Cha robh Mairead, Maighdeann Nirribhidh ach trì bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a taghadh mar Bhanrigh air Alba. Nuair a chaochail i, gu mì-fhortanach bha Alba gun Rìgh, gun Bhanrigh.
Faigh a-mach mu Mhairead, Maighdeann Nirribhidh agus Cogaidhean Saorsa na h-Alba.
Cò bh' ann am Mairead?
B' e Mairead ogha do Rìgh Alasdair III, Rìgh na h-Alba.
B' e nighean le Alasdair a bu mhàthair dhi agus b' e a h-athair Rìgh Nirribhidh.
Nuair a chaochail a thriùir chloinne ro Alasdair fhèin, b' i Mairead an ath tè san loidhne airson crùn na h-Alba.
Ann an 1286, chaochail Alasdair III nuair a thuit e far an eich aige ann an stoirm.B' i Mairead a-nis Banigh na h-Alba 's gun i ach trì!
Fiosrachadh mu Mhairead
- Rugadh Mairead ann an Nirribhidh ann an 1283
- B' e nighean le Rìgh Erik II à Nirribhidh agus Mairead na h-Alba a bh' innte
- B' e a seanair Rìgh Alasdair III Alba
- Bha Mairead a' dol a phòsadh Prionnsa Eideard Chaernarvon, mac Eideird I Shasainn
- Bhiodh Alba agus Sasainn air an aonadh leis a' phòsadh
- Chaochail Mairead ann an Arcaibh ann an 1290
- Chaidh a tiodhlacadh ann am Bergen, Nirribhidh

Ciamar a chaochail Mairead?
Dh'aontaich a h-athair, Rìgh Erik II à Nirribhidh, agus iarlan na h-Alba, ri Rìgh Shasainn, Eideard I, gum pòsadh Mairead a mhac.
Ann an 1290, chuir Eideard I air dòigh bàta a bheireadh Mairead à Nirribhidh a dh'Alba. Bhiodh i air a crùnadh na banrigh air Alba mus deigheadh i a Shasainn a phòsadh a mic.
Dh'fhàs Mairead glè thinn air an t-slighe. Stad am bàta ann an Arcaibh agus chaochail Mairead fhad 's a bha i ann. Bha i seachd bliadhna a dh'aois.
Thathar an dùil gur e cur-na-mara a mharbh i.
Bha duilgheadas mòr aig Alba a-nis. Cha robh rìgh no banrigh aice airson a riaghladh.

Craobh-teaghlaich Mairead
Rannsaich teaghlach Maireid:
More on Cogaidhean na Saorsa
Find out more by working through a topic
- count3 of 11
- count4 of 11
- count5 of 11
- count6 of 11