Coimeasach agus feabhasachCoimeasach agus feabhasach
Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air coimeasach agus feabhasach leis an earrainn is an deuchainn seo.
Airson coimeas a dhèanamh eadar aon rud agus rud eile ann an Gàidhlig, bidh thu a' cur e ri deireadh a' bhuadhair. Uaireannan feumaidh tu i a chur a-steach ron chonnraig mu dheireadh sa bhuadhair.
Mar eisimpleir:
àrd - nas àirde
caol - nas caoile
daor - nas daoire
saor - nas saoire
Ma thu airson a ràdh gu bheil rud gun choimeas, bidh thu a' cleachdadh as an àite nas. Bidh thu ag atharrachadh structur an t-seantans cuideachd:
Tha Beinn Nibheis nas àirde na Sgùrr nan Gillean
'S e Beinn Everest a' bheinn as àirde san t-saoghal