Àrd-thalamh eighichteArêtes agus stùcan pioramaideach

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Arêtes agus stùcan pioramaideach

Aghaidh Thuath An Eiger
Figure caption,
Sealladh de na Himalayas a' sealltainn arête agus stùc phioramaideach

'S e druim le oir bhiorach a th' ann an arête. Tha e air a chruthachadh nuair a bhios dà choire nan seasamh cùl ri cùl. Mar a bhios gach èigh-shruth a' bleith gach taobh dhen druim, bidh an oir a' fàs nas caise agus bidh an druim a' fàs nas cumhainge.

Bidh stùc phioramaideach ga chruthachadh far am bi trì no barrachd de choireachan agus de dh'arêtes a' coinneachadh. Bidh èigh-shruthan a' bleith an comhair an cùil a dh'ionnsaigh a chèile, agus a' gearradh a-mach nan creagan le spìonadh agus sgrìobadh. Bidh reothadh is aiteamh a' caitheamh bàrr beinne agus a' cruthachadh mullach biorach.

Glinn air chumadh U

Gleann air chumadh U ann an Gleann Hola, Nirribhidh
Image caption,
Gleann air chumadh U ann an Gleann Hola, Nirribhidh

Bidh eigh-shruthan a' gearradh ghlinn shònraichte air chumadh U, no lagan le ùrlar còmhnard agus taobhan casa. Le bhith a' spìonadh agus a' sgrìobadh, bidh an t-eigh-shruth a' dèanamh srathan-aibhne air chumadh V nas leatha, nas caise, nas doimhne agus nas caoine agus a' toirt cumadh U orra. Tha an deigh a' gearradh dheth nan sporan co-naisgte san t-srath-aibhne chumhang air chumadh V agus a' cruthachadh sporan sàbhte. An dèidh eigheachadh, faodaidh uaireannan sruth/abhainn neo-chuimseach no loch riobain a bhith air ùrlar gleann air chumadh U.