Eadar-theachd an riaghaltais ann an cùram-slàinte san 19mh linn agus san 20mh linn

Part of EachdraidhEòlas-leighis tro na linntean

Ro-ràdh leasachadh slàinte phoblach

Cò ris a tha slàinte dhaoine an urra? A bheil e an urra ri gach duine fa leth dèanamh cinnteach gun glèidh iad an slàinte gu math, no an e obair an riaghaltais a th' ann?

Mu dheireadh na 19mh linn, às dèidh taomadh de ghalar marbhtach agus cunnart cogaidh air fàire, bha a' cheist seo mu cho cudromach 's gun do dh'adhbharaich i ath-leasachaidhean bunaiteach.

Dealbh den Mary Ward ann an Ospadal Naomh Bhartholomew, Lunnainn, mu 1907Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh den Mary Ward ann an Ospadal Naomh Bhartholomew, Lunnainn, mu 1907.
Back to top

Ath-leasachaidhean slàinte san 19mh linn agus tràth san 20mh linn

Nurs a' tadhal air dachaigh euslaintich a bha tinn leis a' chaitheamh, 1904Image source, ALAMY
Image caption,
Nurs a' tadhal air dachaigh euslaintich a bha tinn leis a' chaitheamh, 1904.

Anns an 19mh linn, bha a' mhòr-chuid a' gabhail ris gun robh an slàinte fhèin an urra ri gach neach fa leth.

Glè thric bhiodh dòigh aig riaghaltasan a thaobh slàinte.

Anns an dòigh seo, bha luchd-poilitigs dhen bheachd nach robh mòran dhleastanasan air an stàit:

  • B' e dleastanas na stàite an dùthaich a chumail tèarainte bho luchd-ionnsaigh cèin.
  • Bha e an urra ris na daoine coimhead às an dèidh fhèin agus dèanamh dhaibh fhèin – cha bu chòir dhan stàit gnothach a ghabhail ris a' chùis.

Mar a chaidh an ùine air adhart, sguir daoine a leantainn beachdan laissez-faire agus chuir an riaghaltas grunn laghan an gnìomh airson beatha dhaoine ann am Breatainn a dhèanamh na b' fheàrr.

Nurs a' tadhal air dachaigh euslaintich a bha tinn leis a' chaitheamh, 1904Image source, ALAMY
Image caption,
Nurs a' tadhal air dachaigh euslaintich a bha tinn leis a' chaitheamh, 1904.
Back to top

Carson a bha slàinte muinntir Bhreatainn cho truagh?

Bha iomadh adhbhar airson gun robh a' mhòr-chuid de dhaoine ann am Breatainn a' fulang droch shlàinte aig an àm seo. Glè thric, bha e air sgàth 's nach robh cothrom aca air rudan a tha cho àbhaisteach dhuinne an-diugh:

  • dìth cothrom air uisge ùr, glan
  • dìth taigheadas math, air prìs reusanta
  • dìth cothrom air cùram-slàinte air prìs reusanta

Tuarastal ìosal agus bochdainn

Gràbhaladh fiodha de Sheffield, Sasainn,1884, a' sealltainn fhactaraidhean a' coimhead thairis air Abhainn SheafImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Sheffield, Sasainn, a' sealltainn fhactaraidhean a' coimhead thairis air Abhainn Sheaf. Gràbhaladh fiodha, 1884.

Dh'adhbharaich Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais gun robh Breatainn air tè de chumhachdan mòra an t-saoghail, ach ann an iomadh dòigh, ged a thàinig inbhe na dùthcha air adhart, bha a' mhòr-chuid dhen t-sluagh air am fàgail air dheireadh.

Cha robh a leithid de rud ann ri bun-thuarastal – bha mòran dhen luchd-obrach ag obair airson tuarastal ìosal. Bha seo a' cur bacadh orra bho bhith a' faighinn cothrom air taigheadas na b' fheàrr agus cùram-slàinte.

Cha robh pàigheadh tinneis ann aig an àm. Mar sin, dheidheadh mòran dhen luchd-obrach a dh'obair nuair a bha iad tinn seach ùine a ghabhail dheth airson fàs na b' fheàrr. Bha seo dìreach a' dèanamh an slàinte na bu mhiosa.

Gràbhaladh fiodha de Sheffield, Sasainn,1884, a' sealltainn fhactaraidhean a' coimhead thairis air Abhainn SheafImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Sheffield, Sasainn, a' sealltainn fhactaraidhean a' coimhead thairis air Abhainn Sheaf. Gràbhaladh fiodha, 1884.

Cor taigheadais truagh anns na bailtean

Gràbhaladh a' sealltainn taobh a-staigh taigh neach-obrach ann an Dorchester tràth san 19mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn taobh a-staigh taigh neach-obrach ann an Dorchester tràth san 19mh linn. Bha cor-beatha truagh ag adhbharachadh iomadh duilgheadas slàinte.

Chaidh an àireamh-sluaigh suas ann am bailtean gnìomhachais mar Glaschu, Manchester agus Lunnainn mar thoradh air Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais.

Chaidh taigheadas ùr a thogail gu luath agus gu saor airson dèiligeadh ris a seo, ach bha staid nan àitichean truagh. Bha luchd-obrach agus na teaghlaichean aca air an cur ann am flataichean anns an robh cus dhaoine no ann an taighean a bha cùl-ri-cùl.

Glè thric, cha b' e togalaichean matha a bh' annta seo agus bha iad air an togail faisg air a chèile. Bha iad glè thric dorcha, fuaraidh agus salach. Bha fuarachd, dìth agus plàighean de radain ag adhbharachadh tinneas.

Gràbhaladh a' sealltainn taobh a-staigh taigh neach-obrach ann an Dorchester tràth san 19mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn taobh a-staigh taigh neach-obrach ann an Dorchester tràth san 19mh linn. Bha cor-beatha truagh ag adhbharachadh iomadh duilgheadas slàinte.

Droch shlàintealachd

Lunnainn gun mòran slàintealachd ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852Image source, ALAMY
Image caption,
Lunnainn gun mòran slàintealachd ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852.

Anns an 19mh linn, cha robh uisge-pìoba idir anns na taighean bu bhochda. Agus gu cinnteach cha robh toidhleatan annta le uisge. Bha sin cho daor 's nach b' urrainn dhaibh a bhith ach aig daoine beairteach.

Mar thoradh air a sin, bhiodh mòran dhaoine fhathast a' faighinn cuidhteas salchar bodhaig dhaoine le bhith ga shadail a dh'uillt agus a dh'aibhnichean. Dh'adhbharaich an cleachdadh seo gun robh solar uisge air a thruailleadh agus nuair a dh'òladh daoine an t-uisge seo, bhiodh iad tinn.

Bha dìth shaibhearan agus dìth slàintealachd cuideachd ag adhbharachadh droch fhàilidhean ann an sgìrean dùmhail nam bailtean. Thug seo am beachd ceàrr do dhaoine gun robh droch fhàilidhean ag adhbharachadh thinneasan.

Na bu mhiosa buileach, suas gu 1853, bha mòran dhaoine aig nach robh airgead gu leòr airson siabann a cheannach – bha an riaghaltas air cìs a chur air – dè an t-iongnadh gun robh glainnead na thrioblaid!

Lunnainn gun mòran slàintealachd ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852Image source, ALAMY
Image caption,
Lunnainn gun mòran slàintealachd ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852.
Back to top

Dè rinn an riaghaltas airson cuideachadh?

Ciad Achd Slàinte a' Phobaill, 1848

Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860. Dìreach le bhith a' cleachdadh grabhataidh, tha an t-amar-uisge a' toirt uisge glan do Ghlaschu. Chuidich uisge glan le cur às do cholera ann an Glaschu.

Nochd ann am Breatainn an toiseach ann an 1831. Mharbh an taomadh seo na mìltean dhaoine.

Às dèidh taomadh eile ann an 1848, chuir an riaghaltas an gnìomh Ciad Achd Slàinte a' Phobaill. Chruthaich an achd seo bùird ionadail a bhiodh an urra ri faighinn cuidhteas òtrachas agus solar uisge a leasachadh gu bailtean agus mòr-bhailtean.

Bha coltas math air a' phrionnsabal seo, ach cha ghabhadh na bùird a stèidheachadh nas lugha na dh'aontaicheadh 10% de luchd-pàighidh nan reataichean gu h-ionadail ris. Bha mòran a' faicinn a' ghluasaid seo air falbh bhon phoileasaidh laissez-faire mar ionnsaigh air an t-saorsa phearsanta aca.

Stèidhich 182 bailtean bùird-slàinte ionadail agus thug iad piseach air na sgìrean ionadail aca; ach cha tug na leasachaidhean buaidh air a' chòrr de Bhreatainn agus bha an sluagh mar sin a' fulang fhathast.

Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860. Dìreach le bhith a' cleachdadh grabhataidh, tha an t-amar-uisge a' toirt uisge glan do Ghlaschu. Chuidich uisge glan le cur às do cholera ann an Glaschu.

Carson a bha cuid an aghaidh Ciad Achd Slàinte a' Phobaill?

Achd Slàinte a' Phobaill, 1875

Gràbhaladh a' sealltainn leasachaidhean air saibhearan ann an Sràid Fleet, Lunnainn, 1845Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn leasachaidhean air saibhearan ann an Sràid Fleet, Lunnainn, 1845. Mus deach na leasachaidhean a dhèanamh, bhathar a' cur òtrachas a dh'Abhainn Fleet a tha a' sruthadh fo Lunnainn.

Bha còrr air 20 bliadhna ann mus deach achd eile airson slàinte phoblach a chur an gnìomh.

Mar thoradh air Achd Slàinte a' Phobaill, 1875 bha e riatanach do chomhairlean ionadail slàinte a' phobaill a leasachadh:

  • saibhearan agus drèanadh a leasachadh
  • solar uisge ùr a thoirt dhan phoball
  • oifigearan meadaigeach agus luchd-sgrùdaidh slàintealachd a chur an dreuchd gus sùil a chumail air goireasan slàinte a' phobaill

Chaidh iomadh beatha a shàbhaladh mar thoradh air na leasachaidhean sin, ach b' ann gu math slaodach a bha an t-atharrachadh.

Ann an 1900, bha an reat dùil-aoise cuibheasach fo 50 bliadhna a dh'aois. Bha triùir às gach 20 naoidhean a' bàsachadh anns a' chiad bhliadhna agus cha robh airgead gu leòr aig a' mhòr-chuid de theaghlaichean airson dotair.

Bha an droch shlàinte bhuan aig mòran de shluagh Bhreatainn follaiseach ann an 1899 nuair a thòisich Dara Chogadh nam Boers. Chaidh trian dhe na tagraidhean airson gabhail dhan arm a dhiùltadh air sgàth adhbharan slàinte.

Chaidh 8,000 saor-thoileach ann am Manchester a dhiùltadh ann an 1899 oir cha b' urrainn dhaibh fiù 's raidhfil a chumail. Ma bha Breatainn a' dol a ghleidheadh a h-àite mar chumhachd mhòr, chruinneil, dh'fheumaist rudeigin a dhèanamh.

Gràbhaladh a' sealltainn leasachaidhean air saibhearan ann an Sràid Fleet, Lunnainn, 1845Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn leasachaidhean air saibhearan ann an Sràid Fleet, Lunnainn, 1845. Mus deach na leasachaidhean a dhèanamh, bhathar a' cur òtrachas a dh'Abhainn Fleet a tha a' sruthadh fo Lunnainn.
Back to top

Suirbhidhean sòisealta Teàrlach Booth agus Seebohm Rowntree

Deireadh an 19mh linn, rinn dithis fhear rannsachadh air beatha dhaoine a bha beò ann am bochdainn anns an RA, agus thug sin tuigse na b' fheàrr air na ceangalan eadar bochdainn agus droch shlàinte.

Eadar 1886 agus 1903 rinn Teàrlach Booth agallamhan còmhla ri daoine a bh' ann am bochdainn, dotairean, tidsearan agus sagartan ann an Lunnainn.

Cho-dhùin an aithisg aige Life and Labour of the People in London gun robh 30 sa cheud de dhaoine ann an Lunnainn ann am bochdainn agus nach robh daoine bochda rin coireachadh airson an t-suidheachaidh aca.

Rinn Seebohm Rowntree rannsachadh air bochdainn ann an Iorc eadar 1899 agus 1901.

Rinn an aithisg aige Poverty, A Study of Town Life a-mach gum feumadh neach 21 tastain a chosnadh gach seachdain gus nach biodh iad ann am bochdainn. Bha sùim sam bith nas lugha na seo fo Ìre na Bochdainn. Fhuair Rowntree a-mach gun robh 30 sa cheud de dhaoine ann ann an Iorc beò ann am bochdainn.

Dh'aithnich Booth agus Rowntree le chèile gum b' e tinneas, dìth-cosnaidh agus aois na prìomh adhbharan airson bochdainn. B' e feadhainn a bha glè òg agus feadhainn a bha sean a bu mhotha a bh' ann an cunnart bochdainn.

Rinn Teàrlach Booth rannsachadh air bochdainn ann an LunnainnImage source, ALAMY
Image caption,
Rinn Teàrlach Booth rannsachadh air bochdainn ann an Lunnainn.
Rinn Seebohm Rowntree sgrùdadh air bochdainn agus cor-beatha ann an Iorc Image source, ALAMY
Image caption,
Rinn Seebohm Rowntree sgrùdadh air bochdainn agus cor-beatha ann an Iorc.

Na h-Ath-leasachaidhean Libearalach 1906 gu 1914

Bha daoine ainmeil mar Daibhidh Lloyd George agus Herbert Asquith ann an Riaghaltas Libearalach 1905Image source, ALAMY
Image caption,
Bha daoine ainmeil mar Daibhidh Lloyd George agus Herbert Asquith ann an Riaghaltas Libearalach 1905.

Bhuannaich am Partaidh Libearalach Taghadh Coitcheann 1906 agus thòisich iad air ath-leasachaidhean a chur an gnìomh a dhèanadh leasachadh air beatha muinntir Bhreatainn.

Bha na h-ath-leasachaidhean sin stèidhichte air na fhuair Booth agus Rowntree a-mach agus bha iad ag amas air an òigridh, seann daoine, daoine tinn agus daoine gun obair.

Bha na h-ath-leasachaidhean sin air gluasad gu mòr bho laissez-faire, agus anns an fharsaingeachd, chuir am mòr-shluagh fàilte orra.

Bha daoine ainmeil mar Daibhidh Lloyd George agus Herbert Asquith ann an Riaghaltas Libearalach 1905Image source, ALAMY
Image caption,
Bha daoine ainmeil mar Daibhidh Lloyd George agus Herbert Asquith ann an Riaghaltas Libearalach 1905.

Leasachaidhean Libearalach dhan òigridh

Clann a' gabhail biadh sgoile anns a' chlasrum, c1907Image source, ALAMY
Image caption,
Clann a' gabhail biadh sgoile anns a' chlasrum, c1907.

Ann an 1906 agus 1907, chuir an Riaghaltas Libearalach an gnìomh dà ath-leasachadh a bha ag amas air beatha chloinne a dhèanamh na b' fheàrr.

Thug Achd an Fhoghlaim (Achd Solar Biadh Sgoile An-asgaidh) leth dhen mhaoineachadh a bha a dhìth air comhairlean airson aon bhiadh teth gach latha a thoirt do gach pàiste rè teirm. Bha seo ag amas air an cuideachadh gu bhith a' dèanamh nas fheàrr anns an sgoil agus airson faighinn a-mach à cearcall na bochdainn.

Fo Achd an Fhoghlaim (Rianachd Solarachaidh), bha clann air an sgrùdadh trì tursan fhad 's a bha iad anns a' bhun-sgoil. Ann an Glaschu, mar thoradh air na sgrùdaidhean sin, fhuaireadh a-mach gun robh trian dhe na sgoilearan a' fulang le deargannan agus mialan.

Bacaidhean:

  • bha clann gun bhiadh an-asgaidh taobh a-muigh teirmean na sgoile
  • cha robh dùil gun toireadh na h-ùghdarrasan leigheas sam bith nan nochdadh trioblaidean meadaigeach tro na sgrùdaidhean slàinte
Clann a' gabhail biadh sgoile anns a' chlasrum, c1907Image source, ALAMY
Image caption,
Clann a' gabhail biadh sgoile anns a' chlasrum, c1907.

Leasachaidhean Libearalach do sheann daoine

Cartùn a' sealltainn peinnsean nan seann daoine a' tòiseachadh ann an 1909Image source, ALAMY
Image caption,
Cartùn a' sealltainn peinnsean nan seann daoine a' tòiseachadh ann an 1909.

Ann an 1908, chuir an riaghaltas Achd Peinnsean nan Seann Daoine an gnìomh.

Thug an achd peinnsean suas gu còig tastain san t-seachdain do dhuine sam bith a bha còrr air seachdad, agus le teachd-a-steach bhliadhnail eadar £21 agus £31 (caran eadar £1,641 agus £2,423). Ann an airgead an latha an-diugh, bhiodh sin mu £19.50 san t-seachdain.

Fiù 's aig an àm bha iomadh duine dhen bheachd gur e sùim bheag airgid a bha sin, ach bha iad ga fhaicinn mar thoiseach tòiseachaidh air beatha na b' fheàrr do sheann daoine. Thuirt Winston Churchill, a bha an uair ud na BhP aig a' Phartaidh Libearalach: "Chan eil mòran ann, nas lugha na tha thu às aonais."

B' e amas a' pheinnsein gun leigeadh e le daoine an dreuchd a leigeil dhiubh, agus nach biodh aca ri obair a dhèanamh airson an robh iad ro shean gun iad a bhith ann an cunnart an slàinte a mhilleadh.

Bacaidhean:

  • Airson peinnsean fhaighinn, dh'fheumadh tu coinneachadh ri slatan-tomhais teann agus chuir iad sin bacadh air iomadh duine bho bhith a' faighinn na sochair
  • Bha mòran nach robh beò gu aois 70 agus mar sin cha b' urrainn dhaibh cur airson na sochair
Cartùn a' sealltainn peinnsean nan seann daoine a' tòiseachadh ann an 1909Image source, ALAMY
Image caption,
Cartùn a' sealltainn peinnsean nan seann daoine a' tòiseachadh ann an 1909.

Leasachaidhean Libearalach do dhaoine tinn

Gràbhaladh bho dheireadh an 19mh linn de dhotair a' toirt leigheas do phàiste ògImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh bho dheireadh an 19mh linn de dhotair a' toirt leigheas do phàiste òg.

Ann an 1911, thug an Riaghaltas Libearalach a-steach beachd air Àrachas Nàiseanta airson cuideachadh le cosgais cùram-slàinte.

Nam fàsadh neach-obrach tinn, gheibheadh iad pàigheadh tinneis agus cùram an-asgaidh bho dhotair. Bha iad mar seo air chomas cobhair phroifeiseanta fhaighinn, agus an ùine a dh'fheumadh iad a ghabhail airson fàs na b' fheàrr.

Airson a' chiad uair, fhuair boireannaich cuideachd Cuibhreann Màthaireil, agus dh'fhaodadh iadsan cuideachd ùine a ghabhail dheth airson coimhead às dèidh an naoidhein aca.

Ged a bha fàilte air na h-ath-leasachaidhean sin, agus ged a thug iad taic a bha a dhìth do mhòran, cha robh buaidh mhòr aig na h-ath-leasachaidhean. Cha robh an riaghaltas a' coimhead ach air buaidh tinneis seach na h-adhbharan.

Bacaidhean:

  • Cha robh ullachadh ann do dhaoine a bha tinn fad-ùine no nach robh air chothrom obrachadh air sgàth chiorraman
  • Bha cùram dhotairean dhan neach-obrach a-mhàin – cha robh e a' gabhail a-steach dhaoine eile anns an teaghlach aca
  • Cha robh Àrachas Nàiseanta a' gabhail a-steach leigheas sam bith ann an ospadal
Gràbhaladh bho dheireadh an 19mh linn de dhotair a' toirt leigheas do phàiste ògImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh bho dheireadh an 19mh linn de dhotair a' toirt leigheas do phàiste òg.

Gu mì-fhortanach, nuair a thòisich a' Chiad Chogadh Mòr ann an 1914, chuir e crìoch air na h-ath-leasachaidhean.

Bha aig Breatainn ri feitheamh gus an do chrìochnaich an Dara Cogadh Mòr mus tigeadh an ath ath-leasachadh mòr, meadaigeach. B' e sin stèidheachadh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte an (NHS).

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top