Prìomh fhiosrachadh
'S e Lùth dealan-uisge (HEP) an dara gineadair lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. ann an Alba an dèidh tuathan-gaoithe air tìr.
Tha HEP an urra ri sruthadh uisge air sgàth grabhataidh airson dealan a ghintinn.
Far a bheil sgeamaichean HEP nas motha feumar dam a thogail thairis air gleann aibhne. Tha seo a' ciallachadh gun gabh uisge a stòradh ann an stòr-amar agus a leigeil às nuair a tha feum air dealan. Bhon a tha an t-uisge air a stòradh agus gun gabh smachd a chumail air an t-sruthadh aige, tha HEP nas earbsaiche na bunan-lùtha ath-nuadhachail a tha an urra dìreach air an t-sìde.

Lùth dealan-uisge agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar a ghabhas uisge a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Bidh Alba a' faighinn tòrr uisge. An t-uabhas uisge. Nach bochd nach eil dòigh ann air na tha sin a dh'uisge atharrachadh gu lùth glan. Bidh lùth dealan-uisge a' dèanamh sin. Agus nas fheàrr buileach, 's e bun-lùtha ath-nuadhachail a th' ann.
Airson gun obraich lùth dealan-uisge, feumaidh tu: tòrr uisge, àite san stòr thu e, agus dòigh air a chleachdadh gus dealan a dhèanamh. Agus tha iad sin uile ann an Alba. Tha tòrr lochan 's aibhnichean ann an Alba ri linn na th' ann de dh'uisge. Tha glinn ann le taobhan cas a tha math airson damaichean a thogail a stòras an t-uisge agus tha innleadairean ann aig a bheil fios mar a chleachdas iad na damaichean.
'S e beachd sìmplidh a th' ann. Tha uisge air a stòradh shuas àrd ann an glinn air cùl dam. Aig an ìre seo, 's e comas-lùth a chanar ris an lùth a th' air a stòradh ann. Nuair a thèid an t-uisge a leigeil ma sgaoil, bidh grabhataidh a' toirt air tuiteam a-nuas tro phìoban anns an dam. Bidh an comas-lùth ag atharrachadh gu tòrr mòr de lùth cineataigeach.
Tha tuirbinean mòra shìos aig a' bhonn. Bidh an lùth cineataigeach bhon uisge a' tuiteam a' cur car de lannan nan tuirbinean. Bidh seo a' tionndadh eileagtromagnaitean ann an gineadair a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Aon uair 's gun tionndaidh e na tuirbinean agus gun tèid dealan a ghintinn, sruthaidh an t-uisge a-mach às an stèisean cumhachd agus sìos an abhainn. Ach ann an cuid de stèiseanan cumhachd, bidh an t-uisge air a stòradh ann an amar-uisge nas ìsle agus gabhaidh a phumpadh air ais suas a' bheinn chun an dam airson a chleachdadh a-rithist agus a-rithist.
Chan eil truailleadh ann bho sgudal, no gasaichean taigh-glainne. Chan eil cosgaisean connaidh ann agus tha e saor ri ruith nuair a thèid a stèidheachadh. Agus, le damaichean, thèid againn air smachd a chumail air gintinn dealain gus nach bi sinn a' dèanamh ach na dh'fheumas sinn. A bheil ceist ann ma tha?
Uill, tha iad uabhasach daor an togail. Tha feum air tòrr concrait airson damaichean a thogail agus tha tòrr carbon dà-ogsaid ga chruthachadh ann a bhith a' dèanamh a' choncrait. Faodaidh trioblaidean àrainneachdail a bhith ann cuideachd. Nuair a chuirear dam air gleann, bidh pàirt mhòr dhen talamh a' dol fo thuil.
Ian Molnar, Òraidiche Hydro-geòlais, Oilthigh Dhùn Èideann: When you look at a map of where all the big hydroelectric power plants are in the world, hydroelectric power is mostly used in the wettest countries. The four biggest producers in the world are some of the wettest countries in the world. So, China, Brazil, Canada, and the US make up roughly half of all hydro power generated in the world.
Tha fios againn gum feum sinn sgur a chur earbsa ann an connadh neo-ath-nuadhachail agus tha dealan-uisge na dheagh eisimpleir de bhun-lùtha ath-nuadhachail.Dè do bheachd ma tha? An fhiach e gleann a chur fo thuil airson lùth glan, saor a dhèanamh?
Mar a tha dealan-uisge air a chruthachadh
Bidh sgeamaichean mòra dealan-uisge ag obrachadh le bhith a' stòradh uisge air cùl dam agus a' leigeil às tomhas sònraichte de dh'uisge airson dealan a ghintinn.
- Tha uisge air a stòradh ann an lagan air cùl dam. Aig an ìre seo 's e comas-lùth a tha san lùth a tha air a stòradh ann.
- Nuair a thèid an t-uisge a leigeil às, bidh grabhataidhForsa a bhios a' tarraing rudan a dh'ionnsaigh meadhan tomaid. Tha grabhataidh gu math nas làidire aig tomadan nas motha mar rionnagan agus planaidean. a' toirt air tuiteam sìos tro na pìoban anns an dam. Bidh an comas-lùth sin ag atharrachadh gu uiread mòr de lùth cineataigeach.
- Tha tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. mòra, uabhasach shìos aig a' bhonn. Nuair a bhios an t-uisge a' tuiteam, bidh an lùth cineataigeach aige a' tionndadh lannan nan tuirbinean. Bidh seo an uair sin a' tionndadh eileagtromagnaitean ann an gineadair, a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
- Nuair a bhios e air an obair aige a dhèanamh a' tionndadh nan tuirbinean agus a' gintinn dealan, bidh an t-uisge a' sruthadh a-mach às an stèisean cumhachd agus sìos an abhainn.
- Ann an stèiseanan cumhachd le stòradh air a phumpadh, tha an t-uisge air a stòradh ann an stòr-amar ìosal agus gabhaidh a phumpadh air ais suas chun an dam airson gun gabh a chleachdadh a-rithist agus a-rithist. Tha an t-uisge air a phumpadh air ais suas air an oidhche nuair a tha dealan a bharrachd anns a' Ghriod Nàiseanta.
Dealan-uisge ruith na h-aibhne
'S e pròiseactan nas lugha a bhios ag obrachadh gun dam a tha ann an siostaman dealan-uisge ruith na h-aibhne. Tha seo a' ciallachadh nach bi iad a' cur uiread de dhragh air sruthadh an uisge agus air an àrainneachd ionadail.
- Bidh na h-uiread de dh'uisge bho abhainn no bho allt air a chur air slighe eile tro chairidh cruinneachaidh.
- Bidh grabhataidh a' toirt air an uisge sruthadh sìos a' bheinn tro phìoban fon talamh.
- Tha an t-uisge air a phumpadh tro thuirbin ann an taigh-cumhachd.
- Nuair a bhios an tuirbin a' cur car, bidh e a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan.
- Bidh an t-uisge a' sruthadh bhon tuirbin agus tro tholl agus air ais dhan abhainn.
Factaran suidheachaidh
Mar a shaoileadh tu, feumaidh HEP sileadh gu leòr (uisge, clach-mheallain, flinne agus sneachd). 'S ann ann an àitichean nas fliche air an t-saoghal as fheàrr a tha e ag obrachadh, mar ceann an iar-thuath nan SA.
Tha talamh nas caise uabhasach math airson stèisean cumhachd oir bidh barrachd silidh air talamh nas àirde. Mar eisimpleir, air Gàidhealtachd na h-Alba.
Faodar an dà chuid glinn air chumadh U agus glinn air chumadh V a chleachdadh airson Stèiseanan Cumhachd Dealan-uisge a shuidheachadh. Tha glinn air chumadh U a' dèanamh bonn còmhnard do stòr-amaran, agus stòraidh iad mar sin tomhasan mòra uisge.
Bidh glinn chasa, nas àirde a' gintinn barrachd dealain oir tha barrachd uisge gu h-àrd.
Feumaidh suidheachadh sgeama HEP smaoineachadh air a' bhuaidh a bhios aige air sluagh an àite agus air fiadh-bheatha gus nach feum àireamhan mòra dhaoine a ghluasad, agus gus nach tèid àrainnean agus gnèithean cugallach a mhilleadh no a sgrios.

Seasmhachd cumhachd dealan-uisge

Airson gum bi seasmhachd ann san àm ri teachd, feumaidh sinn smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a shàsachadh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth dealan-uisge chionn bidh an-còmhnaidh uisge agus sileadh eile ann. Ach dh'fhaodadh atharrachadh na gnàth-shìde agus sileadh buaidh a thoirt air na tha de dh'uisge ri fhaotainn airson a ghintinn.
Cha bhi e a' cruthachadh eimiseanan carbon dìreach no truailleadh agus faodaidh e mar sin cuideachadh gus teasachadh na cruinne a lùghdachadh.
Nuair a bhithear a' togail damaichean uisge, tha feum air uireadan mòra concrait agus bidh sin a' cur ri eimiseanan carbon. Faodaidh fàs-bheatha mharbh a bhith air a glacadh air a' chùl. Mar a bhios sin a' lobhadh, bidh e a' leigeil carbon monogsaid agus meatan mu sgaoil, agus 's e gasaichean taigh-glainne a tha annta le chèile.
Cha bhi an dà thrioblaid sin cho mòr ann an sgeamaichean dealan-uisge nas lugha air ruith na h-aibhne a tha ag obrachadh gun damaichean mòra.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth dealan-uisge
Buannachdan
- Chan eil truailleadh ann bho sgudal no gas taigh-glainneGas a bhios a' sùghadh teas agus ga fhàgail glacte ann an àile na Talmhainn. Bidh gasaichean taigh-glainne a' cumail na Talmhainn blàth, ach tha barrachd is barrachd uireadan ghasaichean taigh-glainne ag adhbharachadh teasachadh na cruinne. 'S e deatach uisge, carbon dà-ogsaid agus meatàn na prìomh ghasaichean taigh-glainne., chan eil cosgaisean connaidh ann agus tha e saor a ruith nuair a thèid a stèidheachadh.
- Cuideachd, le damaichean, thèid againn air smachd a chumail air gintinn an dealain, ga chruthachadh dìreach nuair a dh'fheumas sinn.
- Tha lùth uisge, sa h-uile cruth dheth, na lùth ath-nuadhachail.
- Tha stèiseanan cumhachd dealan-uisge a bhios a' stòradh uisge uabhasach earbsach agus gabhaidh uiread an dealain a thèid a ghintinn atharrachadh gu furasta a rèir 's dè na tha a dhìth.
- Gabhaidh bhalbhaichean fhosgladh gu luath airson lùth a ghintinn aig amannan trang.
Eas-bhuannachdan
- Tha iad uabhasach daor an togail. Tha feum air tòrr concrait airson dam a thogail, agus tha tòrr carbon dà-ogsaid ga chruthachadh ann a bhith a' dèanamh a' choncrait.
- Faodaidh duilgheadasan àrainneachdail a bhith ann cuideachd. Nuair a thèid dam a chur air gleann, tha tòrr fearainn a' dol fo thuil agus faodaidh droch bhuaidh a bhith aig a sin air fiadh-bheatha, àrainnean agus coimhearsnachdan ionadail.
- Feumaidh an cruth-tìre a bhith ceart air a shon – beanntan le tòrr uisge. Chan e deagh bheachd a bhiodh ann ann am fàsach chòmhnard.
- Faodaidh dam stad a chur air slighean imrich èisg. Bidh iad ag atharrachadh sruthadh an uisge shìos an abhainn. Dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air daoine agus air an àrainneachd shìos anns a' chòrr de ghleann na h-aibhne.
- Faodaidh fàs-bheatha a tha a' lobhadh mar as trice falbh leis an t-sruth, ach faodaidh damaichean a glacadh. Nuair a bhios seo a' lobhadh, bidh e a' dèanamh meatan agus carbon monogsaid – gasaichean taigh-glainne a bhios an uair sin a' dol dhan àile.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count7 of 12
- count8 of 12
- count9 of 12
- count10 of 12