BailteilSòn taigheadais ur

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Sòn taigheadais ur

Glaschu

Sgìre taigheadais ùr, Glaschu, Alba
Image caption,
Sgìre taigheadais ùr, Glaschu, Alba

Tha an sòn taigheadais ùr:

  • air iomall a' bhaile/a' mhòr-bhaile anns na h-iomaill a-muigh
  • far a bheil barrachd àite airson togail
  • ri taobh prìomh shlighean còmhdhail airson gum bi e furasta faighinn dhan PhSG

Tha an sòn taigheadais ùr air na h-iomaill a-muigh oir:

  • bidh bailtean agus mòr-bhailtean a' fàs a-mach agus mar sin, bidh na taighean as ùire nas fhaide air falbh bhon phàirt as sine dhen bhaile sa PhSG
  • tha barrachd rùm ann agus talamh nas saoire airson taighean mòra teaghlaich le gàrraidhean agus garaidsean a thogail

Tha am baile a-staigh ann an sòn taigheadais ùr furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:

  • chan eil an taigheadas cho dùmhail agus tha na taighean nas motha oir tha an talamh nas saoire air falbh bhon PhSG
  • pàtran nan sràidean air a dhealbh le luchd-dealbhachaidh bhailtean ann an cul-de-sacs agus ann an corrain ùra gus astar an trafaig a shlaodachadh airson gum bi e nas sàbhailte dhan chloinn
  • talamh fosgailte gu leòr, me pàircean
  • taigheadas nas ùire bhon fhicheadamh no bhon aonamh linn fichead – glè thric taighean dealaichte no leth-dhealaichte
  • taighean matha le gàrraidhean agus àite airson leasachadh mar seòmar-grèine
  • air a chuartachadh le sgìre uaine
  • air a sgaradh bho ghnìomhachas
  • bùithtean goireasach, me bùithtean beaga air an oisean
  • faisg air sgoiltean dhan chloinn
  • glè bheag de thruailleadh èadhair oir tha e fada air falbh bho thrafaig a' PhSG
  • an sgìre nas sàmhaiche agus seallaidhean nas brèagha oir tha e faisg air an dùthaich

Ann an Glaschu tha Newton Mearns na eisimpleir de sgìre taigheadais ùr.

More guides on this topic