Prìomh fhiosrachadh
An do dh'fhairich thu riamh teth agus steigeach nuair a tha sìde bhlàth ann? 'S dòcha gur ann air sgàth taiseachd a tha sin.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an taiseachd
- Mu na pròiseasan co-dhlùthachaidh agus deatachadh
- Mu thaiseachd air feadh an t-saoghail
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu thaiseachd.
An robh thu riamh teth agus fallasach 's gun thu fiù 's air eacarsaich a dhèanamh? Ma bha 's dòcha gur e taiseachd a bu choireach.
Ach dè th' ann an taiseachd?
Tha taiseachd na thomhas air na tha de dh'uisge san èadhar. Chan e uisge na lionn mar uisge an adhair, ach uisge nach fhaic thu agus e ann an cruth gas ris an canar deatach uisge.
Tha uisge daonnan a' deatachadh san èadhar agus a' dol na dheatach. Bidh pàirt dheth a' co-dhlùthachadh agus a' dol air ais na lionn mar sgòthan is uisge. Bidh cuid dheth a' fuireach crochte san èadhar na dheatach.
Tha buaidh mhòr aig teòthachd èadhair air taiseachd. Deataichidh uisge nas luaithe nuair a bhios i nas blàithe. Feumaidh fada a bharrachd deatach a bhith ann airson an èadhar a bhith steigeach agus tais. Mar sin nuair a thèid an teòthachd suas, thig an taiseachd a-nuas.
Tha an uiread de dh'uisge a tha mun cuairt cuideachd a' toirt buaidh air taiseachd. Tha e gu math nas taise an dèidh uisge a bhith ann, no nuair a tha thu faisg air a' mhuir no loch, oir tha barrachd uisge ann a dheataicheas dhan èadhar. Faodaidh fiù 's lòn-gàrraidh barrachd taiseachd adhbharachadh.
Tha diofar uireadan taiseachd ann an diofar phàirtean dhen t-saoghal.
An seo ann am Fàsach a' Sahara ann an Afraga, tha an èadhar uabhasach blàth. Mar sin bhiodh feum air tòrr deatach uisge airson an èadhar a bhith a' faireachdainn tais, ach chan eil mòran aibhnichean no lochan ann bhon deataich uisge. Bhon a tha cho beag a dheatach uisge san èadhar, tha an ìre taiseachd ìosal. Cha bhi sgòthan gan cruthachadh, agus mar sin, cha bhi uisge no sneachd ann agus tha an talamh uabhasach tioram. Tha sin a' ciallachadh nach eil mòran dhaoine, lusan no rudan beò eile ann oir feumaidh iad uisge airson a bhith beò.
Ach chan eil a h-uile fàsach teth. An robh fios agad gur e An Antartaig am fàsach as motha air an t-saoghal? Tha cho fuar ann 's nach fheumadh an èadhar mòran deataich airson fàs tais. Bhon a tha i cho fuar, chan eil uisge ann a dheataicheas dhan èadhar. Tha an taiseachd uabhasach ìosal, tha an èadhar uabhasach tioram, 's e glè bheag de shneachd a bhios a' tuiteam agus chan eil mòran beò ann.
Far a bheil deatach uisge gu leòr san èadhar, tha barrachd teans' aig rudan a bhith beò. Bhiodh coille-uisge na deagh eisimpleir dhen seo. Tha uabhasach tais san Amason agus tha beatha gu leòr ann.
Nuair a tha blàth, bidh sinn a' cur dhinn fallas airson fuireach fionnar, ach ma tha an èadhar uabhasach tais mar-thà, chan eil e cho furasta dhan fhallas deatachadh bhon chraiceann againn, agus chan eil e furasta fuarachadh.
An-ath-turas a bhios tu muigh agus a' faireachdainn steigeach agus fallasach, suath do mhaoil, agus ma tha i blàth agus steigeach, 's dòcha gur e an taiseachd as coireach.
Dè th' ann an taiseachd?
'S e tomhas air na tha de dheatach uisge san èadhar a th' ann an taiseachd.
Canaidh sin deatach uisge ri uisge san èadhar ann an cruth gas gun dath.
Ma tha tòrr deatach uisge san èadhar, bidh ìre na taiseachd, no bruthainn, àrd.
Nuair a dh'fhàsas sinn teth, bidh fallas gar cuideachadh a' fuarachadh. Nuair a tha i bruthainneach, tha tòrr deatach uisge mar-thà san èadhar. Tha sin ga dhèanamh nas dorra dhan fhallas agad deatachadh dhan èadhar. Mar sin, faodaidh taiseachd àrd d' fhàgail teth agus steigeach.
Taiseachd thar na planaid
Image caption, Latha teth, bruthainneach as t-samhradh
Ma bhios tu sa phàirce as t-samhradh agus a' faireachdainn teth agus steigeach,'s dòcha gu bheil sin air sgàth 's gu bheil ìre na taiseachd àrd.
Image caption, An Sahara – fàsach teth làn gainmhich
Ann am fàsach an Sahara ann an Afraga, 's àbhaist nach eil mòran taiseachd ann chionn chan eil lochan no aibhnichean ann airson deatach uisge a bhith ann. Bhon nach eil mòran uisge ann, cha bhi mòran rudan beò san fhàsach.
Image caption, An Antartaig – fàsach fuar le deigh gu leòr
'S e fàsach a th' anns an Antartaig cuideachd. Tha tòrr deatach uisge ann air sgàth 's sneachd agus deigh a bhith ann, ach bhon a tha i cho fuar, chan eil uisge fhèin ann airson deatachadh dhan èadhar. Mar sin tha an taiseachd uabhasach ìosal agus cha bhi mòran nithean beò san Antartaig.
Image caption, Coille-uisge – àite uabhasach bruthainneach
Ann an coille-uisge, tha iomadh stòr deatach uisge mar uisge an adhair, aibhnichean agus lochan. Faodaidh i a bhith uabhasach bruthainneach, ach tha a h-uile stòr uisge math airson beatha. Mar sin tha tòrr bheathaichean a' fuireach ann an coilltean-uisge.
1 of 4

deatach uisge - Uisge ann an riochd gas nach fhaic sinn.
co-dhlùthachadh - Nuair a bhios deatach uisge a' dol na lionn.
deatachadh - Nuair a bhios uisge a' dol na ghas.
taiseachd - Tomhas air na tha de dheatach uisge san èadhar.
Ceistean
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count9 of 21
- count10 of 21
- count11 of 21
- count12 of 21