Tha cuid a bhiadhan a' fàs nas fheàrr aig diofar amannan dhen bhliadhna. Sin biadh ràitheil.
Dè th' ann am biadh ràitheil?
'S e an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh ceithir ràithean na bliadhna. Tha ràithean gan cruthachadh leis an diofar uimhir de sholas na grèine a bhios ann fhad 's a tha an Talamh a' cuairteachadh na Grèine. Canar gnàth-shìde ris an t-seòrsa sìde a th' ann an dùthaich. 'S i a' ghnàth-shìde a tha a' riaghladh dè na biadhan as urrainn fàs agus cuin.
'S e biadhan ràitheil lusan agus measan a tha abaich agus deiseil ann an ràith shònraichte. Chan fhàs iad idir nuair a dh’atharraicheas an t-sìde.
A bheil a h-uile biadh ràitheil?
Chan e biadh ràitheil a tha sa chuid as motha de bhiadh a thig bho bheathaichean, agus faodar an ithe fad na bliadhna, mar eisimpleir a' mhòr-chuid de bhathar bainne.
Biadh ràitheil
Teicneòlas
O chionn fhada, cha b' urrainn dhuinn biadh ithe nach robh san ràith aige.
Tha teicneòlas ùr a' ciallachadh gum faigh sinn a-nis iomadh seòrsa biadh ùr fad na bliadhna. Tha am biadh seo air àrach (planntraisean gam fàs air sgèile mhòr airson an reic) agus air a ghiùlan air feadh an t-saoghail.
- Teicneòlas taigh-glainne – togalach air a dhèanamh de ghlainne. Thèid aig tuathanaich air smachd a chumail air an teòthachd agus a h-atharrachadh airson gum bi an t-àite cho math 's a ghabhas airson fàs.
- Polaidhtunailean – structaran fada coltach ri tunail air uachdar phlanntraisean. Tha iad air an còmhdach le plastaig airson planntraisean a dhìon bho shìde fhuar.
- Fàsaidh biadh nach gabh fhàs an seo ann an dùthchannan le gnàth-shìde thropaigeach. Bidh e an uair sin a' tighinn dhan RA ann am plèanaichean cargu no air bàtaichean.
Image caption, Taigh-glainne
'S e togalach de ghlainne a th' ann an taigh-glainne. Thèid aig tuathanaich air smachd a chumail air an teòthachd agus a h-atharrachadh airson gum bi an t-àite cho math 's a ghabhas airson fàs.
1 of 4
Buannachdan biadh ràitheil
Tha biadh ràitheil nas saoire, nas blasta agus nas fheàrr dhan phlanaid!
Chan e an-còmhnaidh rud math a th' ann tòrr mheasan is lusan a bhith ann fad na bliadhna. Tha e nas fheàrr dhan h-uile duine a bhith ag ithe biadh ràitheil ionadail.
Mura bheil thu a' fuireach air tuathanas, agus ma tha na mòr-bhùithtean làn leis a h-uile seòrsa bìdh, tha e doirbh fios a bhith agad cuin a tha biadh na ràith fhèin. Seallaidh mìosachan biadh ràitheil dhuinn cuin a tha an ràith as fheàrr ann airson lusan 's measan.

'S ann eadar an t-Sultain agus an Gearran as fheàrr a tha buinneagan Bruisealach. Tha mar sin an ràith aca ann as t-fhoghar agus sa gheamhradh.
Tha na lusan sin làn freumhaig agus tha iad blasta san ràith aca fhèin. Ma cheannaicheas tu iad gu h-ionadail agus san ràith aca fhèin, bidh thu a' cuideachadh na planaid. Chan fheumadh iad teas no còmhdhail thar astar fada a dh'fhaodadh eimiseanan ghasaichean a leigeil mu sgaoil nach eil math dhan àrainneachd.
Buaidh air an àrainneachd
Tha gasaichean cronail mar carbon dà-ogsaid (CO2) gan cruthachadh nuair a tha feum air lùth airson solas agus teas a bharrachd gus am fàs measan agus lusan air sgèile mhòr. Tha na gasaichean sin air an cruthachadh cuideachd nuair a tha biadh air a ghiùlan air feadh an t-saoghail.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach nas aithne dhut mu bhiadh ràitheil.
Dùbhlan
Dèan mìosachan biadh ràitheil. Sgrìobh mìosan na bliadhna. Dèan dealbh de bhiadh fallain ràitheil airson na mìos sin.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count9 of 10
- count10 of 10
- count1 of 10
- count2 of 10