Gnàth-shìde tundra
Far a bheil e
Dealbh-tìre tundra as t-samhradh
Gheibhear àrainneachd tundra san leth-chruinne a tuath timcheall air Cearcall na h-Artaig. Tha àitichean sa bheil gnàth-shìde tundra artaigeach a' gabhail a-steach:
- Ameireaga a Tuath, me Canada a Tuath agus Alasga
- An Roinn Eòrpa, me Innis Tìle agus ceann a tuath nan Dùthchannan Lochlannach
- Àisia, me ceann a tuath na Ruis agus Siberia

Tha seòrsa eile de thundra ann ris an canar tundra ailpeach, agus tha sin air mullach bheanntan àrda air feadh an t-saoghail.
Fiosrachadh mu ghnàth-shìde tundra
Tha àrainneachd san tundra uabhasach fuar le glè bheag de shileadh, agus 's e sneachd as motha a tha sa bheagan sin. Bidh an teòthachd fo 0°C a' mhòr-chuid dhen bhliadhna. Tha an teòthachd chuibheasach bhliadhnail mu -28°C agus faodaidh e bhith cho fuar ri -70°C. Tha atharrachadh mòr san teòthachd ann oir faodaidh e èirigh gu 12°C ann am mìosan an t-samhraidh. Uaireannan canar fàsach fuar ri dealbhan-tìre tundra oir tha an sileadh bliadhnail nas lugha na 250mm. Faodaidh gaoth mhòr, reòta a bhith ann. As t-samhradh bidh grunn sheachdainean ann nuair a bhios an latha ann fad na h-ùine – bidh a' ghrian a' deàrrsadh an ìre mhath fad nan 24 uairean. Sin as coireach gun canar Tìr Grian na Meadhan-oidhche ris. Tha an geamhradh fada agus dorcha – faodaidh na h-oidhcheannan maireachdainn fad sheachdainean gun a' ghrian a bhith ag èirigh cha mhòr idir.
Tha a' ghnàth-shìde chruaidh a' ciallachadh nach eil an tundra torrach. 'S e glè bheag a bhios a' fàs, fiù 's as t-samhradh mar a chithear san dealbh:
