Blàr Allt a' Bhonnaich, 1314

Part of Cuspairean SòisealtaCogaidhean na Saorsa

B' e Blàr Allt a' Bhonnaich am prìomh bhlàr mu dheireadh de Chogaidhean na Saorsa. Thachair e thar dà latha air 23 agus 24 Ògmhios 1314.

Faigh a-mach mar a rinn Raibeart Brus a' chùis air arm Shasainn aig Blàr Allt a' Bhonnaich.

Ciamar a bhuannaich Raibeart Brus am blàr?

B' e Raibeart Brus a bha os cionn feachd na h-Alba. Nan aghaidh bha feachd Shasannach, fo Rìgh Shasainn, Eideard II, a bha gu math na bu mhotha.

Dh'fheumadh Raibeart a bhith gleusta ma bha e a' dol a bhuannachadh.

Chuir Raibeart na saighdearan aige ann am buidhnean mòra, teann ris an canar sioltroin.

Bha na sioltroin coltach ri gràineagan mòra oir bha pìcean agus sleaghan mòra aca.

Ghabh Raibeart air a shocair mus do thòisich e a' sabaid. Chùm e an fheachd aige sàbhailte a' chiad latha agus dh'fhuirich e gus an dèanadh feachd Shasainn mearachd.

Blàr Allt a' Bhonnaich: Prìomh cheumannan

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Dealbh bho beò-dhealbhadh goirid a' sealltainn Caisteal Shruighlea agus feachdan Albannach, Caisteal Shruighlea Blàr Allt a' Bhonnaich faisg air Caisteal Shruighlea – an caisteal mu dheireadh ann an Alba a bha fo smachd shaighdearan Sasannach. Bha Caisteal Shruighlea air leth cudromach do mheadhan Alba. Ma bha smachd agad air Caisteal Shruighlea, bha smachd agad air Alba.
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh Blàr Allt a' Bhonnaich
Image caption,
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh an t-700mh ceann-bliadhna de Bhlàr Allt a' Bhonnaich.

Plana Raibeirt airson a' bhlàir

  • Chuir Raibeart an fheachd aige am falach ann an coille airson a dìon bho bhoghadairean Shasainn
  • Dh'fhuirich Raibeart gus an deach feachd Shasainn tarsainn air abhainn
  • Thug na sioltroin aig Raibeart ionnsaigh air feachd Shasainn gun fhiosta dhaibh
  • Bha feachd Shasainn air a glacadh le taobhan casa air bruach na h-aibhne agus cha b' urrainn dhaibh tilleadh
  • Thug Raibeart òrdan dha na fir agus dha na boireannaich a bha a' cuideachadh iad gluasad air adhart. Bha na Sasannaich mar sin an dùil gun robh feachd na bu mhotha aige

Dh'obraich am plana aig Raibeart. Thug e a chreidsinn air feachd Shasainn gun robh fiù 's barrachd shaighdearan Albannach a' tighinn agus chaidh iad nam boil.

Chaidh na mìltean shaighdearan Sasannach a mharbhadh. Cha d' fhuair ach a dhà no trì cheudan air ais a Shasainn gu sàbhailte.

Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh Blàr Allt a' Bhonnaich
Image caption,
Ath-chluich de shioltron Albannach a' comharrachadh an t-700mh ceann-bliadhna de Bhlàr Allt a' Bhonnaich.

More on Cogaidhean na Saorsa

Find out more by working through a topic