Bana-bhuidsichean ann an cultar an latha an-diugh
Cha bhi sinn a-nis a' toirt dhaoine gu cùirt airson buidseachd ann an Alba, ach tha fhathast àite sònraichte aig bana-bhuidsichean anns a' chultar againn.
Mar sin, ciamar a bu chòir dhuinn smaoineachadh air bana-bhuidsichean an-diugh?

Ciamar a tha bana-bhuidsichean air an sealltainn ann an cultar còrdte?

An-diugh chan eil sinn beò le eagal ro bhuidseachd agus cha bhi sinn a' cur seachad ùine a' lorg bhana-bhuidsichean.
Ach fhathast, linntean às dèidh cùirtean nam bana-bhuidsichean, tha grèim làidir aig bana-bhuidsichean air ar cultar agus ar mac-meanmna:
- Tha pàirt aig bana-bhuidsichean anns an dealbh-chluich Macbeth le Shakespeare bho 1606.
- Tha bana-bhuidsichean a' cur eagal a bheatha air a' phrìomh charactar anns an dàn Tam o' Shanter le Raibeart Burns.
- 'S e bana-bhuidsichean na 'bleigeardan' anns a' Wizard of Oz agus filmichean Disney mar Sleeping Beauty agus The Little Mermaid.
- Tha bana-bhuidsichean agus buidsich (math agus dona) cudromach anns na leabhraichean agus na filmean stèidhichte air leabhraichean Harry Potter.

Ciamar a thòisich Oidhche Shamhna?


An-diugh, 's e Oidhche Shamhna aon dòigh san caomh leinn a bhith a' cuimhneachadh bhana-bhuidsichean agus buidseachd gach bliadhna.
Gu traidiseanta, air an 31mh dhen t-Samhain, bhiodh daoine ann an Alba agus ann an ceann a tuath Shasainn a' snaidheadh lanntairean a-mach à tuinneapan, a' cur orra èideadh coltach ri taibhse, bana-bhuidseach no uilebheist air choreigin eile agus a' tadhal air taighean dhaoine. B' e seo 'guising'. Air sgàth buaidh chleachdaidhean anns na SA, tha daoine a-nis nas buailtiche jack-o'-lanterns a shnaidheadh a-mach à puimcinean agus a dhol trick-or-treating.
Ged a tha na cleachdaidhean sin caran ùr, tha tùs Oidhche Shamhna fada, fada nas sine.

Tùsan Ceilteach Oidhche Shamhna
Tha tùs Oidhche Shamhna a' dol fada, fada air ais gu fèis Cheilteach o shean ris an cante Samhain.
Bha Samhain a' comharrachadh deireadh an fhoghair agus toiseach a' gheamhraidh. Bha e air a chomharrachadh air a' chiad latha dhen t-Samhain agus bhiodh fleadhan aca.
Bha na Ceiltich o shean a' creidsinn gun robh eileamaid os-nàdarra aig an t-Samhain cuideachd. Bha iad an dùil gum b' urrainn spioradan siubhal bhon t-saoghal acasan dhan t-saoghal againne aig an t-Samhain.
Bhiodh daoine a' fàgail biadh is deoch a-muigh airson na spioradan a chumail toilichte.
Oidhche nan Naomh Uile

Anns a' mhìosachan Chrìosdail, bha Là nan Naomh Uile – làtha fleadh gus beatha nan naomh a chuimhneachadh – air a chumail air an aon latha ris an t-Samhain.
B' e Oidhche nan Naomh Uile a chante ris an latha ro Là nan Naomh Uile – ged a bha daoine nas eòlaiche air mar All Hallows' Eve no All Hallows' E'en.
'S ann mar sin a thàinig an t-ainm Halloween.
Coltach ris an t-Samhain, bha dùil gun robh a' chrìoch eadar an saoghal againne agus saoghal nan spioradan aig an ìre bu laige air Oidhche nan Naomh Uile.
Thàinig grunn chleachdaidhean gu bhith co-cheangailte ri Halloween. Nam measg sin bha lasadh choinnlean air uaighean gus anaman a bha air chall a threòrachadh air ais dhan àite-tàimh aca.
Dh'fhàs e cuideachd cumanta do dhaoine a bhith a' sireadh bheannachdan cràbhach air na dachaighean aca aig Halloween airson an dìon bho spioradan olc agus buidseachd.

A bheil bana-bhuidsichean ann fhathast?

Mar as trice, bidh sinne a' coinneachadh ri bana-bhuidsichean nuair a bhios daoine a' cur èideadh orra Oidhche Shamhna, ach tha cuid de dhaoine ann fhathast a tha gam faicinn fhèin mar fheadhainn a tha ag obair mar fhìor bhana-bhuidsichean.
Mar luchd-leantainn gluasad ris an canar Wicca, cha bhi bana-bhuidsichean an latha an-diugh ag adhradh dhan Diabhal, no ag ìobairt bheathaichean no daoine. 'S ann a bhios iad a' comharrachadh nàdar.
Tha bana-bhuidsichean Wiccan fhathast a' creidsinn ann an draoidheachd agus geasagan, ach bidh iad gan cleachdadh airson adhbharan math mar slànachadh.
Bidh mòran de luchd-leantainn Wicca a' comharrachadh lathaichean sònraichte aig diofar amannan dhen bhliadhna.
B' e Samhain, an t-seann fhèis Cheilteach, fear dhe na prìomh lathaichean a thug buaidh air mar a tha Oidhche Shamhna an-diugh.

Bana-bhuidsichean air feadh na cruinne

Tha eagal ro bhana-bhuidsichean agus buidseachd ann an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal fhathast.
- Ann an 2001 ann an roinn Ituri de Phoblachd Dheamocratach a' Chongo, chaidh co-dhiù 800 neach a mharbhadh ann an lorg bhana-bhuidsichean.
- Ann an Lunnainn ann an 2012, chaidh cupall a dhìteadh airson balach aois 15 bliadhna a mharbhadh agus iad an dùil gur e bana-bhuidseach a bh' ann.
- Anns na h-Innseachan, a rèir Biùro nan Clàran Eucoir Nàiseanta, eadar 2010 agus 2021, chaidh còrr is 1,500 neach a mhurt airson gun robh dùil gur e bana-bhuidsichean a bh' annta.
- Chan eil cho fada sin bho chaidh daoine a chur gu bàs ann an Saudi Arabia agus iad fo chasaid draoidheachd agus buidseachd. Ann an 2012, chaidh fear air an robh Muree bin Ali bin Issa al-Asiri a chur gu bàs fo chasaid draoidheachd agus buidseachd.

A' bhana-bhuidseach mu dheireadh ann an Alba

Anns an RA, b' e boireannach Albannach air an robh Helen Duncan an tè mu dheireadh a chaidh a chur dhan phrìosan airson buidseachd.
Bho na 1920an, bha Helen a' cumail a-mach gum b' urrainn dhi tachartasan anns an àm ri teachd a ro-innse, agus gum b'urrainn dhi cuideachd conaltradh ri spioradan nam marbh anns an t-sìorraidheachd.
Ann an 1944, rè an Dara Cogaidh, bha Helen a' cumail a-mach gun do rinn i ceangal ri spioradan sheòladairean Breatannach a chaidh a bhàthadh nuair a chaidh an soitheach-cogaidh HMS Barham a chur fodha le bàtaichean-aigeann Gearmailteach far cladach na h-Èipheit.
Ghlac seo aire nan ceannardan armailteach chionn cha deach innse gu h-oifigeil dhan phoball gun deach HMS Barham a chur fodha.
Aig an àm, seach gun robh an dùthaich an sàs ann an cogadh, bha eagal air cuid gum b' urrainn dhi na cumhachdan aice a chleachdadh airson fiosrachadh dìomhair a lorg agus a sgaoileadh.
An dèidh rannsachadh, fhuaradh a-mach nach robh cumhachdan draoidheil idir aig Helen agus gur ann a chuala i gun deach an soitheach fodha bhon a chaidh fear a bha càirdeach dhi às an rathad air an t-soitheach.
Chaidh a cur an grèim agus a dìteadh fo Achd na Buidseachd 1735 a bha ag aithneachadh buidseachd mar sheòrsa de dh'fhoill. Chuir i seachad naoi mìosan anns a' phrìosan.
Dh'atharraich an lagh ann an 1951 gus nach b' urrainn daoine tuilleadh a bhith air am faighinn ciontach de bhith ag ràdh gum b' e bana-bhuidsichean a bh' annta no gun robh comasan draoidheil aca.

Leisgeul do bhana-bhuidsichean Alba

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha ùidh às ùr air nochdadh ann an cùirtean nam bana-bhuidsichean ann an Alba, agus am mì-cheartas uabhasach a dh'fhuiling fir agus mnathan.
Air Là Eadar-nàiseanta nam Ban 2022, thuirt prìomh-mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon gu foirmeil gun robh i duilich airson nan daoine a chaidh fo chasaid, agus a chaidh a pheanasachadh ann an Alba ri linn lorg mhòr nam bana-bhuidsichean.
Bu mhath le cuid de dhaoine gun deidheadh barrachd a dhèanamh agus chaidh tagradh a chur air chois airson mathanas oifigeil fhaighinn dhan fheadhainn a chaidh a dhìteadh airson buidseachd.
Mhol an luchd-iomairt cuideachd gun deidheadh carragh-cuimhne nàiseanta a thogail gus cuimhne a chumail air na daoine air an deach geur-leanmhainn a dhèanamh agus a chaill am beatha rè lorg nam bana-bhuidsichean.

Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic