Cruinneachadh agus tuairmseCruinneachadh agus tuairmse

'S e dòigh air freagairt a thuairmse a th' ann an cruinneachadh gu figearan brìgheil. Faodar an uair sin obrachaidhean a dhèanamh is freagairtean a chruinneachadh chun an fhigeir bhrìgheil as fhaisge.

Part of MatamataigÀireamhachd

Cruinneachadh agus tuairmse

Uaireannan chan fheum sinn freagairt mhionaideach a thoirt do cheist – chan fheum sinn ach tuairmse.

Nuair a tha àireamh mhòr, fhada againn, faodaidh sinn a cruinneachadh chun na mìle, no chun a' mhillein, as fhaisge.

Agus nuair a bheir àireamhair dhuinn freagairt fada, deicheach, faodaidh sinn a chruinneachadh gu grunn ionadan deicheach.

'S e dòigh eile air tuairmse a thoirt air freagairt ma chruinnicheas sinn gu figearan brìgheil.

Tha am facal brìgheil a' ciallachadh cudromach. Mar as fhaisge a figear air toiseach àireimh, 's ann as cudromaiche – no as brìgheile – a tha i.

San àireimh \(368249\), 's e \(3\) am figear as brìgheile, oir tha tha e ag innse dhuinn gur e \(3\) cheud mìle is rudeigin a th' ann. 'S e \(6\) an ath fhigear as brìgheile, agus mar sin air adhart.

Anns an àireimh \(0.0000058763\), 's e \(5\) am figear as brìgheile, oir tha tha e ag innse dhuinn gur e \(5\) milleanamhan agus rudeigin. 'S e \(8\) an ath àireamh as cudromaiche, agus mar sin air adhart.

Bidh sinn a' cruinneachadh àireamh le àireamh shònraichte de àireamhan brìgheil. 'S e na h-àireamhan brìgheile as cumanta \(1,\,2\,no\,3\).

Ceistean

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu \(368249\) gu \(1\) fhigear brìgheil?

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu an àireamh \(0.00245\) gu \(1\) fhigear brìgheil?

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu \(0.0000058763\) gu \(2\) fhigear brìgheil?