Na poilis ann an Alba
Thàinig Seirbheis Poileas na h-Alba (Police Scotland) gu bith air 1 Giblean 2013. 'S e aon fheachd phoileis nàiseanta a th' ann a-nis, an àite nan ochd feachdan a bh' anns an dùthaich roimhe. Bha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum biodh aon fheachd na b' èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir agus na bu shaoire a ruith.
Dè an obair a tha aig na poilis?
'S e prìomh dhleastanas nam poileas a bhith a' dìon choimhearsnachdan. Tha seo a' ciallachadh, cho fad 's a tha comasach, gum bi iad a' cur stad air eucoir. Ach, ma bhios eucoir air a dhèanamh, bidh iad ga rannsachadh agus a' cur an fheadhainn a tha iad an amharas a rinn e an grèim.
Mar sin, 's e obair nam poileas:
- sìth a chumail am measg a' phobaill
- stad a chur air eucoir
- eucoirich a ghlacadh
- smachd a chumail air trafaig
- eucoirean a rannsachadh
A' cumail na sìthe

Bithear tric a' faicinn Seirbheis Poileas na h-Alba nuair a tha iad a' cumail rian agus smachd air cruinneachaidhean mòra de dhaoine. Glè thric, bidh seo aig tachartasan mòra spòrs, no nuair a tha daoine a' togail fianais. Feumaidh am poileas a bhith ann airson dèanamh cinnteach gu bheil na daoine a tha an làthair sàbhailte agus nach eil duine sam bith a' briseadh an lagha.
Bacadh eucoir
Tha e nas fheàrr mas urrainn dha na poilis stad a chur air eucoirean mus tachair iad. Tha tòrr de dh'ùine agus de dh'obair nam poilis ga chosg air ionnsachadh a thoirt do dhaoine mu shàbhailteachd phearsanta agus a' coimhead às dèidh an cuid. Bidh iad cuideachd ag innse dhan phoball mun bhuaidh a bhios aig eucoirean sònraichte, leithid giùlan sgeinean no dràibheadh leis an deoch.
A' glacadh eucoraich
Faodaidh na poilis daoine a tha fo amharas eucoir a ghlacadh. Faodaidh iad seo a dhèanamh airson grunn adhbharan, me:
- gus neach fo amharas a cheasnachadh
- gus neach a chur fo chasaid ma tha fianais gu leòr aca
- ma chaidh barantas-glacaidh a thoirt seachad le cùirt
Faodaidh Seirbheis Poileas na h-Alba daoine a stad agus coimhead a bheil dad mì-laghail aca air am pearsa. Faodaidh iad seo a dhèanamh às aonais barantas ma tha iad an amharas gu bheil an neach a' giùlan gin de na rudan seo:
- drogaichean
- uidheam chunnartach leithid sgian no gunna
- rudeigin a chaidh a ghoid
- deoch-làidir, ma tha duine a' siubhal gu prìomh thachartas spòrs, gu h-àraidh air còmhdhail phoblach
- airgead, no luach airgid nas motha na £1,000, a fhuair iad tro bhriseadh an lagha
- teintean-ealain, ma tha oifigear poileis dhen bheachd gu bheil duine an dùil an cleachdadh ann an dòigh neo-shòisealta
A' cumail smachd air trafaig
Tha an t-uallach air na poilis laghannan trafaig rathaidean a chur an gnìomh, stiùireadh trafaig agus sàbhailteachd rathaidean.
Am measg eucoirean trafaig air rathaidean, tha:
- dràibheadh cunnartach
- dràibheadh fo bhuaidh deoch no drugaichean
- cus astair
Tha seo na phàirt mhòr de dh'obair nam poilis. Ann an 2022-23, b' e eucoirean trafaig a bh' ann an 63% dhe na h-eucoirean gu lèir a chaidh a chlàradh ann an Alba. (Stòr: Riaghaltas na h-Alba)