Cogaidhean na Saorsa
Balliol agus Eideard I
Sna 1290an, ghabh Eideard I Shasainn barrachd smachd air Alba. An 1296, bha aig uaislean Alba ri bòid dìlseachd a thoirt dha, agus chaill Alba neo-eisimeileachd.
Duilgheadas mu chòir a’ chrùin
Rinn bàs Alasdair III an 1286 is bàs Maighdeann Nirribhidh èiginn ann an Alba. Dh’iarr uaislean Alba air Eideard I rìgh a thaghadh. Bha Eideard an uair sin an sàs ann an cùisean Alba.
Uilleam Ualas
Shabaidich Uilleam Ualas an aghaidh Shasainn is bhuannaich e Blàr Drochaid Shruighle an 1297. An ath bhliadhna thug feachd Eideird buaidh air Alba san Eaglais Bhric. Chuireadh Ualas gu bàs an 1305.
Raibeart Brus
Bha Raibeart Brus ag iarraidh neo-eisimeileachd is crùn Alba. Nuair a thug e buaidh air Sasainn, chuidich sin le Glaodadh Obar Bhrothaig is Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton.