Prìomh fhiosrachadh
An t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh. Dè na ràithean a th' ann? Ciamar a bhios iad a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mu na ceithir ràithean agus mar a dh'aithnicheas tu iad
- Mar a tha na ràithean a' toirt buaidh air ar beatha
- Mar a tha na ràithean a' toirt buaidh air lusan agus beathaichean
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu na ràithean.
An do mhothaich thu cho eadar-dhealaichte 's a tha an t-sìde aig diofar amannan dhen bhliadhna? Tha làithean fada agus oiteagan an t-samhraidh gu math diofraichte bho bhith a' sleidseadh anns a' gheamhradh. Chan e a-mhàin an teòthachd agus faid nan làithean a bhios ag atharrachadh. Bidh tòrr rudan eile ag atharrachadh mar a bhios sinn a' gluasad tro na ràithean.
Tha ceithir ràithean anns a' bhliadhna agus tha mu thrì mìosan anns gach ràith. San fharsaingeachd, tha an geamhradh eadar an Dùbhlachd agus an Gearran, an t-earrach eadar am Màrt agus an Cèitean, an samhradh eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal agus am foghar eadar an t-Sultain agus an t-Samhain.
Anns an earrach, bidh rudan a' tòiseachadh air fàs. Bidh an teòthachd ag èirigh a-rithist às dèidh a' gheamhraidh. Bidh mòran chraobhan 's lusan, mar lusan a' chrom-chinn agus craobhan siriste a' tòiseachadh air fàs agus a' gobachadh. Bidh àl aig mòran bheathaichean. Bidh uain agus laoigh gam breith, bidh losgainn agus muileacha-màg a' sìolachadh agus bidh seillein a' nochdadh a-rithist. Aig an àm seo, bidh na tuathanaich a' cur an t-sìl agus a' faighinn a' bhàrr gu dol.
Bidh an t-sìde nas blàithe, le làithean grianach, anns an t-samhradh agus 's iongantach mura bi thu a-muigh nas trice. Tha e cudromach gun cur thu ort cè-grèine airson do chraiceann a dhìon agus gun òl thu uisge gu leòr. Bidh mòran bheathaichean 's lusan a' tighinn air adhart gu math anns a' ghrèin. Chì thu fiadh-bheatha gu leòr agus lusan is craobhan fo bhlàth. Aig an àm seo, bidh na tuathanaich a' coimhead às dèidh a' bhàrr aca airson gum fàs e gu math.
Bidh an teòthachd a' fàs fionnar anns an fhoghar agus bidh tòrr dhathan àlainn de dhearg, orains agus buidhe ann airson coimhead orra. Bidh na duilleagan a' tòiseachadh air falbh far nan craobhan agus bidh cuid de bheathaichean a' dèanamh imrich. Nuair a bhios an geamhradh a' teannadh dlùth, bidh eòin a' sgèith air falbh a dhùthchannan far a bheil sìde nas blàithe. Bidh cuid de bheathaichean a' dèanamh cadal-geamhraidh, a' dol am falach bhon t-sìde fhuar a tha romhpa.Bidh na tuathanaich a' buain gach bàrr airson a stòradh agus ithe.
Bidh an geamhradh a' toirt thugainn na sìde as fhuaire dhe na ràithean air fad – glè thric bidh deigh, reothadh agus sneachd ann. Seo an t-àm airson aodach blàth! Cha bhi uiread de dh'fhiadh-bheatha mun cuairt no de lusan fo bhlàth, ach tha corra eun, mar a' bhrù-dhearg, a bhios a' dèanamh gu math sa gheamhradh. Agus tha cuid de sheòrsachan sìl a dh'fheumas fuachd a' gheamhraidh mus fhàs iad.
Bidh tòrr ag atharrachadh ann an nàdar agus nar beatha tro na ràithean.
An t-earrach
- San RA, bidh an t-earrach a' tòiseachadh sa Mhàrt agus a' crìochnachadh deireadh a' Chèitein.
- Bidh an teòthachdDòigh air tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha i. ag èirigh às dèidh fuachd a' gheamhraidh.
- Bidh na làithean a' faireachdainn nas fhaide chionn bidh sinn a' faighinn barrachd de sholas na grèine tron latha.
- Bidh mòran chraobhan is lusan, mar lusan a' chrom-chinn agus craobhan siriste, a' tòiseachadh air fàs agus a' tighinn fo bhlàth.
- Bidh àl, beathaichean òga, aig mòran bheathaichean. Bidh uain agus laoigh air am breith. Bidh losgainn agus muileacha-màg a' sìolachadh ann am pollagan.
- Bidh mòran bheathaichean a' dùsgadh à cadal-geamhraidhNuair a bhios beathach na thàmh tro mhìosan a' gheamhraidh airson lùth a chaomhnadh. Bidh an t-analachadh aca agus reat an cridhe a' fàs slaodach agus bidh teòthachd am bodhaig a' tuiteam. agus bidh cuid de bheathaichean a' tilleadh dhan RA an dèidh a bhith air imrich Bidh mòran bheathaichean, mar eòin agus iasg, a' gluasad bho aon àite gu àite eile aig amannan àraidh dhen bhliadhna. Bidh cuid de bheathaichean a' dèanamh imrich air sgàth 's gu bheil an t-sìde ro theth, ro fhuar, ro fhliuch no ro thioram aig amannan àraidh dhen bhliadhna. a dhèanamh a dh'àite nas blàithe fad a' gheamhraidh.
- Bidh tuathanaich a' cur sìol agus a' tòiseachadh air bàrr fhàs.

An samhradh
- Tha an samhradh san RA eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal.
- Bidh sìde nas blàithe agus làithean grianach ann as t-samhradh.
- Bidh mòran againn a' cur seachad barrachd ùine a-muigh.
- Bidh tòrr beatha a' dèanamh gu math anns a' ghrèin. Mar sin chì thu fiadh-bheatha gu leòr agus lusan agus craobhan fo làn bhlàth.
- Bidh tuathanaich aig an àm seo a' coimhead às dèidh gach bàrr a th' aca airson biadh fhàs.

Am foghar
- Bidh na teòthachdan nas fionnaire as t-fhoghar agus bidh na làithean nas giorra.
- Bidh mòran bheathaichean ag ullachadh airson cadal-geamhraidh as t-fhoghar le bhith ag ithe tòrr bìdh agus a' lorg àite blàth sàbhailte mus tig an geamhradh.
- Bidh cuid de bheathaichean a' deanamh imrich bhon RA gu àitichean nas blàithe mus tig an geamhradh fhuar.
- 'S àbhaist dha na tuathanaich a bhith ri fogharadh, a' buain no a' togail nam barran, as t-fhoghar. Nuair a bhios am bàrr air a bhuain no air a thogail, bidh e a' dol gu bùithtean agus supermarcaitean airson gum faigh daoine a cheannach, no bidh e air a ghiullachd (ga chur ann an tionaichean no ga thioramachadh) airson gum faigh daoine air ithe fad na bliadhna.
Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a bhios biadh a’ dèanamh a shlighe bho thuathanasan gu ar truinnsearan an seo ann am : Biadh agus Slàinte: Tuathanas gu truinnsear
Carson a bhios dath nan duilleagan ag atharrachadh as t-fhoghar?
- Bidh dathan brèagha a bhios a' còrdadh rinn a' nochdadh as t-fhoghar, mar orains, ruadh agus buidhe.
- Tha ceimig ris an canar clorofail ann an duilleagan lusan agus bidh e a' sùghadh solas na grèine. Sin a tha a' fàgail gu bheil na duilleagan uaine.
- Tha tòrr cheimigean dathach eile ann an duilleagan, ach tha fada a bharrachd annta dhen chlorofail uaine. Tha an dath uaine gu math nas làidire as t-earrach agus as t-samhradh agus tha e a' falach nan dathan eile.
- As t-fhoghar, nuair a dh'fhàsas an t-sìde nas fhuaire, bidh na làithean nas duirche agus cha bhi uiread de sholas na grèine aig na duilleagan a shùghas iad.
- Bidh craobhan seargachCraobhan a bhios a' call nan duilleagan uair sa bhliadhna, mar as trice sa gheamhradh, mar na craobhan-daraich. a' sgur a dhèanamh clorofail agus mar sin bidh na duilleagan a' call an dath uaine.
- Nuair a dh'fhalbhas an dath uaine, chì sinn na dathan a bha am falach: an t-orains, an ruadh, an donn agus am buidhe a chì sinn as t-fhoghar.


An geamhradh
- 'S e an geamhradh an ràith as fhuaire agus bidh e a' maireachdainn bho mu thimcheall meadhan an Dùbhlachd chun a' Ghearrain.
- Tha na làithean nas giorra anns a' gheamhradh agus cha bhi uiread de sholas na grèine againn tron latha.
- Tha teòthachdan nas ìsle a' ciallachadh gu bheil e nas buailtiche gum faigh sinn sneachd, deigh agus reothadh.
- Feumaidh sinn aodach blàth a chur oirnn mar adan, seacaidean, sgarfaichean agus miotagan.

Fiadh-bheatha a' gheamhraidh anns an RA
- Tha gu math nas lugha de dh'fhiadh-bheatha ri fhaicinn agus nas lugha de lusan fo bhlàth. Bidh mòran chraobhan a' call nan duilleagan agus bidh mòran bheathaichean a' dèanamh imrich no cadal-geamhraidh anns a' gheamhradh.
- Tha cuid de dh'eòin, de chraobhan agus de lusan eile air freagrachadh gu bhith beò agus a' dèanamh gu math anns a' gheamhradh.
- Tha craobhan-daraich tàmhachNuair a bhios lus a' sgur a dh'fhàs agus a' caomhnadh lùth mar ullachadh airson teòthachdan fuara, sìde thioram, no gainnead uisge no mathachadh. anns a' gheamhradh ach feumaidh an sìol aca teòthachdan ìosal a' gheamhraidh airson tòiseachadh air fàs.
- Bidh meacain, mar gealagan-làir agus brògan na cuthaig, cuideachd a' tòiseachadh air fàs anns a' gheamhradh airson a bhith deiseil airson dìthean tighinn orra as t-earrach.
- Bidh cuid de dh'eòin, mar uiseagan an t-sneachda, smeòraich an t-sneachda agus lùth-eòin, a' dèanamh imrich Bidh mòran bheathaichean, mar eòin agus iasg, a' gluasad bho aon àite gu àite eile aig amannan àraidh dhen bhliadhna. Bidh cuid de bheathaichean a' dèanamh imrich air sgàth 's gu bheil an t-sìde ro theth, ro fhuar, ro fhliuch no ro thioram aig amannan àraidh dhen bhliadhna. dhan RA bhon a tha e fiù 's nas fhuaire anns na dùthchannan aca fhèin (àitichean mar Innis Tìle agus na dùthchannan Lochlannach) agus tha e nas fhasa dhaibh biadh a lorg.
Na ràithean agus atharrachadh na gnàth-shìde
Tha an Talamh a' dol tro chuairt de dh'atharrachadh sa ghnàth-shìde. Tha àileAn èadhar a tha mun cuairt na planaid againn. a' teasachadh air sgàth teasachadh na cruinne agus tha seo a' toirt atharrachadh air an aimsir, air ìre an uisge agus air na ràithean.
Tha na geamhraidhean againn a' fàs nas blàithe agus nas fliche, agus tha na samhraidhean a' fàs nas teotha agus nas tiorama.
Tha atharrachadh na gnàth-shìde cuideachd a' ciallachadh gu bheil an t-àm a tha na ràithean a' tighinn air atharrachadh. Mar esimpleir, tha atharrachadh san t-sìde agus ann an teòthachd a' ciallachadh gu bheil an t-earrach a' tighinn nas tràithe sa bhliadhna na chleachd.
Tha na h-atharrachaidhean seo a' toirt buaidh mhòr air fiadh-bheatha agus air sreathan-bìdh.

- teòthachd - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha e. Bidh sinn mar as trice a' tomhas teòthachd ann an ceuman Celsius.
- bàrr - Lusan air am fàs mar bhiadh do dhaoine, mar gràn, lusan no measan.
- imrich - Nuair a bhios beathach a' siubhal bho aon àite gu àite eile. 'S àbhaist gu bheil seo air sgàth atharrachadh nan ràithean.
- cadal-geamhraidh - Nuair a bhios beathach na thàmh tro mhìosan a' gheamhraidh airson lùth a chaomhnadh, bidh an t-analachadh aca agus reat an cridhe a' fàs slaodach agus bidh teòthachd am bodhaig a' tuiteam.
- fogharadh - A' buain, a' togail agus a' cruinneachadh a h-uile bàrr a tha abaich agus deiseil airson a stòradh no ithe.
Ceistean

Dèan postair mu bheathach a bhios ag atharrachadh a dhòighean nuair a dh'atharraicheas na ràithean.
Smaoinich mu bheathaichean a bhios a' dèanamh cadal-geamhraidh no imrich nuair a dh'atharraicheas na ràithean. Cuin a bhios iad a' dèanamh seo? Carson? Ciamar a bhios iad ag ullachadh?
Barrachd mu na ràithean
Biadh ràitheil. revision-guideBiadh ràitheil
Bidh diofar sheòrsaichean sìde anns na diofar ràithean. Tha seo a' toirt buaidh air a' bhiadh a bhios sinn a' fàs agus ag ithe. Faigh a-mach barrachd mu bhiadh ràitheil.

Carson a bhios an t-sìde ag atharrachadh bho ràith gu ràith? revision-guideCarson a bhios an t-sìde ag atharrachadh bho ràith gu ràith?
Faigh a-mach carson a bhios an t-sìde ag atharrachadh leis na ràithean.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic