Feumaidh a h-uile nì beò uisge. Faigh a-mach carson a dh'fheumas sinn uisge.

Mura cuir thu uisge air planntraisean, tiormaichidh iad agus bidh na duilleagan aca crom.
Mura cuir thu uisge air planntraisean…
- tiormaichidh iad agus bidh na duilleagan aca crom
- seacaidh an dath agus tòisichidh duilleagan uaine a' fàs ruadh
- mu dheireadh, bàsaichidh iad.
Feumaidh daoine cuideachd uisge airson a bhith fallain.
'S e uisge a th' ann an còrr is 60% dher bodhaig. Sin còrr is leth dher bodhaig!

Mura cuir thu uisge air planntraisean, tiormaichidh iad agus bidh na duilleagan aca crom.
Carson a dh'fheumas sinn uisge?
- Bidh uisge a' cumail ar bodhaigean ag obrachadh gu math agus gar cumail fiot agus fallain.
- Bidh sinn a' call uisge a h-uile latha ann am fallas, ar n-anail agus a' dol dhan toidhleat.
- Feumaidh sinn an t-uisge seo a chur air ais le bhith ag òl agus ag ithe.
Dòighean air cumail gun tiormachadh
Feumaidh tu uisge a ghabhail airson gun obraich do bhodhaig ceart agus nach tiormaich e.
- Gabh eadar sia agus ochd cupannan uisge gach latha. Bu chòir clann fo 8 bliadhna eadar ceithir agus sia cupannan a ghabhail. Cuimhnich gum bi sinn cuideachd a' faighinn uisge bho bhiadh agus bho dheochan eile, mar bainne.
- Gabh barrachd uisge air latha a bhios tu a' gluasad tòrr. Mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' cluich ball-coise, a' dannsa no a-muigh air a' bhaidhsagal, bidh do bhodhaig a' call barrachd uisge.
- Òl barrachd air latha teth. Bidh do bhodhaig a' call barrachd uisge nuair a bhios fallas a' tighinn tromhad.
- Gabh deoch leis a h-uile biadh. Seo dòigh fhurasta air barrachd uisge a ghabhail.
- Cùm botal uisge ri do thaobh tron latha.
- Gabh biadh anns a bheil tòrr uisge. Tha tòrr uisge ann am measan agus lusan mar subhan-làir agus cularain. Tha brot cuideachd math airson barrachd uisge a ghabhail.
Cliog tron taisbeanadh agus faic dòighean air cumail gun tiormachadh.
Image caption, Gabh eadar sia agus ochd cupannan uisge gach latha
Bu chòir dhuinn feuchainn ri eadar sia agus ochd cupannan òl san latha. Chan eil clann nas òige a' cur feum air uiread. Cuimhnich gum bi thu cuideachd a' faighinn uisge bho bhiadh mar measan, agus bho dheochan eile, mar bainne.
1 of 6
End of image gallery
Dè thachras mura gabh sinn uisge gu leòr?
- Mura gabh sinn gu leòr uisge, bidh am pathadh oirnn, bidh sinn sgìth agus cha bhi sinn a' faireachdainn gu math.
- Mura gabh sinn gu leòr uisge, tiormaichidh sinn (cha bhi uisge gu leòr nar bodhaigean airson obrachadh ceart).
- 'S e uisge òl aon de na rudan as fhasa agus as fheàrr airson a bhith fallain.
Feuch air na ceistean seo agus faic dè as aithne dhut mu uisge san daithead.
Dùbhlan
Dealbh agus tarraing postair a bhrosnaicheas do charaidean gu bhith ag òl barrachd uisge.
Feuch ri seo a chur ann:
- fiosrachadh air carson a dh'fheumas sinn uisge òl
- beachdan do chlann leis nach toigh uisge barrachd dheth òl. Mar eisimpleir, ga chumail sa frids no a' cur slisean mheasan ann airson blas.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count4 of 10
- count5 of 10
- count6 of 10
- count7 of 10