Ro-ràdh: bana-bhuidsichean Bearaig a Tuath
Eadar 1590 agus 1592 chaidh cur às leth còrr is 70 neach ann an Lodainn an Ear gur e bana-bhuidsichean a bh' annta, agus gun robh a' chuid as motha dhen obair aca ann am baile Bhearaig a Tuath.
Thàinig a' chùis gu bhith cho ainmeil 's gun do ghabh Rìgh Seumas VI na h-Alba pàirt anns na cùirtean-lagha e fhèin.

Coimhead: a' lorg Bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath
Coimhead agus faigh a-mach mar a chaidh cur às leth searbhanta bhochd à Alba gun robh i a' feuchainn ri Rìgh a mharbhadh le buidseachd!
'S e a' bhliadhna 1590 a th' ann agus tha an Rìgh Seumas VI a' seòladh dhachaigh às an Danmhairg còmhla ri a bhean ùr nuair a tha rag-ghèile garg ag èirigh a tha a' cur tè de bhàtaichean a' chabhlaich chun a' ghrunnd. Ach ann an linn saobh-chràbhach, chan e an-còmhnaidh dìreach droch shìde a th' ann an stoirmean – uaireannan tha iad air am faicinn mar dhraoidheachd dhubh agus bha deagh neach-amharais ann mar-thà.
Bliadhna roimhe seo, ann an Tranent faisg air Bearaig a Tuath, chaidh cur às leth searbhant a bha na deugaire, Geillis Duncan, gun robh i ri buidseachd. Bha daoine amharasach oir bhiodh i a' dol a-mach gun fhiosta air an oidhche, agus a' dèanamh chan eil fhios dè. Chaidh a pianadh le ròpannan agus glasan-mheur mus do 'dh'aidich' i mu dheireadh gum biodh i ri buidseachd – ach na bu mhios buileach, gun robh mòran bhana-bhuidsichean eile an sàs ann.
Thachair na cùirtean-lagha aig an aon àm ri turas eagalach Sheumais, agus thàinig e gu bhith an lùib – air a bheò-ghlacadh 's dòcha – le Cùirtean Bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath.
Agus cha b' e Seumas a-mhàin; air feadh na Roinn Eòrpa, bha eagal air daoine ro 'bhuidseachd'. Ann an 1563, chuir Màiri Banrigh na h-Alba Achd Draoidheachd na h-Alba an gnìomh is ghabhadh peanas bàis a chur air neach a bha ri buidseachd.
Chuir cùirtean bhana-bhuidsichean Trier anns a' Ghearmailt gu mòr ris an eagal sin an dèidh na ceudan dhaoine a chur gu bàs airson a bhith nam bana-bhuidsichean.
Bha Seumas na rìgh òg, mì-chinnteach agus thug an t-eagal agus an t-uallach buaidh air. A' tilleadh às an Danmhairg, le eagal air sgàth a' ghèile, dh'fheumadh freagairtean fhaighinn air cò iad na bana-bhuidsichean a mhiannaicheadh am bàs dha. Agus chaidh e fhèin an sàs ann an cùirtean nam bana-bhuidsichean; tachartasan dorcha a bha a' pianadh dhaoine airson toirt orra aideachadh.
Mar John Fian, maighstir-sgoile a chaidh ainmeachadh le Geillis Duncan. Chaidh a phianadh le glasan-mheuran a bharrachd air A' Bhòtann anns am biodh a' chas ga cur ann am frèam iarainn a bhriseadh cnàmhan.
Gu nàdarra, bha ceistean fo phianadh a' ciallachadh gun deach fiù 's barrachd dhaoine ainmeachadh le luchd-fulaing nan èiginn ag ainmeachadh 'bhana-bhuidsichean' eile airson gun sguireadh am pianadh.
Chaidh cur às leth deichean dhaoine eile gun robh iad ri buidseachd agus dh'aidich iad gun robh iad ri iomadh seòrsa rud. Na ceudan de bhana-bhuidsichean a' seòladh ann an sìoltachain, a' dannsa ann an eaglais ann am Bearaig a Tuath, agus gu h-àraidh, Agnes Sampson a' bàthadh cat ann an Abhainn Fhoirthe airson 'gèile mòr' a ghairm a bhàthadh an rìgh. Bha 'fianais' aig Seumas mu dheireadh.
Ann am Bearaig a Tuath fhèin, chaidh coire a chur air còrr is 100 fear is tè, le mòran dhiubh an uair sin air an tachdadh no air an losgadh mar thoradh air Cùirtean-lagha Bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath.
Bha Seumas a-nis gu tur cinnteach à cunnart nam bana-bhuidsichean agus, ann an 1597, sgrìobh e leabhar a' moladh peanas cruaidh airson nan eucoirean aca - Daemonologie.
Ann an Alba fhèin anns an linn sin, chaidh buidseachd a chur às leth còrr 3,500 neach, agus chaidh mu dhà thrian dhiubh a chur gu bàs. Prìs bhrùideil – ach do Sheumas agus iomadh neach eile, bha e na cheum a dh'ionnsaigh Alba a bhith nas sàbhailte.
Rìgh Seumas VI agus an stoirm eagalach ann an 1589

Ann an 1589, bha Rìgh Seumas VI na h-Alba agus a' bhana-phrionnsa Anna às an Danmhairg fo ghealladh-pòsaidh.
Dh'fhàg Anna Copenhagen air a slighe a Dhùn Èideann anns an t-Sultain 1589, ach air sgàth stoirm às dèidh stoirm, bha aig a' chabhlach a bha ga toirt a dh'Alba ri dhol am fasgadh ann an Nirribhidh. Chuir Seumas roimhe a coinneachadh ann agus phòs iad a sin anns an t-Samhain.
Thill iad a dh'Alba anns a' Ghiblean a' bhliadhna às dèidh sin, ach bhuail stoirmean a' chabhlach a-rithist agus chaidh aon bhàta a chur fodha.

Cùirtean-làgha nam Bana-bhuidsichean ann an Copenhagen
Ann an Copenhagen, anns a' Chèitean 1590, chaidh boireannach dom b' ainm Ane Kolding a chur an grèim airson buidseachd.
Dh'aidich Kolding, fo phianadh, gun do leig i fhèin agus buidheann de bhoireannaich eile deamhnan a-mach gus feuchainn ri stad a chur air a' Bhana-phrionnsa Anna bho shiubhal a dh'Alba.
Chaidh Kolding agus dusan eile a chur gu bàs airson buidseachd.
Bha Seumas a-nis ann an Alba agus chuala e an naidheachd mu chùirtean-lagha nam bana-bhuidsichean ann an Copenhagen. Ghabh e na cheann gun deach buidseachd a chleachdadh air a bhean.
An do rinn bana-bhuidsichean cuilbheart Rìgh Seumas a mharbhadh?

'S dòcha gum biodh sin air a bhith na dheireadh air a' chùis mura b' e gun do dh'fhàs fear à Tranent, Lodainn an Ear, David Seton, droch-amharasach mu thè dhe na searbhantan aige - boireannach òg dom b' ainm Geillis Duncan.
Bha i aithnichte gu h-ionadail mar neach-leighis, agus bhiodh i tric a' dol a-mach air an oidhche.
Le eagal gun robh i ri buidseachd, fhuair Seton air Geillis a chur an grèim. Chaidh a pianadh le inneal ris an cante pilliwinkes, coltach ri glas-mheur, agus bha daoine ag ràdh gun robh Comharra an Diabhail air a h-amhaich.
Le cuideam ga chur oirre, dh'aidich Geillis agus dh'ainmich i bana-bhuidsichean eile à Dùn Èideann agus Lodainn an Ear a thuirt i a bha air cùl feuchainn ri bàtaichean an rìgh a chur fodha.


Chaidh na daoine a dh'ainmich Duncan cuideachd a chur an grèim agus a cheasnachadh.
Glè thric chaidh am pianadh, mar am maighstir-sgoile ionadail, John Fian, a chaidh a chur “to the most severe and cruell paine in the world, called the Bootes". Bha seo a' ciallachadh gun deach a chasan a chur ann an clampaichean air an teannachadh le geinnean fiodha.
Bha a' mhòr-chuid a bha a' dol fo chasaid buidseachd ag aideachadh air a' cheann thall, no ag ainmeachadh dhaoine eile a bha iad a' cumail a-mach a bha cuideachd nam bana-bhuidsichean.
Bha an stòiridh a nochd a' toirt iomradh air cruinnichidhean de bhana-bhuidsichean far an do nochd an Diabhal agus far an tug e òrdan dhaibh an Rìgh Seumas a mharbhadh.
Fhuair an Rìgh Seumas a-mach mun chuilbheart, agus dh'iarr e cùirt-lagha airson faighinn gu bonn na cùise.
Chaidh fiosrachadh mun chùirt-lagha a chlàradh ann an Newes from Scotland, bileag a bha Seumas air a sgaoileadh mar phàirt dhen iomairt aige an aghaidh buidseachd.

Cùirt-lagha Bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath

Nuair a chuala e mun ghnothaich, thug an Rìgh Seumas òrdan a' phrìomh fheadhainn mun robh amharas a thoirt a Dhùn Èideann. Thug e fiù 's cead sònraichte pianadh a chleachdadh.
Bhruidhinn Seumas gu pearsanta ri aon dhen fheadhainn a bha fo chasaid, Agnes Sampson, agus tha e coltach gun do chuir e uabhas air gum b' urrainn dhi còmhraidhean prìobhaideach a bha aige ri a bhean Anna aithris dha.
A rèir Newes from Scotland, b' ann air sgàth gun do dh'aidich Agnes a chaidh ceangal a dhèanamh eadar i fhèin agus cuilbheart gus Rìgh Seumas a mharbhadh.
Moreover she confessed, that at the time when his Majestie was in Denmarke, shee … tooke a Cat and christened it, and … said Cat was conveyed into the middest of the Sea by all these Witches, sayling in their Riddles or Cives…: this done, there did arise such a tempest in the Sea, as a greater hath not bene seene: … the saide christened Cat was the cause that the Kinges Majesties Shippe at his coming forth of Denmarke, had a contrarie winde to the rest of his Shippes
Thathar a' meas gun deach mu 70 neach fheuchainn airson buidseachd co-cheangailte ris a' chùis seo.
Bha Seumas a' leantainn nan cùirtean-lagha gu dlùth, agus bhris e a-steach air a' chùis nuair a chaidh aon bhoireannach, Barbara Napier, a dhearbhadh neoichiontach dhe na casaidean uile. Rinn e tagradh airson a' bhinn atharrachadh agus a cur gu bàs.
B' e pianadh agus casaidean Geillis Duncan a bha aig cridhe na cùise seo an aghaidh nam bana-bhuidsichean agus chaidh ise a chur gu bàs.
Dìreach mus deach i fhèin a chur gu bàs, thuirt i nach robh na dh'aidich i fìor agus gun do dh'aidich i ri buidseachd agus ri cuilbheart gus an rìgh a mharbhadh fhad 's a bha i a' fulang pianadh uabhasach.
Cha do shàbhail sin i ge-tà, agus chaidh a cur gu bàs le bhith ga tachdadh agus an uair sin ga losgadh.

Daemonologie – leabhar an Rìgh Sheumais mu bhuidseachd

Air sgàth nan tachartasan co-cheangailte ri cùirtean-lagha bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath, bha Seumas cinnteach nach b' e a-mhàin gun robh bana-bhuidsichean gu dearbh nan cunnart, ach gum faodadh iad a bhith an sàs ann an cuilbheart na aghaidh.
Thòisich e ag obair air leabhar a bha a' mineachadh nan cunnartan a bha an luib bhana-bhuidsichean.
B' e Daemonologie ainm an leabhair agus chaidh fhoillseachadh ann an 1597. B' e seo an aon leabhar dheth sheòrsa a dh'fhoillsich rìgh.
Bha buaidh mhòr aig an leabhar ann a bhith a' toirt air daoine creidsinn cho cunnartach 's a bha buidseachd.

Bana-bhuidsichean agus Shakespeare

Thug an Daemonologie aig an Righ Seumas buaidh air Uilleam Shakespeare. Thathar dhen bheachd gun robh an leabhar na bhrosnachadh airson nam bana-bhuidsichean anns an dealbh-chluich aige, Macbeth.
Ann am Macbeth, tha tè de na bana-bhuidsichean fiù 's a' toirt iomradh air a bhith a' siubhal thar a' chuain ann an sìoltachan, dìreach mar a bha bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath fo chasaid gun do rinn iad:
But in a sieve, I'll thither sail (Macbeth, Act 1, Scene 3)

Seumas na Righ Shasainn
Nuair a thàinig Seumas gu bhith na Righ Shasainn ann an 1603, lean e air leis an t-sabaid an aghaidh buidseachd.
Ann an 1604, chuir Pàrlamaid Shasainn achd an ceill air an robh Act against Conjuration, Witchcraft and dealing with evil and wicked Spirits. Fon lagh ur seo, b' e eucoir le peanas bàis a bh’ ann a bhith ri buidseachd no ag iarraidh cuideachadh air droch spioradan.
Nas fhaide air adhart, ghabh Seumas ris gun deach casaidean mì-chothromach a chur an aghaidh moran dhe na bha fo chasaid buidseachd.
Mar thoradh air a sin, cha robh e cho trang an toir air bana-bhuidsichean nuair a bha e na bu shine.
Ach bhiodh 124 bliadhna eile ann mus toireadh lagh ur cùirtean bhana-bhuidsichean gu ceann anns an RA.
Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic