'S e stuth feumail a th' ann an glainne agus tha i air a bhith mun cuairt o chionn nam mìltean bhliadhnaichean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a tha glainne air a dèanamh
- Carson a tha glainne air a cleachdadh
- A' bhuaidh a tha aice air an àrainneachd
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Seo Glainne. Abair gu bheil i deàlrach.
Faodaidh glainne a bhith na stuth ùr-nodha agus caran high-tech. Ach tha daoine air a bhith a' dèanamh glainne shìmplidh o chionn nam mìltean bhliadhnaichean.
Airson a dèanamh, feumaidh tu tòrr gainmhich, rud beag clach-aoil, rud beag sodium carbonat, agus teas mòr, mòr.
Ma tha thu ag iarraidh rudeigin a bhios làidir…
…a' mhòr-chuid dhen ùine…
…a chumas uisge a-mach…
…no a-staigh…
…agus a leigeas an solas gu lèir a-steach, 's e deagh roghainn a th' innte.
Gun teagamh, 's dòcha san latha an-diugh gun cleachdadh tu plastaig na h-àite. Ach ged a tha glainne nas sine, chan eil e a' ciallachadh nach cùm i suas ri cùisean.
Dh'fhaodadh tu ràdh gur i banrigh an ath-chuairteachaidh, chionn gabhaidh seann ghlainne a leaghadh a-rithist agus glainne ùr a dhèanamh.
Gabhaidh a h-ath-chuairteachadh gu bràth.
Ach cha ghabh am plastaig bochd ath-chuairteachadh ach beagan thursan.
Chan ann a-mhàin ann am botail is cnogain a bhithear a' cleachdadh glainne.
Gabhaidh a h-ath-chuairteachadh gus rudan gu math annasach a dhèanamh, mar dìon-chòmhdach do thaighean.
Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil glainne gu tur seasmhach.
Feumar tòrr teas airson seann ghlainne a leaghadh agus tha feum air fiù 's barrachd airson gainmheach a leaghadh airson glainne ùr.
Agus, aig an àm seo, tha sin ag adhbhrachadh eimiseanan carbon.
Tha cuid de bhathar glainne nach gabh ath-chuairteachadh – mar bolgain solais, glainneachan òil agus sgàthain.
Agus cha bhi a h-uile duine a' sgaradh na glainne bho rudan eile airson a h-ath-chuairteachadh.
Bidh cuid de bhotail 's de chrogain gam fàgail mar sgudal far am faodadh iad fiadh-bheatha a leòn, no fiù 's teine gun smachd adhbhrachadh!
San fharsaingeachd, tha sgòr glè mhath aig glainne airson seasmhachd - ma bhios sinn glic ga cleachdadh.
Chan eil i togsaigeach agus gabhaidh a cleachdadh a-rithist agus a h-ath-chuairteachadh.
Ged a tha i a' cleachdadh tòrr lùth.

Ciamar a tha glainne air a dèanamh?
Tha glainne air a dèanamh à gainmheach, clach-aoil agus sodium carbonat.
Tha na stuthan air an teasachadh gus an leagh iad, agus an uair sin air an cumadh agus air am fuarachadh.
Tha pròiseas an teasachaidh a' cleachdadh tòrr lùth teas. Tha a' mhòr-chuid dhen seo bho losgadh gas. Bidh seo ag adhbharachadh eimiseanan carbon a tha a' cur ri teasachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.
Chan eil uiread de dh'eimisean ann nuair a tha glainne air a dèanamh bho bhith ag ath-chuairteachadh seann ghlainne seach a bhith ga dèanamh bho stuthan amh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil sinn a' lùghdachadh ar buaidh air an àrainneachd a h-uile turas a dh'ath-chuairticheas sinn glainne seach glainne ùr a dhèanamh.
Gu dearbh, tha gach tunna de ghlainne air a h-ath-leaghadh a' sàbhaladh 246 kg de dh'eimiseanan carbon dà-ogsaid an taca ri bhith a' dèanamh glainne ùr. Tha e nas fheàrr buileach glainne a chleachdadh a-rithist nuair as urrainn dhut. Tha sin a' sàbhaladh tòrr lùth.

Carson a tha glainne air a cleachdadh?
Tha iomadh feum ann airson glainne. Seo eisimpleirean:
Image caption, Stòradh bìdh
Gabhaidh glainne a stearalaidhseadh agus a seulachadh airson biadh agus deoch a ghleidheadh airson gum bi e sàbhailte ithe no òl. (Danny Smythe / Alamy Stock Photo)
Image caption, Uidheam cidsin
Bhon a tha e sàbhailte glainne a chleachdadh le biadh agus deoch, ’s e stuth còrdte a th’ innte airson iomadh seòrsa uidheam cidsin mar glainneachan, bobhlaichean, siugannan agus innealan-sùgh. (Frannyanne / Alamy Stock Photo)
Image caption, Lionsaichean
Gabhaidh glainne a cumadh airson a h-uile seòrsa lionsa a dhèanamh do chamarathan, teileasgopan, maicreasgopan agus speuclairean. (Jonathan Brown / Alamy Stock Photo)
Image caption, Uinneagan
Bidh uinneagan a' leigeil solas a-steach agus a' leigeil leinn faicinn a-mach. Ann an uinneagan le leòsain dhùbailte no trìobailte, tha gasaichean eadar na leòsain ghlainne. Tha seo ag obrachadh mar ionsuilèisean, a' cumail nan taighean againn blàth. (Tom Gowanlock / Alamy Stock Photo)
Image caption, Ionsuilèisean
Bidh siotaichean glainne glè thric gan cleachdadh ann an ionsuilèisean thaighean far an gabh a chur ann am ballachan, làir agus mullaich. (ronstik / Alamy Stock Photo)
Image caption, Bùird-surfaidh
Bidh mìrean glainne air am measgadh le stuthan eile (plastaig, snàithleach agus ròiseid) airson sligean a-muigh bhùird-surfaidh a dhèanamh a bhios làidir ach aotrom. (Westend61 GmbH / Alamy Stock Photo)
Image caption, Càbaill snàithleach optaigeach
Tha càbaill de shnàithleach optaigeach air an cleachdadh airson coimpiutairean a cheangal ri lìonraidhean bann leathann. Am broinn gach càbaill tha stiallan fada de shnàithleach glainne shùbailte. Tha gach stiall mun aon tighead ri ròineag dhe d' fhalt. Bidh càbaill snàithleach optaigeach ag aiseag dàta a bhios a' falbh mar ghathan solais. Nì iad seo uabhasach luath agus thar astaran mòra. (Zdeněk Malý / Alamy Stock Photo)
1 of 7
A bheil glainne math dhan àrainneachd?
Tha e rud beag toinnte.
Mar a chunnaic sinn gu h-àrd, tha tòrr lùth teas ga chleachdadh airson glainne a dhèanamh. Tha a' mhòr-chuid dhen seo a' tighinn bho bhith a' losgadh chonnaidhean-fosail. Nuair a bhios stuthan gan cladhach às an talamh airson glainne a dhèanamh, faodaidh gun tèid an àrainneachd a mhilleadh agus gun adhbharaich e truailleadh.
Tha botail agus crogain ghlainne nas truime agus nas motha na cointèanaran plastaig, meatailt no cairt-bhòrd. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gun tèid barrachd connaidh a chleachdadh a' giùlan bathar ann an cointèanaran glainne.
Cha bhi glainne a' bith-lobhadh thar ùine. Tha seo a' ciallachadh mura tèid a h-ath-chuairteachadh gum bi i againn gu bràth.
Ach ge-tà, nas lugha na sgàineas i no a bhriseas i, gabhaidh glainne a h-ath-chleachdadh a-rithist agus a-rithist gun fheum a sadail às.
Gabhaidh a' mhòr-chuid de ghlainne a h-ath-chuairteachadh a-rithist agus a-rithist (ach a-mhàin rudan mar bolgain solais agus sgàthain). Bidh am pròiseas ath-chuairteachaidh a' cleachdadh nas lugha de lùth agus tha e mar sin nas fheàrr dhan àrainneachd. San RA, tha mu 70% de ghlainne bho thaighean air a h-ath-chuairteachadh bho bhancaichean nam botail ghlainne agus bho bhionaichean.
Tha e uabhasach cudromach glainne ath-chuairteachadh air leth bho stuthan eile. Gabhaidh a h-ath-chuairteachadh aig banca bhotail ghlainne no bu chòir gum bi a' chomhairle ionadail a' togail glainne son a h-ath-chuairteachadh a dhà no trì thursan sa mhìos.
Cuimhnich
Image caption, Faodaidh sgudal glainne fiadh-bheatha agus daoine a leòn
Tha e cudromach glainne ath-chuairteachadh no a chur dhan bhiona gu faiceallach. (EyeEm / Alamy Stock Photo)
Image caption, Tha e furasta a' mhòr-chuid de ghlainne ath-chuairteachadh...
Gabhaidh glainne a h-ath-chuairteachadh aig bancaichean bhotail agus tha bionaichean son glainne ath-chuairteachadh a-nis aig a' mhòr-chuid de thaighean agus tha iad sin gan togail gu cunbhalach. Le bhith ag ath-chuairteachadh a h-uile botal is crogan glainne, caomhnaidh sinn lùth agus stòrasan nàdarra. (wda bravo / Alamy Stock Photo)
Image caption, ..ach tha cuid de rudan nach gabh an ath-chuairteachadh
Tha rudan ann mar glainnichean òil, sgàthain agus tòrr bholgain solais nach gabh an ath-chuairteachadh. Bu chòir cur às dhaibh sin gu faiceallach anns a' bhiona, gu h-àraidh ma tha iad briste. Uaireannan bidh bolgain nas ùire a bhios a' caomhnadh lùth air an ath-chuairteachadh air leth ann an ionadan ath-chuairteachaidh. Feuch gun dèan thu cinnteach às a sin mus cuir thu dhan bhiona iad. (Enrico Rubicondo / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan glainne
Buannachdan
Gabhaidh glainne a h-ath-chuairteachadh agus gabhaidh a cleachdadh a-rithist agus a-rithist gun i càileachd a chall.
Gabhaidh cha mhòr a h-uile seòrsa glainne ath-chuairteachadh. Chan eil e gu diofar dè an cruth, an dath no am meud, gabhaidh a h-uile seòrsa botal is crogan glainne ath-chuairteachadh.
'S e glè bheag de sgudal a tha air a chruthachadh ann a bhith a' dèanamh agus ag ath-chuairteachadh glainne. Gabhaidh glainne a chaidh ath-chuairteachadh a chleachdadh airson na h-aon rudan a dhèanamh a-rithist, cho math ri bathar ùr mar ionsuilèisean.
Tha gach tunna de ghlainne a thèid ath-leaghadh a' caomhnadh 246 kg de charbon dà-ogsaid an taca ri tunna de ghlainne ùr a dhèanamh.
Gabhaidh glainne a stearalaidhseadhA' toirt air falbh no a' cur às do bhacteria agus meanbh-fhàs-bheairtean beò eile. agus tha i mar sin math airson biadh, deoch, cungaidhean-leigheis agus cosmeataigs a ghleidheadh.
Eas-bhuannachdan
Cha bhi glainne a' lobhadh, tha i mar sin a' cur srèan mòr air lìonadh-talamhainn agus chan eil sin math dhan àrainneachd.
Tha glainne ùr air a dèanamh à ceithir phrìomh stuthan: gainmheach, sòda, luath agus clach-aoil. Ged nach eil gin dhe na stuthan sin gann an-dràsta, chaidh iad uile a chladhach às an talamh agus faodaidh sin an cruth-tìre a mhilleadh, buaidh a thoirt air an àrainneachd agus barrachd lùth a chleachdadh.
Tha cointèanaran glainne nas truime agus nas motha na stuthan eile, agus tha mar sin barrachd connaidh air a chleachdadh gan giùlan.
Cha ghabh a h-uile seòrsa bathar glainne ath-chuairteachadh. Cha ghabh rudan mar sgàthain, glainneachan òil agus bolgain solais agus feumar cur às dhaibh gu faiceallach.

bith-lobhadh - A' briseadh sìos agus a' dol à bith thar ùine.
stearalaidhseadh - A' toirt air falbh no a' cur às do bhacteria agus meanbh-fhàs-bheairtean beò eile.
seasmhach - A' dèanamh rudeigin nach dèan milleadh, no co-dhiù glè bheag, air an àrainneachd agus mairidh e airson ùine mhòr.
eimiseanan carbon - Seo nuair a tha carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na talmhainn far am bi e a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dealbh postair a bhrosnaicheas daoine gu bhith ag ath-chuairteachadh na glainne a chleachd iad
Feumaidh tu fìrinnean agus fiosrachadh cudromach a chur air a chuidicheas iad gu bhith a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e glainne ath-chuairteachadh agus carson a bu chòir dhaibh a dhèanamh.
Tha ath-chuairteachadh glainne math ach tha ath-chleachdadh nas fheàrr!
Lorg dòighean air seann bhotail is chrogain ghlainne a chleachdadh airson rudan a chumail annta no sgeadaich iad agus dèan suas iad airson rudeigin eile!
More on Stuthan agus stòrasan
Find out more by working through a topic
- count7 of 7
- count1 of 7
- count2 of 7
- count3 of 7