Ro-innleachdan turasachd
Eag-thurasachd
Tha iomadh riaghaltas ann an dùthchannan fo leasachadh air pàircean nàiseanta a stèidheachadh airson an àrainneachd chugallach a dhìon agus airson prothaid a dhèanamh bho luchd-turais.
Ann an cuid de dh'àitichean chan eil e ceadaichte do chus dhaoine tadhal. Mar eisimpleir, chan fhaod ach àireamh shònraichte gach latha a dhol air Slighe nan Inca ann am Peru agus iad a' feuchainn ris an dealbh-tìre àlainn agus na seann togalaichean a ghleidheadh.
Chan fhaod àireamh mhòr a dhol air turasan – chan fhaod ach eadar 12 is 24, a rèir 's dè cho cugallach 's a tha àrainneachd, a bhith anns na buidhnean aig cuid de chompanaidhean siubhail.
Turasachd
Tha e na dhleastanas air riaghaltasan ionadail agus nàiseanta turasachd a mhanaidseadh. Bidh an ro-innleachd eadar-dhealaichte airson gach baile-turasachd agus goireas turasachd. Bidh mòran dhe na ro-innleachdan a' bualadh air gach sgìre turasachd.
- Tha ionadan-fiosrachaidh do luchd-turais anns a' mhòr-chuid de mhòr-bhailtean, ann am pàircean nàiseanta agus ann an sgìrean sa bheil ùidh aig luchd-turais.
- Soidhnichean ag innse dè bu chòir, agus nach bu chòir, a dhèanamh.
- Slighean-coise air an togail a dh'aon ghnothaich airson luchd-coiseachd a chumail air falbh bho sgìrean cugallach.
- Tha pàircean chàraichean gan togail airson càraichean a chumail far nan rathaidean agus airson nach bi an trafaig cho dùmhail.
- Luchd-iùil airson gun ionnsaich daoine mu thurasachd chùramach.
Bailtean-turasachd ris a' chladach
- Iomairt Blue Flag airson gum bi tràghannan nas glaine.
- Barrachd ionadan-òtrachais airson cunnart truailleadh uisge agus galaran a lùghdachadh.
- Foghlam – soidhnichean ann am bailtean-turasachd a' cur cuideam air dè bu chòir, agus nach bu chòir, a dhèanamh.
- Cìs carbon air siubhal adhair airson na tha de charbon a' dol mu sgaoil air sgàth phlèanaichean a tha a' dol gu bailtean-turasachd air cladaichean thall thairis.
- Bidh riochdairean shaor-làithean sna bailtean-turasachd a' comhairleachadh luchd-turais mu thurasachd chùramach.
Pàircean nàiseanta san Rìoghachd Aonaichte
- Faodaidh sgìrean a' chomharrachadh mar phàircean nàiseanta an cuideachadh gan gleidheadh.
- Tha Urras Nàiseanta na h-Alba agus am Buidheann Turasachd Nàiseanta a' cuideachadh le bhith a' brosnachadh turasachd chùramach.
- Bidh Luchd-raoin Phàircean a' toirt comhairle dhan phoball.
- Bidh luchd-tadhail a' faighinn bhileagan airson a bhith cinnteach gun cùm iad ri còd na dùthcha.
- Fiosrachadh air an TBh airson còd na dùthcha ionnsachadh do dhaoine.
- Sgìrean toirmisgte airson dealbhan-tìre cugallach a dhìon, me ùrlar amhairc air mullach na beinne, An Càrn Gorm.
- Fo-laghan air an stèidheachadh leis a' chomhairle ionadail, me casg air campachadh fiadhaich air bruaichean Loch Laomainn.
- Bidh Honey pots a' tàladh dhaoine air falbh bho na h-àitichean as laige, me Malham sna Yorkshire Dales.
- Dòighean air trafaig a shlaodachadh ann am bailtean beaga.
- Sgeamachan Park and Ride gus an àireamh chàraichean air na rathaidean a lùghdachadh.
- Soidhnichean air slighean-coise airson daoine a chumail air falbh o sgìrean cugallach.
- Slighean bhaidhsagalan air an comharrachadh.
- Bionaichean sgudail gan toirt air falbh gus luchd-turais a bhrosnachadh sgudal a thoirt dhachaigh leotha.
- Tèarmainn do dh'eòin agus tèarmainn nàdair a' cuideachadh le dìon an fhiadh-bheatha.
- Sgìrean Bòidhchead Nàdair agus Ionadan de Shùim Shònraichte Shaidheansail air an comharrachadh gus dealbhan-tìre agus àrainnean cudromach a dhìon.