Prìomh fhiosrachadh
Tha a' Ghrian a' toirt dhuinn teas agus solas. Saoil dè th' anns a' ghrèin?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an grian
- Mar a bhios teas agus solas na grèine a' toirt buaidh air ar beatha làitheil
- Dè th' ann an solas ultra-bhiolait
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu ghrian.
Nuair a dhùisgeas tu anns a' mhadainn, 's dòcha gum faic thu solas a' tighinn a-steach air na cùirtearan. Tha an solas sin a' tighinn bhon ghrèin.
Dè ma-thà a th' anns a' ghrèin agus carson a tha i cho cudromach?
'S e rionnag a th' anns a' ghrèin, ball mòr de ghasaichean deàlrach. Tha i a' coimhead nas motha na tha rionnagan a chì sinn san adhar air an oidhche oir 's i an rionnag as fhaisg' oirnn, 150 millean km air falbh.
Tha an teòthachd mun mheadhan aice mu 15 millean °C. Tha lùth a' tighinn bhon ghrèin agus fairichidh sinn an lùth sin mar teas, solas agus solas ultra-bhiolait, sin seòrsa de lùth nach fhaic no nach fhairich thu.
Fairichidh sinn teas na grèine, gu h-àraidh air latha soilleir samhraidh, nuair a tha i blàth gu leòr airson a bhith muigh ann an lèine-t, gun sheacaid. Fiù 's sa gheamhradh, leaghaidh teas na grèine sneachd no reothadh air an rathad.
Tha solas na grèine gar cuideachadh a' faicinn gu math, fiù 's air latha sgòthach. Tha i cuideachd gar cuideachadh gus dèanamh a-mach dè an t-àm dhen latha a th' ann. Bidh sinn ag èirigh anns a' mhadainn nuair a tha solas na grèine soilleir agus a' dol a chadal nuair nach fhaic sinn solas na grèine tuilleadh.
Faodaidh solas ultra-bhiolait ar craiceann a dhèanamh nas duirche, agus loisgidh e sinn mura bi sinn faiceallach. Thèid againn air sinn fhèin a dhìon bho sholas ultra-bhiolait na grèine ma chuireas sinn dìon-grèine oirnn gus nach faigh e a-steach dhan chraiceann againn, agus mura cuir sinn seachad cus ùine ann an solas na grèine.
Bidh a' ghrian a' toirt buaidh air gach seòrsa sìde.
Faodaidh blàths na grèine na làithean a dhèanamh nas teotha. 'S ann am meadhan an latha as motha a dh'fhairicheas sinn e nuair a tha a' ghrian a' deàrrsadh a-nuas oirnn gu dìreach.
Bidh an teas cuideachd a' toirt air sgòthan agus ceò deatachadh – gan atharrachadh bho bhith nam boinneagan uisge gu bhith nan deatach uisge, gas neo-fhaicsinneach, a' toirt dhuinn latha brèagha, soilleir.
Mar sin, nuair a dh'fhairicheas tu a' ghrian air do chraiceann air latha brèagha samhraidh, cuimhnich cò às a tha an solas is an teas a' tighinn, agus an t-astar mòr a shiubhail an lùth mus do ràinig e thu.
Dè th' anns a' ghrèin?
- 'S e rionnag a tha sa ghrèin, ball soillseach air a dhèanamh de ghasaichean deàlrach.
- 'S e gas ris an canar haidridean a tha sa chuid as motha dhen ghrèin.
- Tha a' Ghrian uabhasach mòr. Dh'fhiotadh an Talamh anns a' ghrèin faisg air millean turas.
- Tha a' Ghrian a' toirt dhuinn teas agus solas, fiù 's ged a tha i 150 millean cileameatair air falbh bhon Talamh!
- Tha a' Ghrian cuideachd a' toirt dhuinn solas ultra-bhiolait. 'S e seòrsa de lùth a tha seo nach faic agus nach fairich thu, ach a dh'fhaodas do losgadh.
Cumhachd na grèine
Image caption, Inneal-clàraidh grèine
Bidh an t-inneal-clàraidh grèine seo a' fòcasadh gathan na grèine tron bhall chriostail agus a' losgadh toll air a' chairt a tha fodha. Tha àireamh nan làraich loisgte agus an fhaid aca a' sealltainn dè na bh' ann de sholas na grèine tron latha.
Image caption, Lùth na grèine
Ged a tha a' Ghrian 150 millean km air falbh bhuainne air an Talamh, chì sinn fhathast an solas aice agus fairichidh sinn an teas aice.
Image caption, Na coimhead gu bràth gu dìreach air a' ghrèin
Chì sinn solas na grèine fiù 's air latha sgòthach. Ach cha dèan math dhuinn gu bràth coimhead gu dìreach air a' ghrèin.
Image caption, A' toirt an aire anns a' ghrèin
Faodaidh gathan ultra-bhiolait na grèine do losgadh. Faodaidh cè-grèine ar craiceann a dhìon.
Image caption, Fuirich san dubhar
A bharrachd air cè-grèine a chur oirnn, feumaidh sinn fasgadh bhon ghrèin agus ad a chur oirnn gus nach loisg ar craiceann.
Image caption, Làithean teth
Air latha teth, tha sinn ag iarraidh fionnarachadh bho theas na grèine agus tha an-còmhnaidh loidhne ann airson bhan nan reòiteagan!
1 of 6

rionnag – Ball soillseach de ghasaichean deàlrach le haidridean agus helium nam measg.
solas ultra-bhiolait – Seòrsa de lùth a bhios a' tighinn bhon ghrèin. Faodaidh solas ultra-bhiolait buaidh a thoirt air ar craiceann. Loisgidh e sinn mura toir sinn an aire.
cè-grèine – Cè sònraichte airson a chur oirnn gus nach loisg a' ghrian sinn.
deatachadh – Nuair a bhios uisge a' dol na ghas.
deatach uisge – Uisge ann an riochd gas neo-fhaicsinneach.
Ceistean
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth na grèine a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Lùth na grèine. revision-guideLùth na grèine
Bidh lùth na grèine a' cleachdadh an lùth a tha sa ghrèin airson dealan a ghintinn. Faigh a-mach ciamar a tha lùth na grèine ag obrachadh agus mar dh'fhaodas e ar cuideachadh gus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count3 of 21
- count4 of 21
- count5 of 21
- count6 of 21