BailteilSònaichean cleachdadh-fearainn: mòr-bhailtean

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Comharran sònaichean cleachdadh-fearainn: mòr-bhailtean leasaichte

Cuspair sgrùdaidh air Glaschu

Aithnichidh sinn diofar sgìrean ann am bailtean agus ann am mòr-bhailtean a rèir a' chleachdaidh-fearainn a th' annta. Faodar cleachdaidhean-fearainn mar taigheadas agus gnìomhachas a chur còmhla ann an sònaichean cleachdadh-fearainn:

  • Prìomh sgìre gnothachais (PSG)
  • Am baile a-staigh (seann taigheadas agus seann shònaichean gnìomhachais)
  • Sòn taigheadais ùr
  • Sòn gnìomhachais ùr
  • Sgìre gnothachais ùr

Tha an diagram a' sealltainn nan diofar shònaichean cleachdadh-fearainn ann am baile/mòr-bhaile:

SÚnaichean cleachdadh-fearainn
Figure caption,
Sònaichean cleachdadh-fearainn

Far a bheil Glaschu

Mapa de dh'Alba
Figure caption,
Mapa de dh'Alba
Mapa de Ghlaschu
Figure caption,
Mapa de Ghlaschu

More guides on this topic