Cathy NicDhòmhnaill
'S i an t-seinneadair chliùiteach Uibhisteach Mairi NicAonghais a tha air aoigheachd aig Cathy an-diugh. Acclaimed Gaelic singer, Mairi MacInnes, is Cathy's guest today.
Bha sgeulachd aig am fear-naidheachd, Ruairidh Macìomhair, air Aithris Na Maidne an-dè ‘s e ag innse mar a chaidh triùir bhràithrean Hearach a shabaid ann an Cogadh Vietnam. Cluinnidh sinn bhuaidhe an-diugh mar a fhuair e lorg air an sgeulachd an toiseach agus mun obair-rannsachaidh a bha na luib.
Dà fhichead bliadhna bho thàinig an fhilm Albannach 'Restless Natives' a-mach an toiseach tha dealbh-chluich chiùil stèidhte air an fhilm ri fhaicinn air an àrd ùrlar ann an taighean-cluiche air feadh Alba as na mìosan a tha romhainn. Chaidh Artair Donald dha fhaicinn an raoir fhèin agus bheir e dhuinn a bheachd air.
'S i an t-seinneadair chliùiteach Uibhisteach, Mairi NicAonghais, a tha air aoigheachd aig Cathy an-diugh.
On radio
Broadcasts
- Today 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today 22:25BBC Radio nan Gàidheal