A' fuasgladh cho-aontaran
Ann am matamataig bidh ceistean glè thric air am freagairt le bhith a' fuasgladh cho-aontaran.
Airson am fuasgladh, feumaidh sinn faighinn a-mach dè tha an litir sa cho-aontar a' riochdachadh. Canar fuasgladh a' cho-aontair ris an àireimh sin.
Mar as trice tha grunn dhòighean ann air co-aontar fhuasgladh. Ma tha an dòigh a thaghas tu daonnan a' toirt dhut freagairt ceart, cùm ort leis an dòigh sin!
Tha sinne a' dol a chleachdadh:
Atharraich taobh, atharraich obrachadh
Question
Fuasgail an co-aontar \(x + 5 = 12\)
Tha cuir-ris a' dol gu thoir-air-falbh.
Question
Fuasgail an co-aontar \(3x - 15 = 9\)
Bidh thoir-air-falbh a' dol gu cuir-ris, agus bidh iomadaich a' dol gu roinn.
Nuair a bhios litrichean air an dà thaobh dhen cho-aontar, feumaidh sinn an riaghailt seo:
Litrichean gu clì, àireamhan gu deas
Question
Fuasgail an co-aontar \(7x - 3 = 3x + 17\)
\(7x - 3 = 3x + 17\)
\(7x - 3x = 17 + 3\)
\(4x = 20\)
\(x = 20 \div 4\)
\(x = 5\)
Question
Fuasgail an co-aontar \(5p - 2 = 7p + 12\)
\(5p - 2 = 7p + 12\)
\(5p - 7p = 12 + 2\)
\(- 2p = 14\)
\(p = 14 \div - 2\)
\(p = - 7\)
Faodaidh sinn co-aontar a chleachdadh mar mhodail de shuidheachadh. Mar eisimpleir:
Question
Fhuair teaghlach bhan air mhàl nuair a bha iad a' dol a thaigh ùr. Chunnaic iad sanas sa phàipear agus chleachd iad an companaidh seo.
Nuair a chuir iad a' bhan air ais, bha aca ri £59 a phàigheadh. Cia mheud uair a thìde a bha a' bhan aca air mhàl?
Feumaidh sinn an toiseach am fiosrachadh a chur ann an co-aontar.
Bha a' bhan aca air mhàl airson \(x\) uairean a thìde. Sin a dh'fheumas sinn obrachadh a-mach.
Bidh an cunntas iomlan aca 17 agus 6 uiread \(x\).
'S àbhaist dhuinn seo a sgrìobhadh mar \(6x + 17\).
\(6x + 17 = 59\)
\(6x = 59 - 17\)
\(6x = 42\)
\(x = 42 \div 6\)
\(x = 7\)
Mar sin bha a' bhan aca air mhàl airson 7 uairean a thìde.