Prìomh fhiosrachadh
Tha lùth cineataigeach ann an tonnan. Le bhith a' cleachdadh thuirbinean, gabhaidh an lùth cineataigeach ann an tonnan aiseag gu bhith na lùth dealain.
Cha bhi lùth nan tonnan a' cleachdadh sgath connaidh agus, mar sin, tha e na bhun math airson lùth glan, ath-nuadhachail.
Ged a tha an teicneòlas fhathast ga leasachadh, tha còrr is 6,000 mìle de chladaichean ann an Alba, agus an comas tòrr dealain a ghintinn bho lùth nan tonnan.

Lùth nan tonnan agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth nan tonnan a chleachdadh airson dealan a ghintinn dha na dachaighean againn.
Tha còrr is 6,000 mìle de chladach ann an Alba agus tha tòrr lùth-thonnan againn a ghabhas a dhèanamh na dhealan.
Tha tonnan air an cruthachadh nuair a shèideas a' ghaoth èadhar thar uachdar an uisge. Nuair a bhios an èadhar a' gluasad, bidh i ag adhbhrachadh suathadh a bhios a' tarraing an uisge agus ga chàrnadh suas na thonnan. Mar as motha a' ghaoth, 's ann as motha na tonnan. Agus mar as motha na tonnan, 's ann as motha a bhios de lùth aca. 'S e lùth cineataigeach a tha seo, gluasad a ghabhas a chleachdadh airson lùth dealain a ghintinn.
Tha diofar dhòighean ann air seo a dhèanamh. 'S e aon dòigh sreathan fada de thuirbinean, a tha an urra ris an tonn. Tha seòmar anns na tuirbinean a bhios a' lìonadh le uisge nuair a bhuaileas an tonn. Bidh uisge a' brùchdadh a-steach agus a' putadh èadhar a-mach às an t-seòmar. Bidh seo a' tionndadh lannan an tuirbin, a bheir cumhachd do ghineadair agus 's e seo a bhios a' gintinn an dealain.
Tha costa a tuath agus an iar Alba dìreach ceart airson lùth nan tonnan a leasachadh. Bidh gaoth làidir a' sèideadh thar an Atlantaig agus a' dèanamh thonnan mòra, cumhachdach a bhios a' ruighinn nan cladaichean againn.
Tha tòrr fhathast ri dhèanamh a thaobh lùth nan tonnan an taca ri lùth ath-nuadhachail mar lùth na gaoithe agus lùth dealan-uisge. Mar sin chan eil sinn an-dràsta a' gintinn mòran dealain bho na tonnan. Ach tha comas mòr ann do lùth nan tonnan. Chan eil lùth nan tonnan a' cur feum air connadh. Chan eil a dhìth ach gaoth agus uisge. Chan eil e ag adhbhrachadh truailleadh, agus aon uair 's a thèid a stèidheachadh, chan eil na cosgaisean mòr. Ach tha eas-bhuannachdan ann mus lìon sinn na cladaichean le stèiseanan lùth nan tonnan.
An toiseach, feumar an togail. Tha sin doirbh agus daor. Smaoinich a' feuchainn ri tuirbin a thogail le gaoth mhòr ann, tonnan mòr agus cunnart a bhith air do shlaodadh a-mach gu muir. Dh'fhaodadh gun deidheadh eag-shiostaman mara sgìre a mhilleadh le bhith a' togail tuirbinean thonnan, agus gun cuireadh e maill air bàtaichean, a bharrachd air a bhith a' coimhead grànda. Fiù 's ged a lorgadh sinn dòigh mhath, èifeachdach air lùth a ghlacadh bho na tonnan, cha tig lùth a-mach gun lùth a dhol a-steach. Mar sin nuair a bhios latha ciùin ann, cha bhi tonnan ann agus leis a sin cha bhi dealan ann.
Mar sin, le lùth nan tonnan aig ìre thràth fhathast, is nas lugha na aon sa cheud de lùth ath-nuadhachail Alba an-dràsta a' tighinn bho lùth nan tonnan, saoil am bi an lùth ath-nuadhachail seo cudromach san àm ri teachd?
Tha a' mhòr-chuid de thonnan air an adhbharachadh le gaoth a' sèideadh thar uachdar na mara. Bidh lùth-suathaidh bho èadhar a tha a' gluasad a' tarraing uisge agus bidh e a' cruthachadh thonnan beaga agus mòra.
Mar as fhaide a shiubhaileas tonnan le gaoth a' sèideadh thairis orra airson ùine mhòr, 's ann as àirde a bhios iad a' fàs agus 's ann as motha de lùth cineataigeach a bhios annta. Gabhaidh an lùth cineataigeach seo aiseag gu bhith na lùth dealain.
Ciamar a tha e ag obrachadh?
Tha tonnan air an cruthachadh nuair a bhios a' ghaoth a' sèideadh thar uachdar an uisge. Mar as motha a' ghaoth, 's ann as motha na tonnan.
Agus mar as motha na tonnan, 's ann as motha a bhios annta de lùth cineataigeach.
Gabhaidh lùth cineataigeach aiseag gu bhith na lùth dealain le bhith a' cleachdadh thuirbinean a bhios an urra ri gluasad nan tonnan. Bidh na tuirbinean ag aiseag an lùth chineataigich seo gu gineadairean. Nuair a thionndaidheas na gineadairean, aisigidh iad an lùth cineataigeach gu bhith na lùth dealain.
Tha iomadh seòrsa uidheim ann a bhios ag atharrachadh lùth nan tonnan gu dealan. 'S e trì dhiubh attenuatoran, absorbairean agus luaisgeanairean. Ged a tha iad a' coimhead eadar-dhealaichte, tha iad uile ag obrachadh a rèir nan aon aiseagan lùth.
Thoir sùil air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach mar a tha iad uile ag obrachadh.
Image caption, Attenuator
Tha attenuator coltach ri nathair mhòr a bhios a' seòladh air uachdar an uisge. Tha e air a dhèanamh suas de dhiofar phàirtean air an ceangal còmhla ann an loidhne fhada le cheann a' coimhead a-steach dha na tuinn. (Pelamis Wave Power)
Image caption, Attenuator
Bidh tuinn a' toirt air gach pàirt gluasad air leth a' putadh agus a' tarraing phistonan eatarra. Bidh na pistonan a tha a' gluasad a' tionndadh gineadair agus bidh seo a' gintinn dealan. (Cavan Images / Alamy Stock Photo)
Image caption, Absorbair
Seo absorbair ga leigeil sìos dhan mhuir. Tha mullach cruinn air a bhios a' seòladh le crann fada foidhe air acrachadh ri grunnd na mara. (Colin Keldie)
Image caption, Absorbair
Bidh na tuinn a' toirt air mullach an absorbair a bhith suas is sìos air bhog air uachdar an uisge. Bidh seo a' tarraing phistonan suas is sìos agus bidh iad sin a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan. (Colin Keldie, courtesy of WES)
Image caption, Luaisgeanair
Air uachdar na mara tha luaisgeanair coltach ri bàr fada meatailt a bhios a' gluasad air ais agus air adhart nuair a bhios na tuinn a' dol seachad. (Image of WaveRoller© courtesy of AW-Energy Oy)
Image caption, Luaisgeanair
Chì thu san sgead-dhealbh seo gu bheil an luaisgeadair a' coimhead coltach ri gaotharan mòr le bann air grunnd na mara. Bidh tuinn a' gluasad an luaisgeadair air ais 's air adhart. Bidh an gluasad seo a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan. (Image of WaveRoller© courtesy of AW-Energy Oy)
1 of 6
Factaran suidheachaidh

Airson dealan a ghintinn bho thonnan, feumaidh tu an toiseach tonnan – agus gu leòr dhiubh!
'S e deagh àite a th' ann an Alba airson lùth nan tonnan a leasachadh:
- Tha ceann a tuath agus taobh an iar Alba fosgailte do ghaoth agus do thonnan a shiubhail astaran mòra thar an Atlantaig a Tuath
- Anns a' gheamhradh agus as t-fhoghar bidh glè thric gaothan làidir agus tonnan mòra air an taobh an ear
- Cuideachd, tha mòran einnseanairean eòlach ann an Alba a tha air chomas obrachadh leis an t-seòrsa teicneòlais seo.
Seasmhachd
Airson seasmhachd san àm ri teachd, feumaidh tu smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a choinneachadh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
Chaidh na milleanan notaichean a chur ri lùth nan tonnan a rannsachadh agus a leasachadh ann an Alba, ach an-dràsta, thathar fhathast a' lorg an teicneòlais as fheàrr airson an obair a dhèanamh, agus, aig an àm seo, chan eil sinn a' gintinn mòran lùth bho na tonnan.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth nan tonnan
Buannachdan
- Tha lùth nan tonnan ath-nuadhachail oir chan eil feum air connadh sam bith. Chan eil feum air càil ach gaoth agus uisge.
- Tha gaoth agus uisge an-asgaidh, nàdarra agus cha teirig iad.
- Tha e glan oir chan eil iad ag adhbharachadh truailleadh sam bith.
- Aon uair 's gu bheil e air a stèidheachadh, tha na cosgaisean ìosal.
Eas-bhuannachdan
- Nuair a thèid tuirbinean thonnan a thogail, tha cosgaisean togail mòr ann an toiseach.
- Faodaidh cuideachd buaidh mhillteach a bhith aca air eag-shiostaman mara ionadail.
- Faodaidh tuirbinean maill a chur air slighean mara.
- Tha cuid dhen bheachd gu bheil tuirbinean a' milleadh bòidhchead nàdarra nan cladaichean.
- Chan e bun-lùth earbsach a th' ann chionn cha bhi gaoth no tonnan ann air latha ciùin.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count11 of 12
- count12 of 12
- count1 of 12
- count2 of 12