Prìomh fhiosrachadh
An robh fios agad gu bheil an t-uisge anns na tapaichean no anns na frasairean againn a' tighinn bhon mhuir, bhon adhar, bho lochan agus bho aibhnichean? Tha sin na phàirt de chuairt an uisge.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a bhios uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais gu Talamh a-rithist
- Na trì ceumannan ann an cuairt an uisge: deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh
- Mu chuairt an uisge ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu chuairt an uisge.
Bidh uisge an-còmhnaidh a' gluasad, ach an do smaoinich thu riamh mun turas aige?
'S e cuairt an uisge a th' air uisge a' siubhal bho uachdar na Talmhainn, suas dhan èadhar agus dhan adhar, agus an uair sin air ais gu talamh. Tha trì rudan ga obrachadh: deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh.
Nuair a bhios a' ghrian a' blàthachadh na mara, lochan, aibhnichean agus uisgeachan eile, bidh pàirt dhen uisge a' dol na ghas gun dath ris an canar deatach uisge, agus a' measgachadh ris an èadhar. Canar deatachadh ris a seo.
Faodaidh uisge sam bith deatachadh, chan ann a-mhàin bhon mhuir 's bho aibhnichean, ach cuideachd bho uisge a thig bho lusan agus fiù 's bho dhaoine nuair a bhios fallas dhinn. Bidh deatach uisge cuideachd a' tighinn bho dheigh 's bho shneachd a bhios a' ghrian a' leaghadh gu bhith na uisge, agus an uair sin na dheatach uisge.
Nuair a bhios deatach uisge ag èirigh suas dhan èadhar, bidh e a' fuarachadh mar as àirde a dh'èireas e. Bidh e a' dol air ais na bhoinneagan uisge agus bidh iad sin a' cruthachadh sgòthan. Seo an dara pàirt de chuairt an uisge - canar co-dhlùthachadh ri deatach uisge a' dol na uisge.
Mar a bhios barrachd is barrachd bhoinneagan uisge a' co-dhlùthachadh, bidh iad a' cruinneachadh còmhla agus a' dol nam boinnean nas motha is nas truime. Nuair a dh'fhàsas iad ro mhòr 's ro throm, tuitidh iad às an adhar. Seo an treas pàirt dhen chuairt agus canar sileadh ris.
'S e uisge a th' ann an sileadh a thuiteas mar uisge, clach-mheallain, flin no sneachd. Bidh an t-uisge an uair sin a' tilleadh gu uachdar na Talmhainn, gu h-àraidh dhan mhuir. Tha a' chuairt aig a crìoch, agus deiseil airson tòiseachadh a-rithist.
Ann an sgìrean tropaigeach, mar coill'-uisge an Amasoin ann am Brasil, far a bheil i uabhasach teth le tòrr uisge, 's dòcha nach toir cuairt an uisge ach beagan uairean a thìde, ach ann an àitichean eile, bheir e nas fhaide.
Ann an àitichean a tha uabhasach fuar, mar Alasga, tha uisge glaiste ann an eigh-shruthan fad mhìltean bhliadhnaichean.
Chan eil an Rìoghachd Aonaichte ro fhuar no ro theth, ach tha an aon chuairt uisge againn a bhios a' toirt dhuinn sgòthan agus uisge, agus an t-uisge a bhios sinn ag òl 's a' cleachdadh gach latha.
An-ath-turas a tha thu airson deoch uisge a ghabhail no a' cur uisge dhan amar, smaoinich air an turas a ghabh an t-uisge airson faighinn thugad.
Dè th' ann an cuairt an uisge?
'S e cuairt an uisge mar a bhios uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn suas dhan èadhar agus dhan adhar agus an uair sin a' tilleadh gu talamh. Tha trì pàirtean ann an cuairt an uisge.
Bidh a' chiad cheum a' tachairt nuair a bhlàthaicheas a' ghrian na cuantan, aibhnichean agus lochan. Mar a bhios an t-uisge a' blàthachadh, bidh cuid dheth a' dol na ghas gun dath ris an canar deatach uisge. Seo a' chiad phàirt de chuairt an uisge agus canar deatachadh ris.
Mar a bhios an deatach uisge ag èirigh, bidh e a' fuarachadh, agus mar a bhios e a' fuarachadh, bidh e a' dol air ais na bhoinneagan uisge. Chì sinn na boinneagan sin mar sgòthan. Seo an dara pàirt de chuairt an uisge agus canar co-dhlùthachadh ris.
Mar a bhios barrachd is barrachd bhoinneagan uisge a' co-dhlùthachadh, bidh iad a' dol còmhla agus a' fàs nas motha agus nas truime. Mu dheireadh, bidh iad cho trom 's gun tuit iad às an adhar sìos gu talamh. Seo an treas pàirt de chuairt an uisge agus canar sileadh ris. Tha sileadh a' gabhail a-steach uisge, clach-mheallain, flin no sneachd.
Bhon a tha an t-uisge a-nis air tilleadh gu uachdar na Talamhainn, bidh cuairt an uisge a' tòiseachadh a-rithist.
Cuairt an uisge
Image caption, Uisge bhon tap
Bidh sinn a' cleachdadh uisge bhon tap a h-uile latha, ach an do smaoinich thu riamh mun turas a bhios uisge a' gabhail mus ruig e sinn?
Image caption, Deatachadh
Bidh a' ghrian a' blàthachadh chuantan, aibhnichean agus lochan. Bidh am blàths a' toirt air uisge a dhol na ghas gun dath ris an canar deatach uisge. Canar deatachadh ris a seo.
Image caption, Co-dhlùthachadh
Mar a bhios an deatach uisge ag èirigh, bidh e a' fuarachadh, agus mar a bhios e a' fuarachadh, bidh e a' dol air ais na bhoinneagan uisge. Chì sinn na boinneagan sin mar sgòthan. Seo an dara pàirt de chuairt an uisge agus canar co-dhlùthachadh ris.
Image caption, Sileadh
Bidh boinneagan uisge a' dol còmhla agus, nuair a bhios iad trom gu leòr, bidh iad a' tuiteam air ais gu talamh. Canar sileadh ri uisge, flin, clach-mheallain no sneachd.
Image caption, Cuairt-uisge shlaodach
Ann an Alasga, 's e sneachd a bhios a' sileadh fad a' gheamhraidh. Bidh sin a' fuireach reòite gus an tig blàths an earraich. An uair sin leaghaidh an sneachd agus an deigh agus deataichidh an t-uisge dhan èadhar.
Image caption, Cuairt-uisge luath
Ann an àitichean teth, mar coille-uisge Bhrasil, far a bheil tòrr uisge, 's dòcha nach mair cuairt an uisge ach beagan uairean a thìde. Bidh sgòthan a' cruinneachadh sa mhadainn agus bidh uisge mòr ann feasgar.
1 of 6

deatachadh – 'S e deatachadh a bhios a' tachairt nuair a dh'atharraicheas uisge gu bhith na ghas gun dath ris an canar deatach uisge.
co-dhlùthachadh - Canar co-dhlùthachadh ris a' phròiseas nuair a bhios deatach uisge a' fuarachadh agus a' dol air ais na uisge.
sileadh – Canar sileadh ri uisge nuair a thuiteas e mar uisge, flin, clach-mheallain no sneachd.
Ceistean

Dèan diagram de chuairt an uisge.
'S e dealbh a sheallas pròiseas ann an dòigh shìmplidh a bhios furasta a thuigsinn a th' ann an diagram.
Bu chòir seo a bhith san diagram agad:
- Deatachadh
- Co-dhlùthachadh
- Sileadh
Seo beachdan airson do chuideachadh:
- Bu chòir leubailean soilleir a bhith air an diagram agad dhe na trì ceumannan ann an cuairt an uisge.
- Cleachd saighdean a sheallas an taobh a bhios an t-uisge a' gluasad.
- 'S dòcha gum faodadh tu dealbh de loch, abhainn no dhen mhuir faisg ort a chleachdadh airson cuairt an uisge a shealltainn.
Seo eisimpleir de dhiagram de chuairt an uisge.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count12 of 21