Buaidh a’ Chogaidh aig an taigh: an comann-sòisealta agus cultarDreuchd nam boireannach aig àm a' chogaidh

Thug a’ Chiad Chogadh buaidh air beatha dhaoine. Bha daoine gan togail don arm is dh’atharraich obair bhoireannach. Bhàsaich mòran à Alba is thogadh carraighean-cuimhne.

Part of EachdraidhÀm a' Chiad Chogaidh

Dreuchd nam boireannach ag atharrachadh aig àm a' chogaidh

Aig àm a' chogaidh chaidh mòran bhoireannach fhastadh ann am factaraidhean, gu h-àraidh ann an gnìomhachas nam ball-airm. Ron chogadh, bha nas lugha na 4,000 boireannach ag obair ann an gnìomhachas trom ann an Alba. Ann an 1917 bha còrr is 30,000 boireannach ag obair ann an gnìomhachas nam ball-airm ann an Alba. Gu nàiseanta, ro dheireadh 1918, b' e boireannaich a bh' ann an 90% dhen luchd-obrach ann an gnìomhachas nam ball-airm.

Bha boireannaich cuideachd ag obair air tramaichean agus busaichean, agus nan luchd-taipidh agus nan rùnairean ann an oifisean agus ann am factaraidhean. Bha na mìltean ag obair air tuathanasan ann an Arm an Fhearainn. Bha feadhainn eile ann an obraichean traidiseanta mar nursadh. Bha iad sin nam modailean cudromach do bhoireannaich a bha airson sealltainn gun robh iad a' dèanamh an cuid fhèin airson oidhirp a' chogaidh.

Boireannaich ag obair aig factaraidh urchraichean, Gretna, Alba ann an 1918
Image caption,
Boireannaich ag obair aig factaraidh urchraichean, Gretna, Alba ann an 1918

Seasamh nam boireannach

An toiseach, bha uallach air fireannaich a bha ag obair ann am factaraidhean nach biodh inbhe cho math aca agus gum biodh am pàigheadh aca ann an cunnart. B' e 'lagachadh' a chanadh iad ris an sin. Mu dheireadh thàinig iad gu aonta – cha bhiodh boireannaich air an trèanadh ach gu ìre meadhanach-ionnsaichte agus dh'fheumadh cuideigin a bhith ag obair os an cionn. Bha sin a' ciallachadh nach biodh na fireannaich a' faireachdainn gun deach an inbhe mar luchd-obrach ionnsaichte a bheagachadh.

Tha an Cogadh Mòr air fhaicinn glè thric mar chùis a thug prìomh atharrachadh ann an inbhe nam boireannach ann an comann-sòisealta Bhreatainn. Ach nuair a chrìochnaich an cogadh, cha do ghlèidh a' mhòr-chuid dhe na boireannaich na h-obraichean a bh' aca fhad 's a bha an cogadh a' dol. Bha Achd Ath-thilleadh Chleachdaidhean ron Chogadh (The Restoration of Pre-War Practices Act) a' ciallachadh gun d' fhuair na saighdearan a bha a' tilleadh às a' chogadh na seann obraichean aca air ais, agus nuair a dhùin a' mhòr-chuid de fhactaraidhean nam ball-airm, cha robh feum air boireannaich tuilleadh mar luchd-obrach. Beagan bhliadhnachan an dèidh dhan chogadh crìochnachadh, bha còrr is 25% de bhoireannaich a bha ag obair air ais air mhuinntireas no san dachaigh – a' coimhead às dèidh chloinne agus obair-taighe.