'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. a bhios a' cleachdadh lùth uisge a' gluasad (cumhachd uisge) airson dealan a ghintinn a th' ann an dealan-uisge.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an dealan-uisge
- Na bhios a' tachairt am broinn dam dealan-uisge
- Mar a tha lùth air aiseag bho aon sheòrsa gu seòrsa eile
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig dealan-uisge
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Seo Hydro an dealan-uisge.
'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann.
Dè do chor, Hydro?
Seall air. Tha e air a dhòigh sa Ghàidhealtachd.
Feumaidh tu dà rud airson lùth dealan-uisge a dhèanamh; beanntan agus stòr nàdarra de dh'uisge.
Agus tha gu leòr dhiubh sin an Alba.
Seo Stèisean Cumhachd Tòrr Achaillidh air Loch Achonachie, dama dealan-uisge an ceann a tuath na h-Alba.
Chì sinn ciamar a tha e ag obrachadh.
Hydro, saoil… Sin thu. Taing.
Tha an dam a' bacadh an uisge, sa bheil comas lùth. Tha am bruthadh a' dol am meud, 's nuair a thèid a leigeil mu sgaoil, bidh an t-uisge a' dòrtadh tro thunail, ris an canar smachd-phìob, ag atharrachadh comas lùth gu lùth cineataigeach.
Tha an lùth cineataigeach an uair sin a' tionndadh nan tuirbinean gu luath.
Bidh na tuirbinean, an gineadair agus an transformair a' gintinn dealan.
Agus a' call dìreach rud beag lùth a chaidh a chaitheamh tro theas agus fuaim.
Bidh an dealan seo an uair sin a' sruthadh bhon dam chun an taighe agad.
Agus faodaidh tu tost a dhèanamh!
Ach fuirich.
Ciamar a tha lùth dealan-uisge ath-nuadhachail?
Uill, tha a' ghrian an-còmhnaidh ag ùrachadh cuairt an uisge.
Bidh uisge a' deatachadh, a' dèanamh sgòthan agus a' sileadh air beanntan na h-Alba.
A' lìonadh aibhnichean is uillt agus a' sruthadh air ais a dham an dealan-uisge.
Ach tha rùn-dìomhair no dhà aig Hydro còir nach eile e airson inns. Nach eil, Hydro?
Tha e nas sine na shaoileadh tu.
Rinn na Greugaich cuibhlichean-uisge a bheireadh lùth dha na muilnean gràin aca o chionn dà mhìle bliadhna!
Agus, chan eil e buileach cho math dhan àrainneachd.
Airson dam a dhèanamh, feumaidh tu abhainn a stad agus gleann a chur fo thuil, a' sgrios àrainnean bheathaichean is lusan.
Sin bodach a' Hydro.
Tha e ath-nuadhachail agus pailt: 's e lùth dealan-uisge fear de na stòir as motha de lùth ath-nuadhachail an Alba.
Ach, faodaidh e milleadh a dhèanamh air an àrainneachd.
Chan eil duine gu tur ceart. A bheil, Hydro?
Carson a tha dealan-uisge feumail?
Ann an 2020, bha lùth-uisge a' gintinn 58% de dhealan ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. an t-saoghail. Tha lùth ath-nuadhachail nas fheàrr do gnàth-shìde na cruinneAn t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. oir cha bhi e a' teireachdainn no a' dèanamh eimiseanan cronail a bhios a' milleadh na h-àrainneachd.
'S e dealan-uisge an dara lùth ath-nuadhachail as motha ann an Alba (an dèidh gaoth) agus tha e air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh a bheir cumhachd do dhachaighean. Tha Alba a' gintinn 85% de lùth dealan-uisge na RA.
Damaichean dealan-uisge
Tha dealan-uisge air a ghintinn ann an dam dealan-uisge.
Image caption, Tha comas lùth aig uisge air a stòradh ann an dam dealan-uisge. Nuair a shruthas e tron dam, bidh e ag atharrachadh gu lùth cineataigeach. Bidh an lùth cineataigeach bho ghluasad an uisge air a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Image caption, Bidh uisge a' sruthadh sìos an smachd-phìob. Bidh e a' tionndadh lannan thuirbinean nuair a shruthas e tromhpa. Nuair a bhios na tuirbinean a' cur car, bidh iad a' tionndadh ghineadairean a bhios a' gintinn dealan. Bidh an dealan a' dol tro transformairean airson gun siubhail e astaran mòra ann an dòigh èifeachdach.
Image caption, Bidh cuairt an uisge a' tilleadh uisge chun an dama, a' dèanamh lùth dealan-uisge ath-nuadhachail agus earbsach.
1 of 3

'S e obair dama bacadh a chur air sruthadh uisge, mar abhainn, a' cruthachadh stòr-amar mòr uisge. Bhon nach eil àite aig an uisge dhan tèid e, bidh bruthadh mòr uisge a' cruinneachadh. Bidh seo a' gintinn comas lùthLùth air a stòradh le nì air sgàth 's na dàimh a th' aige ri nithean no forsaichean eile. Mar eisimpleir, ma tharraingeas tu air ais an t-sreang air bogha agus saighead, tha comas lùth aige leum air adhart cho luath 's a leigeas tu às e. oir nuair a thèid an t-uisge a leigeil às, brùchdaidh e sìos tron dam.


Nuair a thèid a leigeil às, bidh an t-uisge a' siubhal bhon stòr-amar tro thunail anns an dam ris an canar smachd-phìobPìob mhòr no tunail a bhios a' giùlan uisge bhon stòr-amar sìos gu na tuirbinean san stèisean cumhachd dealan-uisge..
Bhon a tha an t-uisge a-nis a' gluasad, bidh e ag atharrachadh bho chomas lùth a bhith aige gu bhith na lùth cineataigeachLùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach.. Bidh an lùth cineataigeach seo a' tionndadh nan tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. gu luath, agus bidh iadsan an uair sin a' tionndadh nan gineadairInneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain..


Nuair a thionndaidheas na gineadairean, bidh iad ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Bidh na transformairUidheam dealain a tha air a chleachdadh airson lùth dealain aiseag bho aon chuairt-dealain gu tèile. an uair sin ag atharrachadh bholtaids an dealain airson gun siubhail e astaran fada tro loidhnichean cumhachd gun tòrr lùth a chall. Bidh transformairean eile an uair sin a' lùghdachadh na bholtaids gu ìre nas sàbhailte mus tig an dealan a-steach dha na dachaighean againn, na sgoiltean no na h-àitichean-obrach.

Eisimpleirean de dhamaichean dealan-uisge
Image caption, Stèisean Cumhachd agus Dama na Lùib Riabhaich, Siorrachd Pheairt, Alba
'S e Dam na Lùib Riabhaich ri taobh Loch Lìobhann tè de dh'iomadh dama a tha a' gintinn lùth dealan-uisge ann an Alba. ( David Paterson / Alamy Stock Photo)
Image caption, Stèisean Cumhachd agus Dama nan Trì Gilean, Sìona
'S e dam dealan-uisge nan Trì Gilean ann an Sìona an stèisean cumhachd dealan-uisge as motha air an t-saoghal. 'S e Sìona as motha a tha a' dèanamh de dhealan-uisge air an t-saoghal. (GANG ZHAO / Alamy Stock Photo)
Image caption, A' togail dama aig Abhainn Amason, Brasil
Tha Brasil a' cleachdadh cumhachd Abhainn Amason airson dealan-uisge a ghintinn dhan dùthaich. Tha sgìrean de choille-uisge air an sgrios agus tha muinntir an àite air an gluasad far an fhearainn aca. (REUTERS / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan dealan-uisge
Buannachdan
Tha lùth dealan-uisge ath-nuadhachail.
'S e bun lùth earbsach a th' ann. Tha fios againn gu bheil uisge air a stòradh na bhun lùth cineataigeach a bheir dhuinn lùth 24/7, rud nach dèan a' ghaoth no a' ghrian.
Aon uair 's gu bheil an stèisean air a thogail, cha bhi e a' dèanamh eimiseanan cronail. Tha seo a' ciallachadh nach bi e a' cur ri gasaichean taigh-glainne no atharrachadh na gnàth-shìde.
Eas-bhuannachdan
Airson dam dealan-uisge a thogail, feumaidh tu pìos fearainn a chur fo thuil, a' milleadh na h-àrainneachd ionadail agus àrainnean bheathaichean.
Uaireannan 's dòcha gun tig air daoine an dachaigh fhàgail ma tha iad a' fuireach air fearann a tha gu bhith air a chur fo thuil no air a leasachadh airson ionad cumhachd dealan-uisge a thogail.
Tha e daor damaichean dealan-uisge a thogail agus tha e a' cleachdadh tòrr concrait, a bhios a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil nuair a thathar ga dhèanamh.

ath-nuadhachail – Rudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh.
gnàth-shìde na cruinne - An t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr.
àrainneachd - A h-uile nì fiosaigeach mu thimcheall oirnn air an Talamh, nam measg a h-uile nì beò agus neo-bheò.
dealan-uisge - Dealan air a dhèanamh le gluasad uisge.
stòr-amar - Sgìre uisge mhòr, glè thric air a dhèanamh le daoine, a chaidh a chruthachadh le bhith a' cur stad air sruthadh nàdarra uisge.
smachd-phìob - Pìob mhòr no tunail a bhios a' giùlan uisge bhon stòr-amar sìos gu na tuirbinean san stèisean cumhachd dealan-uisge.
tuirbin - Tha crann agus lannan, a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth, air tuirbin sìmplidh. Mar as trice, bidh èadhar no uisge a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chrainn. Tha tuirbinean air an cleachdadh gus gineadair a thionndadh.
gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.
transformair - Uidheam dealain a tha air a chleachdadh airson lùth dealain aiseag bho aon chuairt-dealain gu tèile.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dèan diagram dhen taobh a-staigh aig dam dealan-uisge
Cuir leubailean air na pàirtean a tha ag obrachadh le fiosrachadh bhon bhidio agus bho liosta nam prìomh fhacail.
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count8 of 13
- count9 of 13
- count10 of 13
- count11 of 13