A' coimeas seataichean-dàtaCuibheasan

Faodar seataichean-dàta agus plot-bhogsaichean a choimeas agus am mìneachadh gus anailis a dhèanamh air na coltasan agus na diofaran a th' annta.

Part of Gnìomhan MatamataigsStaitistearachd

Cuibheasan

Nuair a bhios tu airson co-dhùnaidhean a dhèanamh bhon dàta, tha e feumail cuibheasan obrachadh a-mach.

Tha cuibheas a' sealltainn an luach chumanta ann an seata-dàta. 'S e na prìomh sheòrsaichean:

  • cuibheas
  • meadhan
  • mòd.

Gheibh thu cuideachd barrachd fiosrachaidh bhon dàta le bhith a' tomhas na buailteachd mheadhain agus a' tomhas an sgaoilidh.

Ag obrachadh a-mach chuibheasan

Eisimpleir

Mar phàirt de phròiseact sgoile, feumaidh Kieran an àireamh thragan air gach clàr a th' aige a sgrìobhadh:

\(10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9, 12\)

Feumaidh e an uair sin an cuibheas, am meadhan agus am mòd obrachadh a-mach.