Prìomh fhiosrachadh
'S e rud a th' ann am bogha-frois a chì sinn, mar as trice nuair a tha measgachadh ann de ghrian agus de fhrasan uisge. Ach ciamar a tha bogha-frois air a chruthachadh?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na diofar dhathan solais a gheibh sinn bhon ghrèin
- Na bhios a' tachairt nuair a bhuaileas solas ann am boinne uisge
- An t-adhbhar a tha cruth arc air bogha-frois
- Mar a nì thu bogha-frois dhut fhèin
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a tha bogha-frois air a chruthachadh.
Ma bhios grian agus uisge ann aig an aon àm, ’s dòcha gum faic thu bogha-frois.
Ach carson a bhios bogha-frois ann?
Tha dà rud a dh’fheumas bogha-frois: solas na grèine agus boinnean uisge.
Nuair a bhios a’ ghrian a’ deàrrsadh, bidh i a’ dèanamh solas. Chì sinn sin mar sholas geal, ach tha iomadh dath ann dha-rìribh.
’S e na dathan dearg, orains, buidhe, uaine, gorm, guirmean agus bhiolait, agus a h-uile tuar dhathan eatarra.
Seo abairt airson òrdugh nan dathan a chuimhneachadh “Duine oidhirpeach bàn uabhasach gu gèam ball-coise.”
Faodaidh sinn an solas geal a sgaradh anns na diofar dhathan le priosam glainne. Bidh am priosam a’ lùbadh diofar dhathan de sholas aig diofar cheàrnan. Canar ath-raonadh ris a seo.
Faodaidh seo tachairt ann am boinnean uisge cuideachd. Nuair a thèid solas na grèine a-steach do bhoinne uisge, thèid na diofar dhathan solais ath-raonadh aig diofar cheàrnan. Bidh na dathan an uair sin a’ sgaoileadh. Bidh cuid dhen t-solas air ath-thilgeil bho uachdar a-staigh a’ bhoinne uisge.
Mar sin, nuair a bhios a’ ghrian air do chùlaibh agus an t-uisge air do bheulaibh, chì thu dathan bogha-frois air an ath-thilgeil bho bhroinn nam boinnean uisge.
Cho math ri dathan brèagha, tha cruth sònraichte cuideachd air bogha-frois. Chì sinn bogha-frois mar arc no cruthan arc chionn tha an talamh no a’ mhuir a’ tighinn eatarra. Nam biodh tu shuas àrd ann am plèan, no shuas air beinn, chitheadh tu bogha-frois mar chearcall slàn.
An-ath-thuras a bhios latha grianach ann, faodaidh tu fhèin bogha-frois a dhèanamh ma chleachdas tu frasair no pìob-uisge airson nam boinnean uisge a chruthachadh. Cuimhnich gun cùm thu a’ ghrian air do chùlaibh, agus na fliuch thu fhèin!
Ciamar a tha bogha-frois air a chruthachadh?
Airson bogha-frois a bhith air a chruthachadh, tha feum air dà rud – solas na grèine agus uisge.
Bidh sinn a' faicinn solas na grèine mar sholas geal ach tha an solas geal seo air a dhèanamh suas de speactram de dh'iomadh dath air am measgadh còmhla.
Chì sinn bogha-frois nuair a tha solas geal air a sgapadh a-mach anns na diofar dhathan seo. Canar sgaoileadhSolas geal a' sgaradh a-mach ann an speactram de dhiofar dhathan. ris.
- Nuair a thèid solas na grèine a-steach a bhoinne uisge, bidh na diofar dhathan air an lùbadh aig diofar cheàrnan. Canar ath-raonadhAn t-atharrachadh ann an luaths solais a dh'fhaodas toirt air diofar dhathan lùbadh aig diofar cheàrnan nuair a ghluaiseas e bho èadhar agus a-steach do ghlainne no stuth eile. ris an seo.
- Bidh na diofar dhathan air an ath-thilgeil bho thaobh a-staigh cùl a' bhoinne uisge.
- Mar sin nuair a tha a' ghrian air do chùlaibh agus an t-uisge air do bheulaibh, chì thu bogha-frois de dhathan air an ath-thilgeil bho thaobh a-staigh gach boinne.
- 'S e na seachd phrìomh dhathan a chì sinn dearg, orains, buidhe, uaine, gorm, guirmean agus bhiolait.
A' sgaoileadh an t-solais
Tha e furasta na dathan ann an solas geal a sgaradh le priosam glainne triantanach.
- Cuir am priosam air pìos pàipear geal air bòrd
- Deàrrs leus solais (mar eisimpleir bho thoirdse) tron phriosam
- Gluais am priosam agus atharraich a' cheàrn aig am bi an solas ga bhualadh
- Nuair a tha a' cheàrn freagarrach, bidh am priosam a' sgaoileadh an t-solais mar bhogha-frois.

Dè an cruth a tha air bogha-frois?
Tha bogha-frois lùbte chionn chì sinn solas air ath-thilgeil aig diofar cheàrnan bho bhoinnean uisge air feadh an taoibh dha bheil thu a' coimhead.
'S àbhaist gum faic sinn bogha-frois mar arc. Tha seo air sgàth 's gu bheil an tìr a' tighinn anns an rathad air.
Ach ma thu shuas ann am plèan no air mullach beinne, 's dòcha gum faiceadh tu bogha-frois mar chearcall slàn.
Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn diofar sheòrsaichean bogha-frois a dh'fhaodadh tu fhaicinn.
Image caption, Nuair a tha grian agus uisge ann còmhla, 's dòcha gum faic thu bogha-frois. Tha cruth arc air bogha-frois chionn tha an talamh a' cur stad oirnn bho bhith a' faicinn barrachd dhen chearcall.
Image caption, Ma bhios tu cho fortanach 's gum faic thu bogha-frois à plèan no bho mhullach beinne, bidh e na chearcall chionn chan eil càil a' cur stad ort bho bhith a' faicinn solas air ath-thilgeil bho gach taobh.
Image caption, Nuair a thèid solas ath-thilgeil dà thuras taobh a-staigh cùl boinne-uisge, chì thu bogha-frois dùbailte. Chan eil na dathan cho soilleir san dara bogha-frois agus tha iad a' dol an rathad eile, le dearg aig a' bhonn agus bhiolait aig a' mhullach.
1 of 3

bogha-frois - Arc de dhiofar dhathan a chì thu nuair a dheàrrsas solas na grèine tro uisge.
priosam - Nì 3sh a tha an aon mheud 's an aon chruth tron h-uile sgath dheth. Gabhaidh priosam triantanach geal a chleachdadh airson solas geal a sgaradh ann an diofar dhathan.
ath-raonadh - An t-atharrachadh ann an luaths solais a dh'fhaodas toirt air diofar dhathan lùbadh aig diofar cheàrnan nuair a ghluaiseas e bho èadhar agus a-steach do ghlainne no stuth eile.
sgaoileadh - A' sgaradh solas geal ann an speactram de dhiofar dhathan.
speactram - An raon de dhiofar dhathan dhan gabh solas geal a bhith air a sgaradh.
Ceistean

Dèan fhèin bogha-frois
Feumaidh tu:
- Latha brèagha grianach
- Stealladair uisge no pìob-gàrraidh
- A' ghrian a chumail air do chùlaibh, an t-uisge a stealladh air falbh bhuat. Nuair a bhios tu a' dèanamh seo, chì thu bogha-frois ga chruthachadh leis na boinneagan-uisge san stealladair.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count11 of 21
- count12 of 21