tha ½ a' ciallachadh gun deach 1 phàirt de rud a roinn ann an 2 phàirt.
Canaidh sinn leth ris a seo.
Ma chuireas tu ris dà leth, gheibh thu aon.
½ +½ = 1


Tha ⅓ a' ciallachadh gun deach 1 phàirt de rud a roinn ann an 3 pàirtean.
Canaidh sinn treasamh ris a seo.
Ma chuireas tu ris trì treasamhan, gheibh thu aon.
⅓ + ⅓ + ⅓ = 1


Tha ¼ a' ciallachadh gun deach 1 phàirt de rud a roinn ann an 4 pàirtean.
Canaidh sinn cairteal ris a seo.
Ma chuireas tu ris ceithir cairtealan, gheibh thu aon.
¼ + ¼ + ¼ + ¼ = 1

More on Bloighean
Find out more by working through a topic