Sgilean geoimeatraidhAn cearcall

Tha foirmlean ann gus cuairt-thomhas, farsaingeachd no tomhas-lìonaidh a lorg. 'S e òrdugh co-chothromachd chuartail cia mheud turas a dh'fhiotas cumadh dhan chumadh thùsail aige ann an car de 360°.

Part of MatamataigGeoimeatraidh

An cearcall

Cuairt-thomhas leth-chearcaill

Cuimhnich gur e a' an fhaid timcheall an taobh a-muigh.

Tha dà oir air leth-chearcall. 'S e aon dhiubh leth cearcall-thomhas agus 's e trast-thomhas a tha san tèile.

Diagram of a semicircle with an 8cm diameter

\(C = \pi d\)

\(= 3.14 \times 8\)

\(= 25.12\,cm\)

Cuimhnich gur e seo cearcall-thomhas a' chearcaill gu lèir. Mar sin feumaidh sinn leth a dhèanamh dhen fhreagairt.

\(25.12 \div 2 = 12.56\,cm\)

Cuairt-thomhas gu lèir \(= 12.56 + 8 = 20.56\,cm\)

Farsaingeachd cearcaill

Airson cearcall sam bith le radius, \(r\), obraichidh tu a-mach an , \(A\), leis an fhoirmle:

\(A = \pi {r^2}\)

Diagram of a circle with a radius of 12cm

\(A = \pi {r^2}\)

\(= 3.14 \times 12 \times 12\)

\(= 452.16\,c{m^2}\)

Farsaingeachd leth-chearcaill

Mar a thuigeas tu, 's e leth de chearcall a th' ann an leth-chearcall! Gus farsaingeachd leth-chearcaill a lorg, bidh sinn ag obrachadh a-mach farsaingeachd a' chearcaill gu lèir, \(A\), agus an uair sin a' dèanamh leth dhen fhreagairt.

Diagram of a semicircle with an 4cm diameter

\(A = \pi {r^2}\)

\(= 3.14 \times 4 \times 4\)

\(= 50.24\,c{m^2}\)

\(\text{Farsaingeachd leth-chearcaill} = 50.24 \div 2 = 25.12\,c{m^2}\)

Farsaingeachd cumadh co-cheangailte

Tha ceart-cheàrnach agus leth-chearcall sa chumadh seo.

Gus an fharsaingeachd gu lèir obrachadh a-mach, bidh sinn dìreach ag obrachadh a-mach farsaingeachd gach pàirt agus gan cur-ris.

Combined rectangle and semicircle measuring 20mm x 30mm

\(\text{Farsaingeachd ceart-cheàrnaich = faid × leud}\)

\(= 20 \times 30\)

\(= 600\,m{m^2}\)

\(\text{Farsaingeachd cearcaill} = \pi {r^2}\)

\(= 3.14 \times 10 \times 10\)

\(= 314\,m{m^2}\)

\(\text{Farsaingeachd leth-chearcaill} = 314 \div 2 = 157\,m{m^2}\)

\(\text{Farsaingeachd iomlan} = 600 + 157\)

\(= 757\,m{m^2}\)