Àrd-thalamh eighichteCuspair sgrùdaidh air Sgìre nan Lakes

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Cuspair sgrùdaidh air Sgìre nan Lakes

Cleachdadh-fearainn

Cleachdadh-fearainn ann an ‡rd-thalamh eighichte
Figure caption,
Cleachdadh-fearainn ann an àrd-thalamh eighichte

Tuathanachas

Tha an teòthachd ìosal air sgàth 's cho àrd 's a tha an talamh, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil an t-àm fàis goirid. Seach nach eil grian gu leòr ann, chan abaich am bàrr. Tha na leòidean ro chas airson innealan tuathanachais an latha an-diugh a chleachdadh, agus bidh an sileadh mòr a' sguabadh a' mhathachaidh às an ùir agus ga fàgail tana, searbhagach agus neo-thorrach. Glè thric bidh pàirtean nas còmhnairde sna glinn nam boglaichean agus chan fhàs bàrr idir annta. Tha caoraich cruaidh agus seasaidh iad ris an àrainneachd chruaidh, fhuar air leòidean àrda nan gleann air chumadh U – 's e tuathanachas caoraich beinne an seòrsa tuathanachais as cumanta a th' ann. Air ùrlaran nan gleann, me ann an Great Langdale, faodaidh crodh a bhith ag ionaltradh far a bheil an talamh nas còmhnairde agus am feur nas fheàrr air sgàth 's gu bheil an ùir nas torraiche. Tha feur ga fhàs mar fhodar dha na beathaichean sa gheamhradh. Bidh iomairtean eile a' toirt cothrom do thuathanaich barrachd teachd-a-steach fhaotainn, me Leabaidh is Bracaist (B&B) do luchd-turais.

Coilltearachd

Faodaidh coilltearachd choimearsalta a dhol air adhart air leòidean sìnte, nas ìsle nan gleann air chumadh U, me air Harter Fell, far nach eil cùisean cho cruaidh agus far a bheil an ùir nas fheàrr.

Gnìomhachas

'S e obair cuaraidh am prìomh ghnìomhachas a tha san sgìre. Tha sglèat na sgìre ga cleachdadh air mullaich thaighean agus airson ballachan cloiche a chàradh. Tha clach-ghràin air a cleachdadh airson rathaidean a dhèanamh agus clach-aoil airson stàilinn a dhèanamh.

Cur-seachadan agus turasachd

Sealladh brèagha de Grasmere
Image caption,
Sealladh brèagha de Grasmere

Bidh Sgìre nan Lakes a' tàladh luchd-turais oir tha seallaidhean bòidheach, nàdarra ann agus diofar chur-seachadan fad na bliadhna. Cuideachd, tha Sgìre nan Lakes faisg air iomadh sgìre bhailteil, me tha fìor cheanglaichean rathaid aig Carlisle air sgàth Mòr-rathaidean mar an M6.

Tha mòran dheagh chothroman airson spòrs uisge, mar sgitheadh-uisge agus cur-seachadan eile air uisge, leithid turasan iasgaich agus bhàtaichean, air lochan riobain mar Lake Windermere. Tha arêtes mar Striding Edge a' toirt chothroman math airson coiseachd nam monaidhean agus na stùcan pioramaideach airson sreap chreagan. Agus tha cothroman airson spòrs geamhraidh, mar sgitheadh, anns na coireachan.

A bharrachd air an sin bidh cùisean eachdraidh agus cultair, mar Taisbeanadh Beatrix Potter agus Dove Cottage, dachaigh William Wordsworth, cuideachd a' tàladh dhaoine dhan sgìre.

Stòradh agus solar uisge

Tha an sileadh mòr san sgìre seo a' ciallachadh gun urrainnear lochan mar Lake Thirlmere a chleachdadh airson uisge-òil a thoirt gu bailtean agus mòr-bhailtean a tha faisg air làimh, me Manchester. Tha na creagan cruaidhe, neo-dhrùidhteach air leth math airson uisge a stòradh ann an lochan-tasgaidh.

Lùth ath-nuadhachail

Tha lùth dealain-uisge (HEP: Hydro Electric Power) air a chruthachadh le bhith a' cur dhamaichean thairis air glinn chrochte. Bidh dealan air a chruthachadh le forsa an uisge bho na h-aibhnichean.