Slàinte
Ro-ràdh
Tha tinneasan ann an dùthchannan leasaichte agus ann an dùthchannan fo leasachadh. Tha cuid dhiubh dìreach ann an sgìrean sònraichte agus tha cuid eile air feadh an t-saoghail.
Am measg nam prìomh thinneasan a tha cumanta ann an dùthchannan fo leasachadh tha:
- mailèiria
- cholera
- kwashiorkor
- an grèim
Am measg nam prìomh thinneasan a tha cumanta ann an dùthchannan leasaichte tha:
- tinneas cridhe
- aillse
- a' chuing (an sac)
Tha an galar AIDS an dà chuid ann an dùthchannan leasaichte agus fo leasachadh.