Prìomh fhiosrachadh
Ged a tha lùth ath-nuadhachail a' fàs nas cumanta, tha duilgheadasan mòra fhathast rim fuasgladh ma tha sinn a' dol a ghluasad air falbh gu tur bho connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail..
Tha mòran stòran ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. an urra ris an t-sìde (gaoth, tuinn, grian) a tha cho caochlaideach. Chan eil e an-còmhnaidh air chomas dhuinn solar earbsach de lùth a bhith againn. Dh'fhaodadh stòradh lùth cuideachadh leis a seo.
Tha stòradh lùth cudromach airson gum bi lùth ath-nuadhachail nas fhasa a ghiùlan.

Lùthan ùra ath-nuadhachail agus a' bhuaidh aca
Faigh a-mach mu chuid dhe na seòrsaichean as ùire de ghintinn lùth ath-nuadhachail.
Tha sinn air tòrr a dhèanamh gus barrachd lùth ath-nuadhachail a bhith againn agus a bhith a' cleachdadh nas lugha de chonnadh-fosail. Ach tha tòrr cheistean fhathast ann.
Tha tòrr dhen lùth ath-nuadhachail, mar a' ghaoth, na tonnan agus a' ghrian, an urra ris an t-sìde. Ach tha an t-sìde caochlaideach agus mar sin chan fhaigh sinn an-còmhnaidh lùth earbsach bho na lùthan ath-nuadhachail sin nuair a bhios feum againn air. Le dòighean a lorg air lùth a stòradh cha bhiodh an aon dhuilgheadas ann.
Gabhaidh uireadan mòra de lùth a stòradh ann an siostam pumpaidh mar a th' ann an Stèisean Cumhachd a' Chruachain. Tha tòrr comas-lùth aig uisge air a chumail ann an stòr-amar shuas àrd. Nuair a tha feum air lùth, bidh an t-uisge air a leigeil a-mach agus bidh e a' sruthadh sìos tro thuirbinean agus a-steach a stòr-amar nas ìsle. Nuair a bhios dealan a bharrachd ann cleachdaidh Cruachan pàirt dhen lùth a bharrachd airson uisge a phumpadh air ais suas dhan stòr-amar àrd deiseil gu sruthadh air ais sìos a-rithist.
'S e siostam nas ùire a th' ann an stòradh grabhataidh, ach 's e an aon phrionnsabal a th' ann. An àite uisge, 's e am beachd cuideaman mòra a thogail agus a leagail ann an toll suas gu 1500m a dhoimhne. Nuair a bhios dealan a bharrachd ann, gabhaidh a chleachdadh gus na cuideaman, a bhios a' stòradh comas-lùth, a thogail. Le bhith a' leagail nan cuideaman, thèid seo atharrachadh gu lùth cineataigeach agus bidh gineadairean ag atharrachadh seo gu lùth dealain.
Le bhith a' leagail nan cuideaman aig diofar luathsan, gabhaidh smachd a chumail air na thèid a ghintinn de dhealan a rèir 's dè na bhios de dh'iarrtas air. Tha a' mhòr-chuid de lùth ath-nuadhachail air a chleachdadh gus dealan a ghintinn, ach tha sinn fhathast gu mòr an urra ri connadh-fosail airson còmhdhail. Am b' urrainn dhuinn gluasad bhuapa sin gu dealan no bunan-lùth eile? Tha càraichean dealain math airson turas goirid, ach tha meud na bataraidh a' cur bacadh air dè cho fada 's a thèid thu mus feum thu a teàrrdsadh. Feumaidh sinn bataraidhean innleachadh a mhaireas nas fhaide ach a bheir dhuinn an aon chumhachd agus a tha an aon mheud agus a tha nas luaithe an teàrrdsadh.
'S e ceallan connaidh haidridean fuasgladh eile. Bidh iad sin ag iom-obrachadh haidridean agus ogsaidean airson lùth dealain a ghabhas cleachdadh a ghintinn. Cha bhi seo a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil no toit thruaillidh bhon phìob-thraoghaidh - dìreach uisge. Ach tha ceallan connaidh haidridean daor, agus feumaidh iad a bhith gu math nas motha na tanc pheatrail àbhaisteach. Tha iad an-dràsta nas freagarraiche do làraidhean 's do bhusaichean na tha iad do chàraichean.
Tha boidhlearan gas aig a' mhòr-chuid de thaighean ann an Alba airson teas. Bhon as e connadh-fosail a th' ann an gas nàdarra, feumaidh sinn fuasgladh nas fheàrr. 'S e pumpaichean teas èadhair aon dòigh. Bidh iad sin a' toirt lùth teas bhon èadhar a-muigh agus ga chleachdadh airson siostam teas an taighe a bhlàthachadh. Ach cha toir iad dhut uiread de theas ri boidhlear gas agus tha feum mar sin air rèididheatoran nas motha, no teas fon ùrlar, airson an taigh a chumail blàth.
Feumar tòrr adhartais a dhèanamh fhathast mus bi an solar lùth againn seasmhach. Chan eil an seo ach beagan bheachdan ar cuideachadh ga dhèanamh.
'S dòcha gu bheil beachd agad fhèin air càit agus ciamar a dh'fhaodamaid lùth ath-nuadhachail a ghintinn agus a chruinneachadh.
Stòradh air a phumpadh

Chan e beachd ùr a th' ann an stòradh air a phumpadh, ach ghabhadh barrachd leasachaidh a dhèanamh air airson cur ris a' chomas stòraidh lùth againn.
Gabhaidh uireadan mòra de lùth a stòradh ann an siostaman stòraidh air am pumpadh mar a tha a' tachairt aig Stèisean Cumhachd Dealan-uisge Chruachain.
Tha tòrr comas-lùth ann an uisge air a chumail ann an stòr-amar àrd.
Nuair a tha feum air lùth, tha an t-uisge air a leigeil mu sgaoil agus bidh e a' sruthadh sìos tro tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. agus a-steach dhan stòr-amar ìosal. Bidh seo ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Nuair a bhios dealan a bharrachd ann, thèid aig Cruachan air pàirt dhen lùth a bharrachd a chleachdadh airson uisge a phumpadh air ais suas dhan stòr-amar àrd, deiseil airson a shruthadh air ais sìos a-rithist.

Stòradh grabhataidh


'S e siostam nas ùire a th' ann an stòradh grabhataidh a bhios a' cleachdadh an aon phrionnsabal ri stòradh air a phumpadh. An àite uisge 's e tha a' tachairt gu bheil cuideaman mòra, mòra air an leagail 's air an togail ann an toll a tha suas ri 1500m a dhoimhne.
Nuair a tha barrachd dealain air a ghintinn na tha air a chleachdadh, gabhaidh pàirt dhen lùth a tha a bharrachd a chleachdadh airson na cuideaman a thogail. Bidh seo cur ris a' chomas-lùth grabhataidh aca.
Le bhith a' leigeil às nan cuideaman airson an leagail, bidh an comas-lùth air atharrachadh gu lùth cineataigeach. Bidh tuirbinean agus gineadairean ag atharrachadh seo gu lùth dealain - lùth cineataigeach gu lùth dealain. Le bhith leigeil leis na cuideaman tuiteam aig diofar luathsan, gabhaidh smachd a chumail air an uiread dealain a tha air a ghintinn airson diofar ìrean iarrtais a shàsachadh.

Lùth ath-nuadhachail airson còmhdhail
Càraichean dealain

Tha càraichean dealain uabhasach math airson turasan goirid, ach tha meud na bataraidh a' cur bacadh air an astar a thèid agad air siubhal mus feum thu a teàrrdsadh.
Feumar bataraidhean innleachadh a mhaireas nas fhaide ach a bheir an aon uiread de dhealan, a bhios mun aon mheud ach a bhios cuideachd nas luaithe gan teàrrdsadh.
Tha siostaman measgaichte ann an cuid de chàraichean agus bidh iad a' cleachdadh an dà chuid peatroil agus bataraidhean. Bidh a' bhataraidh air a teàrrdsadh a' cleachdadh lùth air a ghintinn nuair a bhios brèigean a' chàir gan cur air. Gabhaidh a chleachdadh airson cumhachd a thoirt dhan chàr aig luaths meadhanach.
Ceallan connaidh

'S e fuasgladh eile air stòran lùtha do chòmhdhail a ghabhas an giùlan ceallan connaidh haidridean.
Bidh iad sin a' toirt air haidridean agus ogsaidean iom-obrachadh air dhòigh agus gun tèid lùth dealain a ghintinn a ghabhas cleachdadh. Tha iad seo gu math glan chionn chan eil sgath carbon dà-ogsaid air a dhèanamh; dìreach uisge.
- Bidh haidridean a tha air a stòradh a' dol a-steach dhan chealla connaidh.
- Bidh catailist a' sgoltadh mhoileciuilean haidridean nam pròtonan agus nan eilegtronan.
- Bidh na pròtonan a' siubhal tro eileagtrolaidht bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil.
- Bidh na h-eileagtronan a' siubhal tro chuairt a-muigh, bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil, a' cruthachadh sruth dealain.
- Aig an eileagtròd àicheil, bidh na pròtonan a' dol còmhla ris na h-eileagtronan agus ogsaidean agus a' dèanamh uisge.
Ach tha ceallan connaidh haidridean daor agus feumaidh iad a bhith gu math nas motha na tanca peatroil àbhaisteach. Tha iad an-dràsta nas freagarraiche do làraidhean agus do bhusaichean na do chàraichean.
Dòighean ath-nuadhachail air ar dachaighean a theasachadh

Tha boidhlearan gas sa mhòr-chuid de thaighean ann an Alba airson teas a thoirt dhuinn. Bhon as e connadh-fosail a th' ann an gas nàdarra, feumaidh sinn dòigh nas fheàrr a lorg.
'S e pumpaichean teas èadhair aon dhe na dòighean eile. Bidh iad sin a' toirt èadhar a-steach bho thaobh a-muigh an taighe agus ga co-dlùthadh. Bidh seo a' dlùth-theannadh an lùth teas bhon èadhar airson 's gun urrainn fiù 's èadhar fhuar an siostam teas-meadhain a bhlàthachadh.
Ach chan urrainn dhaibh sin teas a thoirt dhuinn aig teòthachd cho àrd ri boidhlear gas. Mar sin tha feum air rèididheatoran nas motha no teas fon làr airson do dhachaigh a chumail blàth. Tha seo cuideachd a' ciallachadh gum feum stuth ionsuladaidh gu math nas fheàrr a bhith anns na dachaighean againn mus obraich pumpaichean teas èadhair gu math.

Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count1 of 12
- count2 of 12
- count3 of 12
- count4 of 12