Sgilean staitistearachdGraf-sgapte

Tha diagraman sgapte gan cleachdadh gus an dàimh eadar dà chaochladair a’ rannsachadh. Bidh an loidhne as freagarraiche tric ga cleachdadh gus dàimh a shealltainn is tuairmse a dhèanamh air toraidhean

Part of MatamataigStaitistearachd

Graf-sgapte

Bidh grafan-sgapte gan cleachdadh gus dàimh eadar dà chochladair a rannsachadh.

Eisimpleir 1

Chaidh àirde agus cuideam fichead pàiste ann an clas a chlàradh. Tha an toradh sa ghraf-sgapte gu h-ìosal.

Tha gach puing air a' ghraf a' riochdachadh aon phàiste a' cleachdadh nan co-chomharran (Àirde, Cuideam). Tha an graf-sgapte seo a' sealltainn co-dhàimh dhearbhte.

Scatter diagram showing correlation between height and weight

Eisimpleir 2

Tha an graf-sgapte gu h-ìosal a' sealltainn eisimpleir de dhàta le co-dhàimh àicheil.

Alternative results scatter diagram