Eag-thurasachd
Comharran
Tha eag-thurasachd na sheòrsa de thurasachd a tha math dhan àrainneachd agus a tha co-cheangailte ri daoine a bhith a' tadhal air àitichean cugallach, neo-thruaillte agus as àbhaist a bhith air an dìon. Tha eag-thurasachd air a dhealbh airson a bhith air sgèile bheag agus gus nach toir e cus buaidh air àite. Bidh goireasan turasachd coltach ris an àrainneachd mun cuairt, bidh biadh ga fhaighinn san àite fhèin agus bithear a' dèiligeadh ri sgudal air làrach a' ghoireis. Chan eil cead aig àireamh mòr de luchd-turais tadhal airson a bhith cinnteach nach dèanar cus millidh air an àrainneachd, ach tha seo ga dhèanamh nas daoire do luchd-tadhail.
'S e seasmhachd am prìomh bhun-bheachd aig eag-thurasachd – airson gum bi cothrom aig ginealaich ri teachd tadhal air àitichean air nach tug daoine mòran buaidh. Tha eag-thurasachd a' fàs cudromach do dh'iomadh dùthaich fo leasachadh airson airgead a thoirt a-steach bho dhùthchannan cèin, agus aig an aon àm a' gleidheadh nan àrainneachdan as laige. Thèid aig cuid de dhùthchannan air seo a choileanadh le bhith a' gleidheadh nan coilltean-uisge aca oir bidh an luchd-tadhail a' pàigheadh airson bòidhchead nàdarra na dùthcha fhaicinn agus chan ann airson milleadh fhaicinn ri linn 's gun deach brath a ghabhail air stòrasan nàdarra.

A thaobh gnìomhan eag-thurasachd
- Cha bu chòir gun toireadh iad ach glè bheag de bhuaidh air an àrainneachd agus air muinntir an àite.
- Bu chòir gun togadh iad mothachadh agus spèis dhan àrainneachd agus do chultar.
- Bu chòir gun còrdadh cùisean ri luchd-tadhail agus ri aoighean.
- Bu chòir gum biodh buannachdan airgid ann airson glèidhteachas agus seasmhachd.
- Bu chòir gum biodh buannachdan eaconamach ann agus gum biodh cumhachd aig muinntir an àite seach gur e muinntir an àite a bu chòir a bhith a' manaidseadh eag-thurasachd.
- Bu chòir gum biodh barrachd tuigse aig luchd-tadhail air suidheachadh poilitigeach, àrainneachdail agus sòisealta na dùthcha.
- Bu chòir gum brosnaicheadh e cùram agus glèidhteachas na h-àrainneachd nàdarra.
- Bu chòir gum biodh spèis ann do chleachdaidhean ionadail, me aodach iomchaidh gus nach toirear oilbheum do dhuine, gu h-àraidh ann an togalaichean co-cheangailte ri creideamh.
Adhbharan airson eag-thurasachd
- Tha dùthchannan fo leasachadh a-nis airson na h-àrainneachdan cugallach a ghleidheadh agus tha iad a' coimhead air eag-thurasachd mar dheagh dhòigh air teachd-a-steach fhaighinn.
- Tha dùthchannan leasaichte airson dùthchannan fo leasachadh a chuideachadh a' gleidheadh nan àrainneachdan cugallach le bhith a' brosnachadh turasachd sheasmhach.
- Tha luchd-turais ag iarraidh tadhal air àrainneachd air nach tug daoine buaidh.
- Tha gu leòr de luchd-turais sgìth dhe na saor-làithean àbhaisteach agus tha iad airson rudeigin eile fheuchainn.
- Tha barrachd mothachaidh a-nis aig luchd-turais mun àrainneachd agus tha iad airson cuideachadh le bhith a' gleidheadh àrainneachdan cugallach dha na ginealaich ri teachd.
Buaidh eag-thurasachd: deagh bhuaidh air daoine
- Faodaidh eag-thurasachd cothroman cosnaidh a thoirt do mhuinntir an àite, me luchd-raoin phàircean. Glè thric bidh cosnadh nas motha an cois na h-obrach seo na gheibheadh iad tro bhith a' reic bàrr.
- Tha eag-thurasachd a' toirt cothrom air foghlam nas fheàrr oir tha muinntir an àite air an trèanadh mar luchd-iùil fiadh-bheatha agus tha sin a' toirt cor-beatha nas fheàrr dhaibh.
- Thèid aig coimhearsnachdan air teachd-a-steach a bharrachd a chosnadh le bhith a' dèanamh obair-làimhe a reiceas iad ri luchd-turais.
- Bidh eag-thurasachd a' brosnachadh spèis do chultaran ionadail agus dhan àrainneachd agus a' cur ri mothachadh mu ghlèidhteachas.
- Thèid aig tidsearan a bha air turasan eag-thurasachd air cuideachadh le ionnsachadh òigridh an latha an-diugh air cho cudromach 's a tha prionnsapail agus cleachdaidhean eag-thurasachd, agus bidh sin a' cur ri tuigse mu chultar agus ri mothachadh mun àrainneachd.
Buaidh eag-thurasachd: droch bhuaidh air daoine
- Dh'fhaodadh brath a ghabhail air treubhan/muinntir an àite airson iomadh adhbhar leithid a bhith gan cleachdadh airson obair shaor a dhèanamh.
- Dh'fhaodadh treubhan an àite an dòigh-beatha dualchasach aca a chall nuair a dh'fhàsas iad cleachdte ri cultaran an 'Iar'.
- Tha cuid de threubhan/de dhaoine air an cleachdadh mar annas airson gum faigh luchd-turais na dealbhan traidiseanta de dhaoine dùthchasach.
- 'S e cuid dhe na companaidhean a bhios a' cur chuairtean eag-thurasachd air dòigh as motha a tha a' faighinn de bhuannachd, agus 's e glè bheag a tha muinntir an àite a' cosnadh.
- Glè thric chan eil am bun-structar na bhuannachd ach do luchd-turais, me puirt-adhair oir chan eil airgead gu leòr aig muinntir an àite airson an cleachdadh.
Buaidh eag-thurasachd: deagh bhuaidh air an àrainneachd
- Tha airgead a thèid a chosg gu dìreach san eaconamaidh ionadail a' cur maoin ri glèidhteachas coille-uisge – chì an riaghaltas agus coimhearsnachdan cho cudromach 's a tha e a' choille-uisge a ghleidheadh gun truailleadh.
- Tha a' mhòr-chuid de luchd-turais deònach pàigheadh airson glèidhteachas tro thiodhlacan airgid, cìsean pàirce agus beagan a thoirt dhan luchd-iùil.
- Faodaidh eag-thurasachd a bhith a' ciallachadh nach bi uiread de dh'fheum aig daoine air beathaichean a shealg airson airgead fhaighinn.
- Ann an eag-thurasachd, tha teachd-a-steach air a chosnadh bho bhith a' gleidheadh na coille-uisge agus chan eil dì-choillteachadh air a mholadh.
- Bidh airgead bho luchd-turais a' dol a dh'ionnsaigh glèidhteachas na sgìre.
Buaidh eag-thurasachd: droch bhuaidh air an àrainneachd
- Tha eag-thurasachd a-nis na ghnìomhachas mòr agus chan eil riaghailtean gu leòr ann airson smachd a chumail air companaidhean agus air daoine.
- Tha e na dhuilgheadas nuair a tha goireasan san àite air an sgrios air sgàth eag-thurasachd, me craobhan gan leagail airson loidsichean a thogail do luchd-turais.
- Tha stòrasan nàdarra air an sgrios airson cuimhneachain no goireasan luchd-turais a dhèanamh.
- Tha gnèithean tearc gan lorg airson luchd-turais a thàladh.
- Feartan nàdarra air am milleadh agus air an sgrios, me ceuman a th' air an cleachdadh cus ag adhbhrachadh bleith ùire agus a' milleadh nithean a tha a' fàs.
- Tha cunnart mòr ann gu bheil cuid de sgìrean air an cleachdadh cus.
- Nuair a tha cùrsa uisge air atharrachadh airson luchd-turais, faodaidh e buaidh a thoirt air uisge na sgìre le daoine, lusan agus beathaichean air am fàgail gun uisge.