Prìomh fhiosrachadh
Nuair a bhios i uabhasach fuar anns a' gheamhradh, 's dòcha gum bi sneachd ann. Dè th' ann an sneachd agus cò às a tha e a' tighinn?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Cò às a tha sneachd a' tighinn
- Mu dhiofar sheòrsaichean sneachda
- Dè th' ann am bleideag dendrait
- Dè th' ann an sneachd bog
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu shneachd.
Coimhead a-mach an uinneag – tha sneachd ann! Nì sinn bodach-sneachda! Ach trobhad ort, dè th' ann an sneachd?
'S e seòrsa de shileadh a th' ann an sneachd, mar uisge agus flin.
Nuair a tha i uabhasach fuar, bidh criostalan deighe beaga bìodach air an cruthachadh shuas anns an adhar. Bidh tuilleadh chriostalan a' fàs air na criostalan deighe sin agus a' dèanamh chumaidhean sia-cheàrnach ris an can sinn bleideagan sneachda. Tha sia taobhan air sia-cheàrnach.
Ma thuiteas na bleideagan tro èadhar fhuar, thioram, bidh an sneachd coltach ri pùdar.
Ma thuiteas iad tro èadhar a tha rudeigin fliuch agus beagan nas blàithe, bidh na bleideagan fliuch. Mar as trice, 's e sneachd fliuch mar seo a bhios againn san Rìoghachd Aonaichte.
Tha bleideagan sneachda an-còmhnaidh sia-cheàrnach, agus tha gach fear eadar-dhealaichte.
Tha cumadh gu math sìmplidh air cuid de bhleideagan sneachda, ach tha an t-uabhas phàtrain air cuid eile, mar na dendraitean.
Tha dendrait a' ciallachadh coltach ri craobh, oir saoilidh tu gu bheil geugan mòra orra a' sìneadh a-mach air gach taobh. Cha bhi bleideagan dendrait air an cruthachadh ach aig teòthachd eadar -20 agus -25°C nuair a tha tòrr taiseachd san èadhar. Sin a tha a dhìth gus bleideagan cho mòr 's cho toinnte a chruthachadh.
Sa mhòr-chuid dhen Rìoghachd Aonaichte, chan àbhaist gum mair an sneachd uabhasach fada. Mar a bhios an teòthachd ag èirigh, bidh blàths na grèine a' leaghadh an t-sneachda. Bidh am measgachadh seo de dh'uisge is de shneachd a' fàgail cùisean bog agus sliobach. Bidh seo a' tachairt tric an Alba agus chan eil e spòrsail.
'S dòcha an-ath-turas a bhios sneachd ann gun obraich thusa a-mach an e sneachd fliuch no sneachd tioram a th' ann – agus gu h-àraidh, am bi e math airson bodach-sneachda a dhèanamh!
Cò às a tha sneachd a' tighinn?
- Tha an èadhar làn deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach..
- Nuair a tha i uabhasach fuar, bidh pàirt dhen uisge seo a' reothadh agus a' dol na chriostalan deighe.
- Bidh criostalan deighe eile a' fàs timcheall orra sin.
- Bidh na criostalan a' cruthachadh nam bleideagan sneachda sia-cheàrnach (sia taobhan).
- Ma thuiteas bleideagan sneachda tro èadhar a tha fuar agus tioram, bidh an sneachd coltach ri pùdar.
- Ma thuiteas iad tro èadhar a tha fliuch agus nas blàithe, bidh an sneachd fliuch. 'S e sneachd fliuch as trice a bhios againn ann an Alba.
Seall air na bleideagan sneachda seo
Chaidh an dealbh seo a thogail a' cleachdadh maicreasgop. Tha maicreasgop a' leigeil le luchd-saidheans rudan beaga, bìodach fhaicinn faisg.
Tha an dà bhleideag gu math eadar-dhealaichte agus toinnte, ach tha sia taobhan air na dhà.


- sneachd – Sileadh nuair a ruigeas e ìre reothaidh agus a thèid e na theann-stuth.
- sia-cheàrnach - Cruth le sia taobhan. Tha a h-uile bleideag sneachda sia-cheàrnach.
- sileadh – Uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh.
- sneachd bog – Measgachadh de dh'uisge is de shneachd.
- bleideag dendrait – Bleideag sneachda thoinnte agus saoilidh tu gu bheil geugan oirre coltach ri craobh. Bidh iad air an cruthachadh nuair a tha i uabhasach fuar agus a tha tòrr taiseachd anns an èadhar.
Ceistean

Sgrìobh bàrdachd mu latha le sneachd ann.
Bhon a tha fios agad a-nis air tòrr mu shneachd agus cò às am bi e a' tighinn, feuch ri dàn a sgrìobhadh mu latha fuar geamhraidh.
Feuch an cleachd thu:
- Cànan a bheir tuairisgeul math
- Similidhean agus meataforan
- Pearsanachadh
Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count4 of 21
- count5 of 21
- count6 of 21
- count7 of 21