'S e seòrsa de stuth mì-nàdarra a ghabhas a chumadh gu furasta a th' ann am plastaig.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Cò leis a tha plastaig air a dhèanamh
- An t-adhbhar airson plastaig agus carson a thathar ga chleachdadh
- Carson a tha plastaig dona dhan àrainneachd
- Mar a chuidicheas sinn a' lùghdachadh cleachdadh plastaig
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Seo Plastaig.
Le bhith ga lìonadh fhèin le ola no gas, thèid aige air iomadh rud a dhèanamh, eadar innealan-nigheadaireachd, gruagan agus sleamhnagan-uisge.
Tha iomadh seòrsa plastaig ann.
Bidh fiù 's aodach, mar aodach-snàmh no deiseachan speuradair, air an dèanamh le snàithleach plastaig.
Seall air an ospadal seo: uachdaran plastaig agus àirneis phlastaig a tha furasta an glanadh, uidheamachd mheadaigeach phlastaig a chuidicheas daoine gu fàs nas fheàrr, agus fiù 's casan plastaig a chuidicheas daoine gu coiseachd.
Ach tha plastaig cho feumail 's gu bheil e cha mhòr sa h-uile h-àite.
Agus tha sin na dhuilgheadas mòr.
An toiseach, bidh toit thogsaigeach a' taomadh a-mach à factaraidhean plastaig. Chan eil sin math dha ar slàinte agus bidh e a' cur ri teasachadh na cruinne.
San dàrna àite, tha sgudal plastaig a' coimhead grànda agus faodaidh e cron a dhèanamh air fiadh-bheatha. Faodaidh plastaig sa mhuir eòin agus beathaichean mara gu h-àraidh a leòn.
Mairidh plastaig fad cheudan bhliadhnaichean. Mar sin, ma shadas tu bhuat botal, bidh e fhathast ann nuair a bhios fionn-ogha an fhionn-ogha agad mun cuairt.
Dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn?
Uill, faodaidh sinn cuid de phlastaig ath-chuairteachadh. Sin nuair a chleachdas sinn plastaig, mar botal plastaig, agus a nì sinn rudeigin eile leis, mar brat-ùrlair.
Mar as motha a dh'ath-chuairticheas sinn, 's ann as lugha a dh'fheumas sinn a dhèanamh de phlastaig ùr.
Tha stuthan ùra ann a bhios a' lùghdachadh na tha sinn a' cleachdadh de phlastaig. Tha pocannan, soithichean agus cupannan compostachail aig tòrr takeaways agus mòr-bhùithtean.
Bidh pacaigeadh a ghabhas a chompostadh a' bith-chnàmhadh ann am biona todhar gàrraidh an aon rud ri rùsg lusan agus cuairsgein ùbhlan.
Ach, an rud as fheàrr buileach…
…na cleachd uiread de phlastaig!
Gabhaidh bagaichean airson nam bùthan a dhèanamh à aodach no pàipear, bruisean-fhiaclan à bambù agus aodach bho stuthan nàdarra.
Ach, dha-rìribh, feumaidh sinn fhathast plastaig airson cuid de rudan.
Tha e glè fheumail bhon a tha e cho sùbailte, làidir agus saor.
Mar sin bu chòir dhuinn feuchainn ris na buaidhean as miosa aige a lùghdachadh, mar toit thogsaigeach, sgudal agus truailleadh le bhith ga chleachdadh dìreach airson nan rudan as cudromaiche.
Cò leis a tha plastaig air a dhèanamh?
'S àbhaist gu bheil plastaig air a dhèanamh à connadh-fosail: ola, gas no fiù 's gual. Tha an stuth air a theasachadh gus am bris e sìos ann am moileciuilean nas lugha. Tha iad sin an uair sin air an ceangal ri chèile ann an dòigh ùr, a' dèanamh plastaig.
Tha iomadh seòrsa plastaig ann agus tha am feum fhèin aca uile.
Carson a tha plastaig ga chleachdadh?
Tha iomadh seòrsa plastaig ann ach tha a' mhòr-chuid dhiubh làidir, aotrom agus mairidh iad ùine mhòr.
Cha bhi uisge gam milleadh agus seasaidh cuid de phlastaigean ri teas, milleadh ceimigeach agus dealan.
Faodaidh iad a bhith a' coimhead snog, agus air an dèanamh de dhiofar dhathan. 'S ann airson sin a tha iad air an cleachdadh airson rudan mar àirneis agus sgeadachadh.
Seo eisimpleirean de dhiofar phlastaigean, carson a tha iad air an cleachdadh agus dè cho furasta 's a tha e an ath-chuairteachadh:
Image caption, Polyethylene Terephthalate (PETE)
'S e plastaig a tha air a chleachdadh tric a th' ann am Polyethylene Terephthalate (PET/PETE). Tha e ann am botail, pacadh bìdh agus fiù 's ann an aodach (me, polaidheastar). Tha e air ath-chuairteachadh gu bitheanta, agus glè thric air a dhèanamh na aodach spòrs. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Zoltán Papp / Alamy Stock Photo)
Image caption, High-Density Polyethylene (HDPE)
Tha High-Density Polyethylene (HDPE) air a chleachdadh airson tòrr rudan, mar dèideagan, botail siampù, pinn agus botail bhainne. Tha e air ath-chuairteachadh gu bitheanta. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; chris brignell / Alamy Stock Photo)
Image caption, Polyvinyl Chloride (PVC-U)
Tha Polyvinyl Chloride (PVC/PVC-U) air a chleachdadh airson rudan nach lùb a dhèanamh mar àirneis, uinneagan agus pìoban, agus cuideachd rudan nas buige mar cling film agus buill tràghad. Cha ghabh a' mhòr-chuid de PVC ath-chuairteachadh. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Roman Milert / Alamy Stock Photo)
Image caption, Low-Density Polyethylene (LDPE)
Tha Low-Density Polyethylene (LDPE) air a chleachdadh airson cointèanaran a dhèanamh agus stuth pacaidh mar cling film, bubble wrap agus pocannan plastaig. Cha ghabh ach cuid de LDPE ath-chuairteachadh. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Andrew Paterson / Alamy Stock Photo)
Image caption, Polypropylene (PP)
Tha Polypropylene (PP) air a chleachdadh ann an iomadh rud, mar tubannan bìdh, botail ìocshlaint, cinn crogain ghlainne agus fiù 's masgaichean aodainn a ghabhas sadail às. Cha ghabh ach cuid de PP ath-chuairteachadh. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Gang Liu / Alamy Stock Photo)
Image caption, Polystyrene no Styrofoam (PS)
Tha Polystyrene no Styrofoam (PS) air a chleachdadh ann am pacadh agus airson ionsulaideadh. Gheibh thu e ann an cupannan is ann an truinnsearan a ghabhas sadail às, cuid de phàirtean chàraichean agus ann an cointèanaran bìdh. Chan eil PS air ath-chuairteachadh gu bitheanta. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Anton Starikov / Alamy Stock Photo)
Image caption, EILE
Tha am buidheann EILE a' gabhail a-steach rudan nach eil a' fiotadh anns na sia seòrsaichean plastaig a bh' againn roimhe. Am measg nan eisimpleirean tha botail spòrs, CDan/DVDan, cuid de uèirichean dealain agus speuclairean leughaidh. Chan eil bathar EILE air ath-chuairteachadh gu bitheanta. (Davyd Hruts / Alamy Stock Vector ; Elisabeth Burrell / Alamy Stock Photo)
1 of 7
Carson a tha plastaig dona dhan àrainneachd?
Nuair a thathar ga dhèanamh, tha ola, gas agus gual air an cleachdadh agus 's e connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail. neo-ath-nuadhachailStòrasan nàdarra nach urrainn dhuinn ath-nuadhachadh nuair a theirigeas iad. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail, mar gual, ola agus gas nan goireasan neo-ath-nuadhachail. a th' annta sin. Tha sin a' ciallachadh nuair a theirigeas iad gu bheil iad air falbh gu bràth tuilleadh.
Bidh factaraidhean a bhios a' dèanamh phlastaigean a' dèanamh tòrr toit togsaigPuinnseanta, cronail. agus eimiseanan carbonCarbon ga leigeil mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn. Tha seo a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìdeAn t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil..
Cha bhi iad a' bith-lobhadhA' briseadh sìos agus a' dol à bith thar ùine.. Tha seo a' ciallachadh nach bris iad sìos gu nàdarra, agus nas lugha na sgioblaicheas sinn iad, bidh iad mun cuairt gu bràth.
Tha sgudal plastaig uabhasach cronail do bheathaichean, an dà cuid air tìr agus anns a' mhuir.
Tha barrachd is barrachd millidh ga dhèanamh le sgudal plastaig agus thathar a' toirt rabhadh do dhaoine rudeigin a dhèanamh an-dràsta mus bi e ro fhadalach.
Image caption, Faodaidh plastaig anns na cuantan eòin, iasg agus beathaichean mara eile a leòn no fiù 's a mharbhadh.
Image caption, Faodaidh beathaichean a bhith air an glacadh ann am plastaig agus air an leòn gu dona.
(Steve Bloom Images / Alamy Stock Photo)
Image caption, Bidh plastaig a' briseadh sìos na phìosan beaga anns a' mhuir agus dh'fhaodadh cuid de bheathaichean a shluigeil gun fhios dhaibh.
(REUTERS / Alamy Stock Photo)
Image caption, Faodaidh iomadh seòrsa beathaich fàs tinn ma dh'itheas iad plastaig nach cnàmh na bodhaigean aca.
(MediaWorldImages / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Ciamar a chuidicheas sinn gu bhith a' lùghdachadh buaidh plastaig?
Ma leanas sinn an riaghailt shìmplidh lùghdaich, ath-chleachd, ath-chuairtich le plastaig, cuidichidh sinn a' cur stad air plastaig bho bhith a' milleadh na h-àrainneachd.
'S e cleachdadh plastaig a lùghdachadh as fheàrr dhe na trì roghainnean.

Lùghdaich na tha sinn a' cleachdadh de phlastaig, gu h-àraidh plastaigean aon chleachdadh, mar botail agus cupannan plastaig.
Faodaidh sinn na tha sinn a' cleachdadh de phlastaig a lùghdachadh le bhith a' cleachdadh stuthan eile an àite plastaig mar bruis-fhiaclan bhambù, botal uisge meatailte no pocannan aodaich an àite phocannan plastaig.


Ath-chleachd plastaigean uiread 's a ghabhas mus ath-chuairtich thu iad.
Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu soitheach takeaway ath-chleachdadh na bhogsa-bìdh. Faodaidh tu cuideachd pocannan plastaig a th' agad aig an taigh ath-chleachdadh.

Ath-chuairtich plastaig nach fheum sinn tuilleadh. Ma dh'ath-chuairticheas sinn plastaig, tha e a' ciallachadh nach fheum sinn tuilleadh phlastaig a dhèanamh à stuthan neo-ath-nuadhachail agus bidh e mar sin nas fheàrr dhan àrainneachd.
Gabhaidh a' mhòr-chuid de phlastaigean ath-chuairteachadh ach glè thric cha bhi seo a' tachairt. Feuch gun ath-chuairtich thu seann bhotail plastaig, pacadh agus gnothaichean plastaig eile a bhios tu a' cleachdadh.
Cha ghabh plastaig ath-chuairteachadh ach beagan thursan. Tha e mar sin nas fheàrr gun uiread de phlastaig a cheannach agus a chleachdadh.
Image caption, Innsidh am fiosrachadh ath-chuairteachaidh air pacadh an deach a dhèanamh bho phlastaig a chaidh ath-chuairteachadh mar-thà agus an gabh ath-chuairteachadh a-rithist. (Carolyn Jenkins / Alamy Stock Photo)
Image caption, Paca-droma air a dhèanamh à plastaig air ath-chuairteachadh. (Mark Azavedo / Alamy Stock Photo)
Image caption, Mat air a dhèanamh à plastaig air ath-chuairteachadh. (Andrey Zhuravlev / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan plastaig
Buannachdan
'S e stuth iol-chomasach a th' ann am plastaig a ghabhas a chumadh ann an diofar chruthan.
Tha e saor plastaig a dhèanamh.
Tha plastaig aotrom agus gu math buan. Cha bhi e a' cnàmh no a' meirgeadh mar a bhios meatailt, agus tha e mar sin math airson lionntan a ghiùlan.
Cha bhi plastaig a' giùlan teas no dealan, agus tha sin a' ciallachadh gun gabh a chleachdadh ann a bhith a' dèanamh bathar dealain.
Eas-bhuannachdan
Tha a' mhòr-chuid de phlastaig air a dhèanamh à stuthan nàdarra (gual, ola agus gas) nach eil ath-nuadhachail agus a bhios a' cur ri blàthachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.
Bidh factaraidhean a tha a' dèanamh phlastaigean a' cruthachadh tòrr toit thogsaig a dh'fhaodas ar slàinte a mhilleadh. Bidh iad a' leigeil eimiseanan carbon mu sgaoil a bhios a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Cha bhi plastaig a' bith-lobhadh agus mar sin bidh plastaig a' faighinn a-steach dhan àrainneachd againn, a' truailleadh talamh, aibhnichean agus cuantan.
Faodaidh sgudal plastaig a bhith cunnartach do dh'fhiadh-bheatha, a' dèanamh cron air a h-uile seòrsa beathaich a dh'fhaodadh a bhith air an glacadh ann an sgudal plastaig no a dh'fhaodadh pìosan beaga plastaig ithe. Faodaidh beathaichean bàsachadh air sgàth seo. Chaidh iomadh eun agus iasg a lorg le tòrr plastaig nan stamagan.
Tha an uiread de phlastaig a tha sinn a' cleachdadh a' dol am meud agus tha tòrr dhen phlastaig seo air a chleachdadh aon turas. Tha seo a' ciallachadh gu bheil na tha de phlastaig air a shadail às air a dhol am meud agus ag adhbharachadh barrachd millidh air an àrainneachd.

connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail againn. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho bheathaichean agus bho lusan marbh. Bidh na beathaichean agus na lusan sin air an dlùthadh fon talamh thar mhilleanan bhliadhnaichean agus bidh iad mu dheireadh a' dol nan connadh-fosail.
lùth neo-ath-nuadhachail - Stòran nàdarra de lùth nach tig air ais an dèidh an cleachdadh. Tha uiread suidhichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas air fad nan stòran neo-ath-nuadhachail.
eimiseanan carbon - Carbon a' dol mu sgaoil ann an àile na talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh sa cheann fhada ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh, agus a' bhuaidh aca sin, mar eisimpleir tart agus tuiltean.
bith-lobhadh – An comas a tha aig stuth briseadh sìos agus a dhol à bith thar ùine. Bidh bacteria no eileamaidean bith-eòlachail eile ag eadar-sgaoileadh cuid dhe stuthan. Ma thèid aig stuth air bith-lobhadh, tha e a' ciallachadh gun urrainn do mheanbh-fhàs-bheairtean ithe. Tha e na phròiseas cudromach ann an eag-eòlas agus manaidseadh sgudail.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Theirig a lorg plastaig!
- Lorg rudan plastaig a bhios tu a' cleachdadh san rùm agad, san taigh no san sgoil. Dèan beagan rannsachaidh agus faic an lorg thu roghainnean eile air-loidhne. Mar eisimpleir, ma tha bruis-fhiaclan phlastaig agad, an lorg thu tè nach eil de phlastaig?
Cuimhnich! Ma bhios tu airson atharrachadh gu rud nach eil de phlastaig gum feum thu aontachadh ris na h-inbhich agad dè na rudan a dh'fhaodadh tu atharrachadh. Smaoinich air dòighean eile air am faodadh tu fhèin agus do theaghlach an uiread de phlastaig a tha sibh a' cleachdadh a lùghdachadh.
More on Stuthan agus stòrasan
Find out more by working through a topic
- count4 of 7
- count5 of 7
- count6 of 7
- count7 of 7