Eòlas-bodhaig agus eucoir – Burke agus Hare: Mèirlich nan cuirp

Part of EachdraidhEòlas-leighis tro na linntean

Eòlas-bodhaig agus eucoir

Anns an Roinn Eòrpa, bha e air a thoirmeasg, no air a chuingealachadh, fad linntean airson adhbharan creideimh no sòisealta, cuirp dhaoine a chleachdadh airson sgrùdadh meadaigeach.

Airson sgilean eòlas-bodhaig fheuchainn a-mach, bha dotairean an ìre mhath air an cuingealachadh ri bhith a' gearradh cuirp eucoraich a chaidh a chur gu bàs. Mar a thàinig barrachd is barrachd sgoiltean meadaigeach, thàinig barrachd iarraidh air cuirp agus cha robh gu leòr dhaoine air an cur gu bàs airson cumail suas ris an iarrtas. Nuair a dh'fhàs cuirp gann, thòisich cuid a' goid chuirp à uaighean, no nas miosa, airson an reic ri sgoiltean meadaigeach.

Anns an 19mh linn, rinn dithis fhear gnothachail à Dùn Èideann an dearbh rud sin. B' iadsan William Burke agus William Hare.

Dealbh co-aimsireil de William Hare (air an làimh chlì) agus William Burke
Image caption,
Dealbh co-aimsireil de William Hare (air an làimh chlì) agus William Burke.
Back to top

Corp-ghearradh

Chaidh The Anatomy Lesson of Dr Nicolaes Tulp a pheantadh le Rembrandt ann an 1632
Image caption,
Chaidh The Anatomy Lesson of Dr Nicolaes Tulp a pheantadh le Rembrandt ann an 1632.

Bha na lighichean Greugach Herophilus (335 - 280 BC) agus Erasistratus (305 - 250 BC) ann an Alexandria, ris an can sinn an Èipheit an-diugh, airson ionnsachadh mu eòlas-bodhaig agus galar. Ach cha robh daoine measail air sgrùdadh practaigeach air bodhaig dhaoine fad nan ceudan bhliadhnaichean.

Nochd ùidh às ùr ann an sgrùdadh eòlas-bodhaig ann an linn an Ath-bheothachaidh. Rinn Leonardo da Vinci grunn dhealbhan de bhodhaig dhaoine fhad 's a bha e a' gearradh bodach a chaochail ann an ospadal ann am Florence anns a' gheamhradh 1507-08.

Air sgàth 's gun robh sgoiltean meadaigeach a' dol am meud, bha iarrtas ann air cuirp airson an gearradh agus airson ionnsachadh bhuapa. Ach cha robh a' mhòr-chuid de dhaoine anns an Roinn Eòrpa airson gun deigheadh an cuirp fhèin, no cuirp an càirdean, a ghearradh an àite an tiodhlacadh ann an dòigh Chrìosdail.

B' e am fuasgladh cuirp nan daoine a bha iad a' smaoineachadh nach robh airidh air tiodhlacadh Crìosdail a chleachdadh. Ann an 1505, chaidh lagh a chur an gnìomh a thug corp aon eucorach a chaidh a chur gu bàs gach bliadhna dhan Incorporation of Surgeons and Barbers ann an Dùn Èideann. Ann an 1540, thug an seòrsa riaghailt còir dha na Companies of Barbers and Surgeons ann an Lunnainn cuirp ceathrar eucoraich a chaidh a chur gu bàs a ghearradh.

Bha seo a' ciallachadh nach robh mòran chuirp ann airson an gearradh – agus gun robh iad an-còmhnaidh gann.

Chaidh The Anatomy Lesson of Dr Nicolaes Tulp a pheantadh le Rembrandt ann an 1632
Image caption,
Chaidh The Anatomy Lesson of Dr Nicolaes Tulp a pheantadh le Rembrandt ann an 1632.

Feum air cuirp

Gràbhaladh Frangach bho 1826 a' sealltainn corp ga ghearradh ann an leasan eòlas-bodhaig
Image caption,
Gràbhaladh Frangach bho 1826 a’ sealltainn corp ga ghearradh ann an leasan eòlas-bodhaig.

Ann an 1751, chuir Riaghaltas Bhreatainn an gnìomh Achd a' Mhuirt. Bha an achd air a dealbh airson bacadh a chur air feadhainn a bha am beachd murt a dhèanamh. A bharrachd air a chur an gnìomh gu luath, thug an achd cuideachd a' chòir bho mhurtairean a bhith air an tiodhlacadh.

An àite sin, bha na cuirp aca gan toirt do sgoiltean meadaigeach airson gum faigheadh dotairean a bha a' trèanadh barrachd eòlais air sgàth an gearradh.

…in no case whatsoever the body of any murderer shall be suffered to be buried; unless after such body shall have been dissected and anatomized.
Murder Act, 1751

Fiù 's an dèidh Achd a' Mhuirt, cha robh mòran chuirp aig luchd meadaigeach ann an Alba. Eadar 1752 agus 1800, cha deach binn gearraidh a thoirt ach air 43 eucoraich ann an Alba. Bha an àireamh beag ann an Alba far nach robh ach 50 eucoir a gheibheadh binn bàis.

Bha barrachd chuirp rim faotainn ann an àitichean eile anns an RA – ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh bha còrr is 200 eucoir a gheibheadh binn bàis. Ach ann an 1823, chuir a' Phàrlamaid an gnìomh Achd Breith Bàis a thug peanas bàis air falbh bho liosta fhada de dh'eucoirean. Rinn seo tuilleadh lughdachaidh air an àireamh chuirp a gheibheadh dotairean.

Bha mòran sgoiltean meadaigeach nan èiginn, agus bha iad deònach airgead mòr a phàigheadh do dhuine sam bith a b' urrainn cuirp ùra a thoirt dhaibh.

Gràbhaladh Frangach bho 1826 a' sealltainn corp ga ghearradh ann an leasan eòlas-bodhaig
Image caption,
Gràbhaladh Frangach bho 1826 a’ sealltainn corp ga ghearradh ann an leasan eòlas-bodhaig.

Luchd-aiseirigh

 Gràbhaladh bho 1888 a' sealltainn buidheann de mhèirlich chuirp (no luchd-aiseirigh) a' goid corp à ciste
Image caption,
Gràbhaladh bho 1888 a' sealltainn buidheann de mhèirlich chuirp (no luchd-aiseirigh) a' goid corp à ciste.

Le iarrtas mòr air cuirp – agus tòrr airgid ga thabhann – thòisich cuid a' cladhach uaighean dhaoine a bha air bàsachadh o chionn ghoirid agus gan reic ri sgoiltean meadaigeach.

Fon lagh aig an àm, bha beachd ann nach buineadh cuirp a bh' air an tiodhlacadh do dhuine. Mar sin, bha cothrom aig Luchd-aiseirigh (mar a bha iad aithnichte) cuirp a chladhach gun eagal gun deigheadh an cur an grèim airson mèirle.

Dheigheadh cuirp a bha air an ùr-thiodhlacadh a chladhach às an uaigh agus, le dìomhaireachd mhòr, dheigheadh an reic ri sgoiltean meadaigeach agus ri dotairean prìobhaideach.

 Gràbhaladh bho 1888 a' sealltainn buidheann de mhèirlich chuirp (no luchd-aiseirigh) a' goid corp à ciste
Image caption,
Gràbhaladh bho 1888 a' sealltainn buidheann de mhèirlich chuirp (no luchd-aiseirigh) a' goid corp à ciste.

An e eucoir a bh' ann an goid cuirp?

Ceithir uaighean le cèidsichean iarainn is cloiche mun cuairt orra ann an cladh
Image caption,
Bha mortsafes mar an fheadhainn seo ann an Cill, no cladh eaglais, Chluanaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain, air an cleachdadh gus nach biodh daoine a' goid à cladhan.

Dh'fhàs goid chuirp cho cumanta 's gum biodh teaghlaichean a' dèanamh tòrr airson cuirp an teaghlaichean a dhìon:

  • ann an Alba, gu h-àraidh, bha mortsafes – cèidsichean iarainn mun cuairt uaighean – air an cleachdadh airson a dhèanamh nas dorra an corp a ghluasad.
  • chaidh turaidean-faire a thogail mu thimcheall chladhan agus eaglaisean airson gun gabhadh an dìon air an oidhche.

Bha e uabhasach cudromach do theaghlaichean faire a chumail air uaighean chàirdean a bha air an ùr-thiodhlacadh, chionn gu robh cuirp ‘ùra' na bu luachmhoire.

An ceann ùine, thòisich cuid de mhèirlich chuirp a' murt airson gum faigheadh iad cuirp cho ùr 's a ghabhadh.

Bhon a bha iomadh sgoil mheadaigeach chliùiteach ann an Dùn Èideann, bha cuid dhe na murtan a b' uabhasaiche dhen t-seòrsa sin sa bhaile.

Ceithir uaighean le cèidsichean iarainn is cloiche mun cuairt orra ann an cladh
Image caption,
Bha mortsafes mar an fheadhainn seo ann an Cill, no cladh eaglais, Chluanaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain, air an cleachdadh gus nach biodh daoine a' goid à cladhan.

Dè na bha corp a' cosg?

Back to top

Burke agus Hare

Sgeidse cho-aimsireil de thaigh-loidsidh William Hare. Rinn Burke agus Hare tòrr dhe na murtan aca anns an taigh seo
Image caption,
Sgeidse cho-aimsireil de thaigh-loidsidh William Hare. Rinn Burke agus Hare tòrr dhe na murtan aca anns an taigh seo.

B' ann à Èirinn a Tuath a bha William Burke agus William Hare bho thùs. Thàinig iad a dh'Alba mar air Canàl an Aonaidh.

Choinnich an dithis ann an Tanner's Close ann an sgìre West Port ann an Dùn Èideann. Bha taigh-loidsidh aig Hare an sin agus thàinig an dithis gu bhith nan caraidean.

Nuair a ghabh iad ceum a dh'ionnsaigh murt airson eòlas-cuirp an toiseach, cha robh iad ga chiallachadh.

Bha fear de sheann loidsearan Hare, peinnseanair airm air an robh Dòmhnall Sean, a fhuair bàs nàdarra. Dh'fhàg e fiachan màil de £4 (mu £271 an-diugh).

Airson na fiachan seo a phàigheadh, chuir an dithis fhear romhpa corp a' pheinnseanair a reic.

Airson gun toireadh iad an car às na h-ùghdarrasan, chuir iad rùsg chraobhan ann an ciste Dhòmhnaill airson a dèanamh trom agus thug iad a chorp chun an Ollamh Robert Knox aig an robh sgòil phrìobhaideach eòlas-bodhaig ann an Surgeons' Square ann an Dùn Èideann.

Cha do dhèilig Knox gu dìreach ri Burke agus Hare. Fhuair am paidhir aca £7 10 tasdain airson corp Dhòmhnaill – mu £508 ann an airgead an latha an-diugh.

Sgeidse cho-aimsireil de thaigh-loidsidh William Hare. Rinn Burke agus Hare tòrr dhe na murtan aca anns an taigh seo
Image caption,
Sgeidse cho-aimsireil de thaigh-loidsidh William Hare. Rinn Burke agus Hare tòrr dhe na murtan aca anns an taigh seo.

Murt

 Dealbh a' sealltainn Burke agus Hare a' murt cuideigin
Image caption,
Dealbh a' sealltainn Burke agus Hare a' murt cuideigin.

Seach nach b' urrainn dhaibh a bhith cinnteach gum fàsadh an luchd-màil aca tinn, thòisich Burke agus Hare air murt airson cuirp fhaighinn airson an reic.

Bha mòran dhe na mhurt iad a' loidseadh ann an taigh Hare. Fhuair feadhainn eile cuireadh chun an taighe agus chaidh deoch-làidir a thoirt dhaibh gus an do thuit iad nan cadal iad agus nach b' urrainn dhaibh iad fhèin a dhìon. Bha iad an uair sin air am mùchadh agus air an cur ann an ciste-teatha, air an toirt a Surgeons' Square agus air an reic ri Knox.

Thathar dhen bheachd gun do mharbh iad 16 neach.

Le cho math 's a bha iad a' faighinn air adhart, dh'fhàs am paidhir mì-chùramach ann an taghadh dhaoine. B' e fear òg a bha a' fuireach air sràidean Dhùn Èideann a bh' ann an James Wilson. Bha e ga chumail fhèin le bhith a' beigearachd. Bha e furasta aithneachadh ann an Dùn Èideann oir bha le cas chiorramach agus bha e cuagach.

An dèidh Wilson a mharbhadh agus a chorp a reic ri sgòil eòlas-bodhaig Knox, dh'aithnich cuid dhe na h-oileanaich an corp. Nuair a fhuaireadh a-mach nach robh sgeul air Wilson, tha e coltach gun tug Knox an ceann agus na casan dheth mus do gheàrr e e.

 Dealbh a' sealltainn Burke agus Hare a' murt cuideigin
Image caption,
Dealbh a' sealltainn Burke agus Hare a' murt cuideigin.
Back to top

Glacadh

 Dealbh de William Burke a' murt Margery Campbell – an neach mu dheireadh a mhurt Burke agus Hare ann an 1829. Bha Margery Campbell cuideachd aithnichte mar Margery Docherty
Image caption,
Dealbh de William Burke a' murt Margery Campbell – an neach mu dheireadh a mhurt Burke agus Hare ann an 1829. Bha Margery Campbell cuideachd aithnichte mar Margery Docherty.

Cha do mhair an càirdeas eadar Burke agus Hare – chaidh an dithis far a chèile air sgàth buaireadh gun robh Hare a' reic ri Knox leis fhèin agus a' gearradh Burke a-mach à gnothaichean.

Dh'adhbharaich seo gun tug Burke a-steach loidsearan e fhèin agus, air a' cheann thall, sin a rinn an call orra agus chaidh an glacadh.

Air Oidhche Shamhna 1828, dh'iarr Burke air na loidsearan aige fuireach còmhla ri Hare airson oidhche bhon a bha 'cuideigin càirdeach fad às dha mhàthair' a' tighinn a dh'fhuireach. B' e an 'cuideigein càirdeach' Margery Docherty agus b' ise an tè mu dheireadh a mharbh an dithis.

Nuair a thill na loidsearan aig Burke a dh'iarraidh rudan a bha iad air fhàgail às an dèidh, chaidh diùltadh dhaibh a dhol a-steach – bhris iad a-steach dhan rùm às dèidh sin agus lorg iad corp Margery.

Dh'innis iad dha na poilis mun mhurt, ach mun àm a thàinig na poilis, bha an corp mar-thà air a reic ris an Ollamh Knox.

 Dealbh de William Burke a' murt Margery Campbell – an neach mu dheireadh a mhurt Burke agus Hare ann an 1829. Bha Margery Campbell cuideachd aithnichte mar Margery Docherty
Image caption,
Dealbh de William Burke a' murt Margery Campbell – an neach mu dheireadh a mhurt Burke agus Hare ann an 1829. Bha Margery Campbell cuideachd aithnichte mar Margery Docherty.

Cùirt agus peanas

Dealbh a’ sealltainn William Burke ga chur gu bàs ann an 1829. Fhuair Burke binn bàis airson murt
Image caption,
Dealbh a’ sealltainn William Burke ga chur gu bàs ann an 1829. Fhuair Burke binn bàis airson murt.

Chaidh an dithis fhireannach a chur an grèim agus cha b' fhada gus an do thionndaidh iad air a chèile.

Nuair a nochd an naidheachd anns na pàipearan, thàinig caraidean agus teaghlaichean an fheadhainn a chaidh a mhurt air adhart airson an t-aodach aca aithneachadh. Ach, bhon nach robh na cuirp ann, cha robh dearbhadh gu leòr ann airson an cur fo chasaid.

Seo mar a bha a' chùis gus an do thabhainn am Morair Tagraidh, Sir William Rae, saorsa bho chasaid do Hare nan toireadh e fianais an aghaidh Burke. Dh'aontaich Hare agus thòisich a' chùirt Oidhche na Nollaige 1828.

Chaidh Burke fhaighinn ciontach agus chaidh binn bàs le crochadh a chur air.

Chaidh a chur gu bàs anns an Lawnmarket ann an Dùn Èideann air 28 Faoilleach 1829 agus chaidh a chorp a thoirt do shaidheans mheadaigeach airson a bhith ga ghearradh ann an leasain eòlas-bodhaig. Chithear an cnàimhneach aige fhathast ann an Surgeons' Hall ann an Dùn Èideann.

Chaidh Hare a leigeil mu sgaoil agus dh'fhàg e Dùn Èideann. Chan eil cinnt dè thachair dha no dè a' chrìoch a thàinig air.

Chaidh an t-Ollamh Knox fhaighinn neoichiontach anns a' chùis chionn nach robh e a' dèiligeadh gu dìreach ri Burke agus Hare agus b' urrainn dha a ràdh nach robh fios aige cò às a bha na cuirp a' tighinn. Ach thàinig air a dhreuchd mar neach-gleidhidh taigh-tasgaidh Colaiste Rìoghail nan Lannsairean a leigeil dheth, agus às dèidh sin chaidh a chur à Comann Rìoghail Dhùn Èideann.

Dealbh a’ sealltainn William Burke ga chur gu bàs ann an 1829. Fhuair Burke binn bàis airson murt
Image caption,
Dealbh a’ sealltainn William Burke ga chur gu bàs ann an 1829. Fhuair Burke binn bàis airson murt.
Back to top

Iar-bhuaidh

Cnàimhneach a' mhurtair William Burke ann an Taigh-tasgaidh Eòlas-bodhaig, Oilthigh Dhùn Èideann
Image caption,
Cnàimhneach a' mhurtair William Burke ann an Taigh-tasgaidh Eòlas-bodhaig, Oilthigh Dhùn Èideann.

Bhrosnaich na murtan a rinn Burke agus Hare ann an Dùn Èideann daoine eile murt a dhèanamh airson prothaid.

Chaidh am murt a b' ainmeile a dhèanamh le gràisg fhireannaich ris an cante na London Burkers.

Cleas Burke agus Hare, thòisich an luchd-aiseirigh seo air murt airson cuirp ùra a thoirt do sgoiltean meadaigeach.Dh'adhbharaich an sgainneal mu na murtan sin gun do chuir an riaghaltas an gnìomh Achd Eòlas-bodhaig 1832.

Thug seo barrachd cothrom do dhotairean, do dh'òraidichean eòlas-bodhaig agus do dh'oileanaich mheadaigeach air cuirp mharbh bho phrìosain agus taighean-obrach. Fhuair am poball cuideachd cead na cuirp aca a thoirt mar thiodhlac do shaidheans mheadaigeach.

Chuir an achd seo an ìre mhath crìoch air malairt mèirlich nan cuirp.

Cnàimhneach a' mhurtair William Burke ann an Taigh-tasgaidh Eòlas-bodhaig, Oilthigh Dhùn Èideann
Image caption,
Cnàimhneach a' mhurtair William Burke ann an Taigh-tasgaidh Eòlas-bodhaig, Oilthigh Dhùn Èideann.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top