Buaidh a’ Chogaidh aig an taigh: an comann-sòisealta agus cultarAchd Dìon na Rìoghachd (DORA)

Thug a’ Chiad Chogadh buaidh air beatha dhaoine. Bha daoine gan togail don arm is dh’atharraich obair bhoireannach. Bhàsaich mòran à Alba is thogadh carraighean-cuimhne.

Part of EachdraidhÀm a' Chiad Chogaidh

Achd Dìon na Rìoghachd (DORA)

Thàinig Achd Dìon na Rìoghachd (DORA: The Defence of the Realm Act) gu bith air 8 Lùnastal 1914, agus thugadh ùghdarras dhan riaghaltas cha mhòr rud sam bith a dhèanamh a bha air fhaicinn riatanach airson cuideachadh leis a' chogadh agus airson an rìoghachd a dhìon.

Eisimpleirean de laghan DORA

Cha robh cead aig duine:

  • bruidhinn air cùisean co-cheangailte ris an arm no ris an nèibhidh ann an àiteachan poblach
  • fathannan a sgaoileadh mu chùisean armailteach
  • prosbaig a cheannach
  • a dhol air loidhneachan rèile no air drochaidean gun chead
  • òr no airgead a leaghadh
  • teine-ealain no drìlseachain a lasadh
  • aran a thoirt do dh'eich no do chearcan
  • inc neo-fhaicsinneach a chleachdadh nuair a bhiodh iad a' sgrìobhadh gu duine thall thairis

An toiseach, ghabh am poball ris gun robh feum air barrachd tèarainteachd agus smachd air sgìrean a bha riatanach do dh'oidhirp a' chogaidh. Ach mar a bha an cogadh a' dol air adhart, bha daoine a' cur an aghaidh mar a bha DORA a' toirt bhuapa saorsa bhunaiteach. Bha a' mhòr-chuid dhen bheachd gun robh mòran dhe na riaghailtean gun bhrìgh agus mì-ghoireasach.