Air ùrachadh: 31 An t-Iuchar 2019
Tha do dhàta cudromach
Tha sinn airson do chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn na còraichean a th’ agad agus an cleachdadh cho furasta sa ghabhas.
Cuimhnich
A rèir d’ iarrtas, dh’fhaodadh gu feum sinn dà sheòrsa nì-aithneachaidh gus dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.
Tha seo a’ gabhail a-steach:
- Cead-siubhail
- Cead dràibhaidh
- Teisteanas breith
- Bileag seirbheis, aithris banca no leabhar màil bho na trì mìosan a dh’fhalbh
- Bileag clàraidh carbad
'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh. Mar eisimpleir:
- Nam faodadh e buaidh a thoirt air còraichean dhaoine no chompanaidhean eile
- Mura bheil thu air am fiosrachadh air fad a tha dhìth a thoirt dhuinn, agus dearbhadh aithne
- Ma tha an lagh ag innse dhuinn nach eil an leithid ceadaichte no ma tha e mar phàirt de sgeulachd naidheachd
- Agus uaireannan ma tha sinn den bheachd gu bheil thu ag iarraidh fada cus
Mar a tèid againn air do chuideachadh, tillidh sinn thugad agus mìnichidh sinn carson. Nì sinn ar dìcheall tilleadh thugad taobh a-staigh mìos. Airson iarrtasan nas toinnte, no airson tòrr iarrtasan, ‘s dòcha gun toir sinn nas fhaide, ach leigidh sinn fios ma tha dàil gu bhith ann agus dè an t-adhbhar air a shon.