Prìomh fhiosrachadh
Bidh cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda na àitichean eile. 'S dòcha gu bheil seo air sgàth 's cò às a tha a' ghaoth a' tighinn, dè cho fada shuas 's a tha iad, agus fiù 's a bheil iad air an dùthaich no ann am baile. Carson a tha na rudan sin a' dèanamh diofar?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Carson a tha barrachd sneachda ann an cuid a dh'àitichean seach àitichean eile
- Cò às am bi na gaothan fuara san RA a' tighinn
- Mar a tha àirde a' toirt buaidh air teòthachd na h-èadhair
- Dè th' ann an teas bailteil
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a’ bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha barrachd sneachda ann an cuid a dh’àitichean seach àitichean eile.
Cha bhi sneachd againn uabhasach tric san Rìoghachd Aonaichte. 'S ann mar sin a dh'fhaodas e bhith cho spòrsail nuair a bhios e ann!
Bidh Alba a' faighinn barrachd sneachda na àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte. 'S e am Monadh Ruadh as motha a bhios a' faighinn de shneachd ann an Alba. Carson a bhios barrachd sneachda ann an cuid a dh'àitichean?
'S e seòrsa de shileadh a th' ann an sneachd, dìreach mar uisge. Bidh uisge a' dol na shneachd nuair a bhios teòthachd na h-èadhair a' reothadh – sin 0°C no nas ìsle.
Ma bhios i uabhasach fuar, bidh na bleideagan sneachda nas lugha agus cha bhi iad cho steigeach.
Tha àitichean a bhios uabhasach, uabhasach fuar buailteach a bhith fada tuath san Artaig, no fada deas san Antartaig, no ann am meadhan mhòr-thìrean mòra, fada air falbh bhon mhuir.
San Rìoghachd Aonaichte, cha bhi an èadhar fuar gu leòr airson sneachda ach nuair a bhios a' ghaoth a' sèideadh bho na sgìrean Artaigeach aig tuath, no à Siberia san ear, far a bheil an èadhar gu math nas fhuaire. Mar sin tha àird na gaoithe cudromach.
'S e àirde, cho fada shuas 's a tha àite, adhbhar eile airson cuid a dh'àitichean a bhith a' faighinn barrachd sneachda. Tha an àirde air a tomhas ann am meatairean os cionn ìre na mara.
Mar as àirde a thèid thu, 's ann as fhuaire a bhios an èadhar, agus 's ann as coltaiche a bhios e gum bi sneachd ann seach uisge. Sin as coireach gum faic thu sneachd glè thric air mullaich bheanntan mar am Monadh Ruadh.
Tha baile-mòr cuideachd a' toirt buaidh air na thuiteas de shneachd. Tha e buailteach gum bi mòran dhaoine agus tòrr trafaig agus togalaichean ann am baile-mòr, bidh iad sin a' blàthachadh na h-èadhair mun cuairt agus cha bhi uiread de theansa ann air sneachd. Canar teas bailteil ris a seo.
Mar sin, ma tha i a' cur an t-sneachda air an dùthaich no ann am baile beag, 's dòcha nach bi i a' cur idir ann am meadhan baile-mòr.
Ge b' e càit a bheil thu, 's dòcha gum bi spòrs agad san t-sneachd. Cha bhi sneachd ann uabhasach tric, agus mar sin gabh brath air nuair a bhitheas!
Carson a bhios cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda?
Àrd na gaoithe
- 'S e seòrsa de sileadhTaiseachd a thuiteas às na sgòthan. Faodaidh sneachd, uisge, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh. a th' ann an sneachd. Bidh sinn a' faighinn sneachd an àite uisge nuair a tha teòthachd na h-èadhair fo 0°C (ìre an reothaidh).
- San RA, tha an èadhar fuar gu leòr airson sneachd nuair a tha a' ghaoth a' sèideadh à àitichean fuara mar na sgìrean Artaigeach aig tuath no à Siberia san ear.
Àirde
'S e àirde Dè cho àrd 's a tha àite. adhbhar eile a bhios cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda na àitichean eile. Tha seo air a thomhas ann am meatairean os cionn ìre na maraÌre chuibheasach na mara..
Mar as àirde a thèid thu, 's ann as fhuaire a bhios an èadhar agus bidh thu nas buailtiche sneachd fhaighinn na uisge.
Teas bailteil
- Tha a bhith ann am baile cuideachd a' toirt buaidh air na thuiteas de shneachd.
- Tha bailtean trang. Tha na rudan a tha mòran dhaoine a' dèanamh agus an lùth aca, an trafaig agus na togalaichean a' teasachadh na h-èadhair. Faodaidh an teas seo ciallachadh nach bi uiread de shneachd ann. Canar teas bailteil ris a seo.
- Nuair a tha i fuar sa gheamhradh, tha e nas buailtiche gum bi sneachd air an dùthaich, fada air falbh bho bhailtean mòra, na gum bi e ann am meadhan mòr-bhaile trang.
- Canar eilean teas bailteil ri baile trang anns a bheil teòthachd nas blàithe na sgìrean dùthchail Sgìre air an dùthaich air falbh bho bhailtean trang. mun cuairt.
Image caption, Àird na gaoithe
Cha bhi i fuar gu leòr airson sneachd san RA ach nuair a bhios a’ ghaoth a’ sèideadh bho àitichean uabhasach fuar mar Siberia (air an làimh chlì) no bho na sgìrean Artaigeach (air an làimh dheis).
Image caption, Àirde
Mar as àirde a thèid thu, 's ann as fhuaire a bhios an èadhar agus 's ann as buailtiche sneachd a bhith ann seach uisge. ’S ann mar sin a bhios mullaich nam beanntan, glè thric, fo shneachd, mar am bealach seo san Aghaidh Mhòir. (Philip Mugridge / Alamy Stock Photo)
Image caption, Teas bailteil
Bidh na daoine, an trafaig agus na togalaichean ann am bailtean tranga a' teasachadh na h-èadhair mun cuairt orra. Faodaidh an teas seo ciallachadh nach bi e cho buailteach sneachd a bhith ann agus canar teas bailteil ris. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- sileadh - Uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh gur e uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhios ann an sileadh.
- sgìrean Artaigeach - An sgìre mu chuairt a' Phòla a Tuath, Muir na h-Artaig agus pàirtean de dh'Alasga.
- Siberia - Sgìre mhòr ann an ceann an ear na Roinn Eòrpa agus ann an Àisia a Tuath a tha ainmeil airson nan geamhraidhean fada, fada, fuar.
- àirde - Cho àrd 's a tha àite. Tha seo air a thomhas ann am meatairean os cionn ìre na mara.
- ìre na mara - Ìre chuibheasach na mara.
- teas bailteil - Nuair a tha bailtean agus mòr-bhailtean nas blàithe na an dùthaich mun cuairt air sgàth 's na th' annta de dhaoine, de thrafaig agus de thogalaichean.
- dùthchail - Sgìre air an dùthaich air falbh bho bhailtean trang.
Feuch dè nas aithne dhut
Sneachd air feadh an t-saoghail
Cliog air a' mhap gu h-ìosal agus faigh a-mach mu shneachd ann an diofar àitichean. An dèan thu a-mach dè dh'fhaodadh buaidh a thoirt air sneachd anns na sgìrean sin?

Rannsaich dè na bhios an sgìre agad a' faighinn de shneachd gach bliadhna.
An obraich thu a-mach dè dh'fhaodadh a bhith a' toirt buaidh air sneachd far a bheil thu a' fuireach. A bheil thu a' fuireach ann an àite àrd no ann am baile trang?
San artaigil seo, fhuair sinn a-mach carson a bhios barrachd sneachda ann an cuid a dh’àitichean seach àitichean eile, ach tha tuilleadh ri ionnsachadh! Faigh a-mach mar a tha diofar sheòrsaichean bhleideagan sneachda air an cruthachadh agus gu math a bharrachd.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic