BochdainnBochdainn na cruinne

Tha mòran de shluagh an t-saoghail beò ann am fìor bhochdainn. Tha buidhnean leithid nan Dùthchannan Aonaichte, cuide ri buidhnean neo-riaghaltasach (NGOs), a' feuchainn ri smachd a chumail air a' chùis.

Part of Nuadh-eòlasBochdainn

Bochdainn na cruinne

Tha bochdainn a' toirt buaidh air gach dùthaich timcheall an t-saoghail. 'S ann glè ainneamh a tha aon dùthaich air fad bochd, ach tha cuid de shluagh na dùthcha sin ann am bochdainn. Ann an dùthaich bheairteach, leithid na RA, tha mòran dhaoine a tha bochd. San aon dòigh tha daoine beairteach ann an dùthchannan, leithid Tanzania, a thathar a' meas bochd.

Tha Na Dùthchannan Aonaichte (United Nations no UN) a' feuchainn ri dèiligeadh ri bochdainn. Ann an 2000 stèidhich iad ochd Amasan Leasachaidh nam Mìle-bliadhna (Millennium Development Goals no MDGs) gus strì an aghaidh bochdainn agus an dòigh-beatha a leasachadh ann an dùthchannan bochda. Chaidh na h-Amasan Leasachadh Seasmhach (Sustainable Development Goals no SDGs) a chur nan àite sin ann an 2016. Tha amasan aca sin airson gach dùthaich air an t-saoghal agus tha iad ag amas air crìoch a chur air a h-uile seòrsa bochdainn agus acras ro 2030.

Tha Amas Leasachadh Seasmhach 1 ag amas air crìoch a chur air bochdainn:

Find out more about what poverty means

Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige
Figure caption,
Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige

Tha na h-uiread de dh'adhartas ga dhèanamh air sgàth 's obair a tha buidhnean mar an UN a' dèanamh, cobhair bho dhùthchannan fa leth, faothachadh fhiachan le prìomh chumhachdan agus fàs eaconamach ann an Afraga. Ach ann an 2021, thuirt an UN gu bheil dùthchannan air dheireadh agus nach coilean iad an targaid ann an 2030.