CaiseadAg obrachadh a-mach caisead le co-chomharran

Tha caisead na thomhas air dè cho cas 's a tha leathad no loidhne. Faodaidh sinn caiseadan obrachadh a-mach le bhith a' roinn na h-àirde bheartagail leis an astar chòmhnard.

Part of Gnìomhan MatamataigsSgilean geoimeatraidh

Ag obrachadh a-mach caisead le co-chomharran

Mus tòisich thu air an earrainn seo, bu chòir dhut sùil eile a thoirt air an earrainn Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs - Caisead leathaid.

Tha an earrann aig Nàiseanta 4 a' sealltainn mar a dh'obraicheas tu a-mach caisead leathaid a' cleachdadh na h-àirde bheartagail agus an t-astar còmhnard.

Faodaidh sinn dòigh obrach coltach ris a seo a chleachdadh nuair a bhios sinn ag obrachadh a-mach caisead loidhne eadar dà phuing chomharraichte air diagram cho-chomharran.

Eisimpleir

Obraich a-mach caisead na loidhne a tha a' coinneachadh na puing \(A\,\,(3,2)\) agus a' phuing \(B\,\,(11,6)\).

Freagairt

Comharraich na puingean air pàipear ceàrnagach agus chì thu gu bheil an loidhne \(AB\) ag aomadh suas. Mar sin tha an caisead dearbhte.

Obraichidh sinn a-mach an àirde bheartagail le bhith a' toirt-air-falbh a' cho-chomharra-y aig \(A\) bhon cho-chomharra-y aig \(B\).

\(=6-2=4\)

Obraichidh sinn a-mach an t-astar còmhnard le bhith a' toirt-air-falbh a' cho-chomharra-x aig \(A\) bhon cho-chomharra-x aig \(B\).

\(=11-3=8\)

Dèan triantan ceart-cheàrnach leis an loidhne \(AB\) mar hypotenuse.

Right angled triangle. Hypotenuse A to B unmarked. Other sides 8 and 4.

Caisead loidhne \(\text{AB}\, = \frac{{\text{àirde bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}\)

\( =\frac{4}{8} \)

\( =\frac{1}{2} \)

Feuch a-nis a' cheist seo.

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne a tha a' coinneachadh na puing \(A\,\,(-2,8)\) agus a' phuing \(B\,\,(5,1)\).